Tha a' Phàrlamaid na fosadh gu 1 Sultain 2008 |
| |
Dealbh Meadhanan an t-Saoghail 2008 |
Bidh taisbeanadh 51mh co-fharpais Dealbh Meadhanan an t-Saoghail 2008 a’ tighinn don Phàrlamaid airson an treas turais san Lùnastal. Thèid na dealbhan a bhuannaich a thaisbeanadh bho Dhihaoine 8 Lùnastal gu Disathairne 30 Lùnastal 2008. Thoir sùil air an fhios naidheachd airson barrachd fiosrachaidh. |
|
| |
Fèis Poilitigs na h-Òigridh |
Dhùin cunntas Diluain 14 Iuchar a bha ann gus faighinn a-mach dè na cuspairean domhanta as cudromaiche ris am feum Alba dèiligeadh ann am beachd Òigridh na h-Alba. Thèid an cuspair a chaidh a thaghadh a chur an cèill an t-seachdain seo agus thèid a dheasbad mar phàirt de dh’Fhèis Poilitigs na h-Òigridh 23 Lùnastal.
’Se fèis na h-òigridh pròiseact air a cur ri chèile leis An Fhèis Poilitigs, An Fhèis Carnegie, Ceangal Òigridh na h-Alba, Pàrlamaid Òigridh na h-Alba, Comiseanair na h-Alba airson Cloinne is Daoine Òga agus Young Scot. |
|
| |
An Fhèis Poilitigs |
Bidh Ceistean Pàrlamaideach am measg nan tachartas aig Fèis Poilitigs na bliadhna seo a bhios ga cumail eadar Diciadain 20 agus Disathairne 23 Lùnastal. Bheir an seisean Ceistean Pàrlamaideach cothrom seachad pàirt a ghabhail ann an deasbad beòthail inntinneach le cuid de phrìomh luchd-poilitigs na Pàrlamaid bho na pàrtaidhean.
Tha tiogaidean rim faighinn air-loidhne bho www.festivalofpolitics.org.uk no tro bhith a’ fònadh 0131 473 2000. |
|
| |
| |
Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill aig Pàrlamaid na h-Alba
|
A bheil ceist agaibh mu Phàrlamaid na h-Alba? Ma tha, carson nach cuir sibh fios gu Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill. Is urrainn do Sheirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill ceistean fhreagairt air sreath de chuspairean, nam measg mar a bhios a’ Phàrlamaid ag obair, mar a thèid BPAan a thaghadh agus mar a ghabhar ri reachdas. Faodaidh sibh fios a chur gu Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill tro phost-d, litir, facs, fòn-teacsa agus fòn. Bidh an oifis fosgailte bho 9m gu 5f Diluain gu Dihaoine rè an fhosaidh.
Cuideachd, gheibhear freagairtean do mòran cheistean ann an earrann Ceistean gan Cur gu Tric aig Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill. |
|
| |
Prògraman ùr Tursan Sgoile Pàrlamaid na h-Alba
|
Is iad “Tadhlaibh air ur pàrlamaid” agus “Ur Pàrlamaid, Ur Sgoil” na prògraman foghlaim ùra againn do sgoiltean. Faodaidh sibh turas a chur air dòigh don Phàrlamaid ann an Dùn Èideann no faodaidh sinne a thighinn don sgoil agaibh. Tha seiseanan foghlam ann mar phàirt de gach seisean agus bi cothrom ann coinneachadh ri BPA (cho fad ’s a tha e comasach dhaibh a bhith an làthair). Faodaidh sibh a chàradh airson tursan eadar an t-Sultain agus an Dùbhlachd 2008 bho Dhiluain 9mh Ògmhios. Tha na prògraman seo rim faighinn tron Ghàidhlig do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgoil.
Airson barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ tadhail air a’ Phàrlamaid agus airson seiseanan a chlàradh, faicibh Education Programmes. |
|
| |
A’ tadhal air a’ Phàrlamaid
|
Bidh a’ Phàrlamaid na fosadh eadar 28 Ògmhios agus 31 Lùnastal 2008. Rè an àm seo, cha bhi gnothaichean pàrlamaideach oifigeil ann ach bidh an togalach fosgailte do luchd-tadhail.
Ma tha thu airson tighinn don phàrlamaid, gheibhear fiosrachadh mu uairean fosglaidh, tursan treòraichte agus foillseachaidhean air loidhne. Ma tha sibh airson tighinn don Phàrlamaid, tha fiosrachadh mu na h-uairean fosglaidh, mu thursan treòraichte agus mun crèche ri fhaighinn air-loidhne .
Tha grunn fhoillseachaidhean rim faighinn sa Phàrlamaid a bhios feumail don thuras agad, a’ gabhail a-staigh ‘Faigh a-mach mu Phàrlamaid na h-Alba’. Tha na foillseachaidhean rim faighinn air-loidhne. |
|
| |
|