AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA
A’ Phàrlamaid a’ taisbeanadh saothair-ealain bho 180 den luchd-ealain òg as fheàrr an Alba
15 Dàmhair – 6 Samhain
Bidh dealbhan, gràbhaladh agus seudaireachd air an dèanamh le 180 de na h-oileanaich as tàlantaiche an Alba rin sealltainn aig taisbeanadh air a chur air dòigh le Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba ann an Talla a’ Phobaill aig a’ Phàrlamaid an t-seachdain seo. Tha taisbeanadh nan saothairean-ealain, a chaidh a chruthachadh airson deuchainnean Àrd-ìre Ealain is Dealbhadh 2008, an-asgaidh agus fosgailte don phoball gus 6 Samhain. Tha prògram de thursan foghlaim ri fhaighinn airson sgoiltean na h-Alba gus ionnsachadh mun Phàrlamaid. Thoir sùil air an taisbeanadh.
Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd
An clàr-gnothach don tug a’ Phàrlamaid a taic air 29 Dàmhair 2008
Diciadain 5 Samhain 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh – An t-Urr. Dòmhnall Scott, Ministear, HMYOI Polmont
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Deasbad Ìre 1: Bile Airgead-dìolaidh (Tinneasan air sgàth Asbestos) (Alba) (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F)
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2759 Jeremy Purvis: Tionndadh gu Seirbheisean Digiteach (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 28 Dàmhair 2008)
Diardaoin 6 Samhain 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Atharrachaidhean Adhartais Sgrùdaidh air Structairean
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Còraichean nan Euslainteach
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 30 Sultain 2008)
12meadhan-latha Àm-Cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Slàinte agus Sàr-mhaitheis (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 30 Sultain 2008)
2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Cùmhnant nan Nàisean air Còraichean Pàiste
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2693 Nanette Milne: Saor-thoilich Seirbheis Coimhearsnachd (CSV) (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 13 Dàmhair 2008)
Diciadain 12 Samhain 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Deasbad Ìre 1: Bile Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ionmhais: Bile Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 13 Samhain 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 30 Sultain 2008)
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Cùisean Dùthchail is an Àrainneachd;
Ceartas is na h-Oifigearan Lagha (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri
Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 30 Sultain 2008)
2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Tachartasan Foghlam san t-seachdain a’ tòiseachadh 03 Samhain
Tha ar prògraman foghlaim gan ruith airson sgoiltean, cholaistean agus bhuidhnean foghlaim eile aig a bheil ùidh ann a bhith a’ faighinn a-mach tuilleadh mu obair na Pàrlamaid. Bidh sinn a’ tabhann dà dhòigh eadar-dhealaichte air pàirt a ghabhail anns a’ phrògram againn:
·Tadhailibh air Bhur Phàrlamaid – cothrom faighinn a-mach mu obair na Pàrlamaid ann an togalach Thaigh an Ròid.
·Bhur Pàrlamaid, Bhur Sgoil – far a bheil seiseanan a’ dol air adhart ann an sgoil.
Tursan Foghlam Taobh a-staigh
Diardaoin 6 Samhain
Àrd-sgoil Naomh Lùcais, Taobh Siar na h-Alba
Dihaoine 7 Samhain
Bun-sgoil Cleish, Ceann Ros
Bun-sgoil Naomh Machan, Glaschu
Bun-sgoil Chinn Rois, Ceann Ros
Tursan Foghlam Coimhesranachd
Diluain 3 Samhain
Bun-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
Bun-sgoil Clober, Muillean Dhàibhidh
Dimàirt 4 Samhain
Bun-sgoil Cradlehall, Inbhir Nis
Bun-sgoil Langlands, Forfar
Bun-sgoil Kirkinner, Newton Stewart
Diciadain 5 Samhain
Bun-sgoil Wallacestone, An Eaglais Bhreac
Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann
Bun-sgoil Forthview, Dùn Èideann
Diardaoin 6 Samhain
Bun-sgoil Hawthornden, Meadhan Lodainn
Bun-sgoil Bonnyrigg, Meadhan Lodainn
Bun-sgoil Windyknowe, Lodainn an Iar
Acadamaidh Bathgate, Lodainn an Iar
Bun-sgoil Cornbank Naomh Sheumais, Meadhan Lodainn
Àrd-sgoil Peinn na Cuthaig, Meadhan Lodainn
Àrd-sgoil Naomh Lùcais, Siorrachd Roinn Friù an Ear
Dihaoine 7 Samhain
Àrd-sgoil Kirkland, Methil
Sgoil Muirtown, Inbhirnis
Coinneamhan nan Comataidhean
Dimàirt 04 Samhain
Comataidh Co-ionannachd Chothroman
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6
Prìomh chuspair: 3
3. Bile Eucoirean (Tromachadh le Claon-bhàigh) (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Niki Kandirikirira, Stiùiriche Gnìomh, Engender;
Sandy Brindley, Co-òrdanaiche Nàiseanta, Cruas Eigneachaidh na h-Alba;
Louise NicIain, Neach-obrach Nàiseanta – Gnothaichean Laghail, Taic Bhoireannaich na h-Alba.
Comataidh Eòrpach agus Dàimhean Taobh a-muigh
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1
Prìomh chuspair: 2
2. Sgrùdadh Lèirmheas Buidseit an EU: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
An t-Àrd Ollamh Iain Begg, Institiud Eòrpach, Sgoil Eaconomaics Lunnainn.
Comataidh a' Cheartais
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Seòmar Comataidh 2
Prìomh chuspair: 2
2. Bile Eucoirean Feise (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Jan McClory, Leas-stiùiriche, Seirbheisean Chloinne is Theaghlaich, Clann air Thoiseach;
An t-Ollamh Ionatan Sher, Stiùiriche Sgrùdaidh, Leasachadh Poileasaidh & Coileanaidh, Clann ann an Alba;
Màrtainn Crewe, Stiùiriche, Barnardo na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Caitlin Marshall, Coimiseanair Chloinne is Dhaoine Òga na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Netta NicIomhair, Prìomh Neach-aithris, agus Karen Brady, Ceannard Coileanaidh, Rianachd Neach-aithris Cloinne na h-Alba.
Comataidh Còmhdhail, Bun-structar agus Atharrachadh Clìomaid
Coinnichidh a' Chomataidh aig 1.30f ann an Seòmar Comataidh 4
Prìomh chuspairean: 2 agus 3
2. Prògram a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho—
Iain Swinney BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is Fàs Seasmhach, Philip Wright, Leas-stiùiriche Atharrachadh Clìomaid, Dàibhidh Reid, Ceannard Prògram Riaghlaidh Ionmhais, Calum Reed, Àrd-oifigear, Còmhdhail na h-Alba, agus Guy Houston, Stiùiriche Ionmhais is Seirbheisean Chorporra, Còmhdhail na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba.
3. Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan Uisge na h-Alba 2007-08: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Sir Iain Byatt, Neach-gairm, agus Craig MacCoinnich, Neach-sgrùdaidh, Coimisean Gnìomhachas Uisge na h-Alba;
Cailean MacLabhrainn, Neach-riaghlaidh Inbhe Uisge-òl na h-Alba.
Comataidh an Ionmhais
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2
Prìomh chuspairean: 1 agus 3
1. Fo-reachdas: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh dreachd Òrdugh Ruigsinneachd Ro-fhoillseachaidh Dàta Oifigeil (Alba) 2008 bho—
Seumas Mather BPA, Ministear na h-Iomairt, Cumhachd is Turasachd, Marina Curran, Leas-neach Cunntais, Oifis Àrd-neach Cunntais, Rob Wishart, Àrd-neach Cunntais, agus Greumach Fisher, Ceannard Roinn Lagh Bun-reachd is Shìobhalta, Riaghaltas na h-Alba.
3. Bile Bùird Slàinte (Ballrachd is Taghaidhean) (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Meòmhrachan Ionmhais Bile Bùird Slàinte (Ballrachd is Taghaidhean) (Alba) bho—
Pàdraig Bales, Rùnaire, agus Brian Byrne, Neach-gairm, Comataidh Clàraidh Taghaidhean Buidheann Luchd-measaidh na h-Alba;
Agus an uairsin bho—
Coinneach Hogg, Leas-stiùiriche Lìbhrigeadh Slàinte, agus Raibeart Kirkwood, Oifigear Poileasaidh, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh nan Athchuingean Poblach
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1
Prìomh chuspairean 3, 4 agus 5
3. Sgrùdadh mu chùrsa nan athchuingean poblach: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Pàdraig MacColla, SCVO;
Hannah Cornish, Càirdeas Thagraichean No-eisimeileach na h-Alba;
Greumach Robasdan, Albannach Òg;
An t-Ollamh Laura Nic a’ Mhuilleir, Comann Hansard;
Comann Comhairlean Coimhearsnachd na h-Alba;
Liz Rowlett, Fòram Co-ionannachd Ciorram na h-Alba.
4. Beachdacheadh air athchuingean ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean ùra a leanas—
PE1193 Sòlarachadh luchd-teagaisg sàr-eòlach
PE1202 Còraichean leasachaidh ceadaichte aig ùghdarrasan cala
PE1203 Lèirmheas air seirbheisean aisig agus Cosgais Co-ionann an rathaid
PE1205 Sòlarachadh goireasan spòrs
PE1206 Ruigsinneach co-ionann do luchd-stiùiridh còmhdhail poblach
PE1207 Cead dealbhaidh ann an sgìrean àrd-chunnart thuiltean
PE1208 Cur às do dh’Òrdugh Coileanaidh Inbhe Càraidh
PE1209 Gàraidhean Caisteal Raibeart Brus
5. Beachdachadh air athchuingean gnàthaichte: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean gnàthaichte a leanas—
PE986 Dìon bho ghloinne briste
PE1052 A’ brosnachadh seirbheisean mnathan-glùine no-eisimealach
PE1057 Ionmhas sgrùdaidh a thaobh endometriosis
PE1107 Còmhdhail poblach an-asgaidh dhaibhsan fo aois 18 bliadhna
PE1113 Làimhseachadh dachaigh agus seachnaidh
PE1135 Lèirmheas air stiùiridhean gus ligeil le fir fallain a tha fearas-feiseach is dà-chomasach fuil a thoirt seachad
PE1139 Bòrd Tuarastal Àiteachais na h-Alba
PE1142 Faochadh chosgaisean uisge
PE1143 Còr fiosrachaidh
PE1144 dotSCO
PE1145 Sgeama cur-ris is toirt air-ais airson uidheaman-glèidhidh deoch
PE1146 Iomairt Thàlant Ùr
PE1155 Eucoirean òga
Comataidh an Fho-reachdais
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 6
Prìomh chuspairean 2, 3, 4 agus 5
2. Bile Eucoirean Feise (Alba): Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-ullachaidhean sa Bhile seo aig Ìre 1 airson cumhachdan tiomnaichte.
3. Bile Riaghladh Cunnart Thuiltean (Alba): Beachdaichidh a' Chomataidh air ullachaidhean cumhachdan tiomnaichte sa Bhile seo aig Ìre 1.
4. Bile Foghlam (Taic a bharrachd airson ionnsachaidh) (Alba): Beachdaichidh a' Chomataidh air ullachaidhean cumhachdan tiomnaichte sa Bhile seo aig Ìre 1.
5. Bile Cumhachd (Reachdas Pàrlamaid na RA): Beachdaichidh a' Chomataidh air na cumhachdan gus fo-reachdas a tha fo smachd Mhinistearan na h-Alba a chur sa Bhile Cumhachd (Reachdas Pàrlamaid na RA).
Diciadain 5 Samhain
Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd
Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.00m ann an Seòmar Comataidh 1
Prìomh chuspairean: 2, 3 agus 4
2. Prògram a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho—
Philip Riddle, Àrd-oifigear, VisitScotland;
Agus an uair sin bho—
Jack Perry, Àrd-oifigear, agus Ùisdean Hall, Àrd-oifigear Ionmhais, Iomairt na h-Alba;
Sandy Cumming, Àrd-oifigear, agus Sandy Brady, Stiùiriche Dealbhaidh Ro-innleachdail, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean;
Agus an uair sin bho—
An t-Ollamh Calum Reed, Àrd-oifigear, Dàibhidh MacAnndrais, Ceanard Còmhdhail, Sgrùdadh Eaconomaidh is Sgrùdaidh, agus Guy Houston, Stiùiriche Seirbheisean Ionmhais is Chorporra, Còmhdhail na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Geoff Aitkenhead, Stiùiriche Riaghlaidh Stòrais, agus Marc MacEòghain, Manaidsear Coitcheann Tasgaidh Calpa, Uisge na h-Alba.
3. Prògram a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho—
Seumas Mather MSP, Ministear na h-Iomairt, Cumhachd is Turasachd, Wilson Malone, Ceannard Lìonra Iomairt, Fiona Robasdan, Ceannard Seirbheis Stiùiridh Ro-innleachd Eaconomach, agus Maureen NicEòghann, Stiùiriche Sgioba Ionmhais Iomairt, Cumhachd is Turasachd, Riaghaltas na h-Alba.
4. Bile Cumhachd (Reachdas Pàrlamaid na RA): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh meòmhrachan cead reachdais LCM(S3) 12.2 bho—
Seumas Mather MSP, Ministear na h-Iomairt, Cumhachd is Turasachd, Neal Rafferty, Prìomh Chomhairliche Poileasaidh Ath-nuadhachail, Cairistiona NicAoidh, Prìomh Chomhairliche Poileasaidh Ath-nuadhachail, Ros Loveridge, Prìomh Chomhairliche Cumhachd, agus Linda Hamalton, Prìomh Oifigear Laghail, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4
Prìomh chuspair: 1
1. Fo-reachdas: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh dreachd Òrdugh Sòlarachadh Biadh Sgoile (As-choileanadh Riatanas Cosgais) (Alba) 2008 (SSI 2008/dreachd) bho—
Iain Turner, Stiùiriche Seirbheisean Chloinne is Theaghlaich, Urras Cùraim Chloinne Aberlour;
Tam Baillie, Stiùiriche Poileasaidh, Barnardo na h-Alba;
Iain Dickie, Ceannard Buidheann Gnìomh Bochdain Chloinne na h-Alba;
Mòr Nicleòid, Prìomh Oifigear Poileasaidh is Pàrlamaideach, Clann ann an Alba.
Comataidh Slàinte is Spòrs
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2
Prìomh chuspair: 2
2. Bile Bùird Slàinte (Ballrachd is Taghaidhean) (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Coinneach Hogg, Leas-stiùiriche, Lìbhrigeadh Slàinte, Beth Elliot, Neach-lagha, agus Raibeart Kirkwood, Oifigear Poileasaidh, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6
Prìomh chuspairean: 1 agus 3
1. Prògram a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho —
Nicola Sturgeon BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Slàinte agus Sàr-mhaitheis, Frances Wood, Leas-stiùiriche In-ghabhail Shòisealta, agus Mìcheal Foulis, Stiùiriche Taigheadais agus Ath-ghinealachaidh, Riaghaltas na h-Alba.
3. Prògram a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho —
Iain Swinney BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is Fàs Seasmhach, Ruairidh Dòmhnallach, Ceannard Sgioba Cìs Chosnaidh Ionadail, agus Greumach Owenson, Ceannard Sgioba Ionmhais Riaghaltas Ionadail, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Cùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 3
Prìomh chuspair: 2
2. Comhairle an Iasgaich: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh na cuspairean air an tèid beachdachadh aig coinneamh Chomhairle EU an Iasgaich san Dùbhlachd bho—
Bertie Armstrong, Àrd-oifigear, Caidreachas Iasgairean na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Ridseard Lochhead BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Cùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd, Frang Strang, Ceannard Iasgach Mhara (Glèidhteachas), agus Pòl McCarthy, Glèidhteachas Stoc agus Aontachadh (Iasgach Mhara), Riaghaltas na h-Alba.
Gheibhear pàipearan Comataidh aig:
Sgrùdadh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/audit/index.htm
Co-ionannachd Chothroman
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/equal/index.htm
Eòrpa is Dàimhean Taobh-a-muigh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/europe/index.htm
Ionmhas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/finance/index.htm
Ceumannan obrach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/procedures/index.htm
Athchuingean Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/petitions/index.htm
Inbhean is Dreuchdan Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/standards/index.htm
Fo-reachdas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/subleg/index.htm
Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/eet/index.htm
Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ellc/index.htm
Slàinte is Spòrs
Health and Sport: http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/hs/index.htm
Ceartas:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/justice/index.htm
Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/lgc/index.htm
Cùisean Dùthchail is Àrainneachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/rae/index.htm
Sgeama Peinnsean Pàrlamaid na h-Alba:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/spps/index.htm
Còmhdhail, Bun-structar is Atharrachadh Clìomaid:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ticc/index.htm
Ceanglaichean feumail ris an làraich-lìn
Tha clàr-innse naidheachdan sònraichte air a stèidheachadh airson naidheachdan Fòram Alba air Thoiseach:
http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/news/futuresforum_news.htm
Anns an earrainn Tadhail, Ionnsaich & Eadar-obraich den làrach-lìn againn gheibhear earrann ùraichte de dh’Eachdraidh na Pàrlamaid:
http://www.scottish.parliament.uk/vli/history/index.htm
Airson barrachd fiosrachaidh, is iad seo luchd-fiosrachaidh nam meadhanan:
Eric MacLeod: 0131 348 5389
Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk
Sally Coyne: 0131 348 6265
Post-d:sally.coyne@scottish.parliament.uk
Ann Donald: 0131 348 5605
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk
Stuart McLean 0131 348 6088
Post-d: stuart.mclean@scottish.parliament.uk
Tha pasan làitheil nam meadhanan rim faighinn bho Oifis Dhàimhean nam Meadhanan: http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/accreditation/index.htm
Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:
0131 348 5395 (Gàidhlig)
Post-d:gaidhlig@scottish.parliament.uk
0131 348 5000 (Beurla)
Post-d:sp.info@scottish.parliament.uk
Tha am fios naidheachd seo ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig gach seachdain. Bu chòir do dhuine sam bith a tha airson a bhith air an liosta-sgaoilidh fios a chur gu Seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air 0131 348 5395, gaidhlig@scottish.parliament.uk
|