Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 15 Sultain 2008

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-seachdain a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach gu na meadhanan gach feasgar Haoine.  Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal).

Tha e comasach gnotaichean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìon aig www.holyrood.tv

Ath-choinneamhan na Pàrlamaid


Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.00f Diciadain 17 Sultain.

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

An clàr-gnothach don tug a’ Phàrlamaid a taic air 10 Sultain 2008

Diciadain 17 Sultain 2008


2.00f Àm Cnuasachaidh – Ailig MacIll-Fhaolain, Stiùiriche-gnìomha, 'Reason Why'


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba


Air a leantainn le Deasbad Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh: 3mh Aithisg 2008: Sgrùdadh mu Leasachadh Eadar-nàiseanta (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-2466 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 8 Sultain 2008)


Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f
Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad a thaobh cuspair S3M-2506 Seac MacConaill: 2014: Bliadhna Spòrs do dh'Alba (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 9 Sultain 2008)

Diardaoin 18 Sultain 2008


9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Tuathan Cnuic agus Sgìrean Neo-fhàbharaichte


11.40m
Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 11 Sultain 2008)


12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha;

Eòrpa, Cùisean Taobh a-muigh agus Cultar (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 11 Sultain 2008)


2.55f Deasbad Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd: 6mh Aithisg 2008: Piantan Fàis – am faigh sinn àrdachadh 50% ann an ionmhas turasachd ro 2015?


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad a thaobh cuspair S3M-1972 Mícheal MacMhathain: Bochdainn Aillse (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 27 Cèitean 2008)
Diciadain 24 Sultain 2008


2.30f
Àm Cnuasachaidh


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean


Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le
Gnothaichean nam Ball

 

Diardaoin 25 Sultain 2008


9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


Air a leantainn le
Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba


11.40m
Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 11 Sultain 2008)


12meadhan-latha
Àm-cheistean a' Phrìomh Mhinisteir


2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Slàinte is Sàr-mhaitheis (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 11 Sultain 2008)


2.55f
Gnothaichean Ìre 3: Bile Breithneachaidh is Chùirtean (Alba)


Air a leantainn le
Gluasadan Biùro na Pàrlamaid


5.00f Àm Co-dhùnaidh


Air a leantainn le
Gnothaichean nam Ball

Tursan Foghlaim Taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh 15 Sultain

Diluain

Àrd-sgoil Mhic Labhrainn, Calasraid
Bun-sgoil Inbhir Chèitinn, Inbhir Chèitinn
Sgoil Albyn, Obar Dheathain

Diciadain
Bun-sgoil New Gilston, Fìobha
Bun-sgoil Inbhir Chèitinn, Inbhir Chèitinn
Sgoil Taigh Belmont, Newton Mearns
Bun-sgoil Naomh Iòsaph, Whitburn
Àrd-sgoil Siorrachd Bhearaig, Duns
Bun-sgoil Lìte, Dùn Èideann

Diardaoin
Acadamaidh Braeview, Dùn Dèagh
Ionad Foghlaim Wester Hailes, Dùn Èideann
Acadamaidh Meldrum, Siorrachd Obar Dheathain

Dihaoine
Àrd-sgoil Gracemount, Dùn Èideann
Acadamaidh Knox, Haddington
Bun-sgoil Wormit, Fìobha

 

Coinneamhan nan Comataidhean

Dimàirt 16 Sultain

 

Comataidh a' Cheartais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspair: 2

2. Fo-reachdas: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh dreachd Òrdugh (Sàbhalaidhean Eadar-amail is Ullachaidh Toraidh) 2008 fo Achd Proifeasan na Lagha is Taic Laghail (Alba) 2007 bho —
Coinneach MacAsgaill BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartas;
Cailean MacAoidh, Leas-stiùiriche, Roinn Siostam na Lagha, Pòl MacIain, Neach-lagha, Roinn Bun-reachd is Lagh Shìobhalta, Carol Snow, Neach-lagha, Roinn Bun-reachd is Lagh Shìobhalta, agus Carole NicIain, Comhairliche Poileasaidh, Seirbheis Stiùiridh Bun-reachd, Seirbheis Stiùiridh na Lagha is nan Cùirtean, Riaghaltas na h-Alba.

 

Comataidh an Ionmhais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspair: 1

1. Bile Àiteachan Pàircidh do Chiorramaich (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Meòmhrachan Ionmhais Bile Àiteachan Pàircidh do Chiorramaich (Alba) bho —
Jackie Baillie BPA;
Dàibhidh Cullum, Ceannard Aonad Bhilean Neo-riaghailteach, Riaghaltas na h-Alba.

 

Comataidh an Fho-reachdais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 6

DICIADAIN 17 SULTAIN

 

Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd

Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 6

Prìomh chuspairean: 2, 3, 4

2. A’ co-dhùnadh ’s a’ lìbhrigeadh àm ri teachd cumhachd do dh’Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air fianais sgrìobhte a fhuaras gu ruige seo airson an sgrùdaidh seo agus gnothaichean sam bith ag èirigh.
3. Sgrùdadh turasachd: piantan fàis – am faigh sinn àrdachadh de 50% ann an ionmhas turasachd ro 2015?: Beachdaichidh a' Chomataidh air freagairt Riaghaltas na h-Alba fa chomhair na h-aithisg sgrùdaidh aca.
4. Sgrùdadh Institiud Teicneòlais Cumhachd: Beachdaichidh a' Chomataidh air freagairt Riaghaltas na h-Alba fa chomhair na h-aithisg sgrùdaidh aca.

 

Comataidh Foghlaim, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspair: 2

2. Obair shòisealta: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Iain MacDhàibhidh, Leas-stiùiriche Ionaid, Roinn Gnothaichean Luchd-obrach is Comasan, agus Anndra Bruce, Stiùiriche Sgioba Ionaid, Sgioba Adhartachadh Lìbhrigidh, Seirbheis Stiùiridh Chloinne, Dhaoine Òga agus Cùram Shòisealta, Riaghaltas na h-Alba;
Dàibhidh Cumming, Leas-àrd Neach-sgrùdaidh na h-Obrach Shòisealta, Buidheann-gnìomha Sgrùdadh Obair Shòisealta.

 

Comataidh Slàinte is Spòrs

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 5

Prìomh chuspair: 2

2. Sgrùdadh No-ionannachd Slàinte: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Iain Moireach, Ceannard Ionnsachadh Coimhearsnachd is Cur-seachadan, Comhairle na Gàidhealtachd;
Sue Laughlin, Ceannard No-ionannachd is Adhartachadh Slàinte, NHS Mòr-sgìre Ghlaschu is Chluaidh;
An t-Ollamh Eric Baijal, Stiùiriche Slàinte Poblach is Poileasaidh Slàinte, agus Pip Farman, Eòlaiche Slàinte Poblach, NHS na Gàidhealtachd;
Ailig MacCoinnich, Stiùiriche, Com-pàirteachas Slàinte is Cùraim Coimhearsnachd Taobh a-Tuath Ghlaschu;
Agus an uair sin bho—
Màiri Allison, Ceannard Sgioba Slàinte nas Fheàrr, Cath Denholm, Stiùiriche No-ionannachd is Dealbhaidh, agus Iain Howie, Manaidsear Prògram Adhartachaidh Slàinte, NHS Slàinte na h-Alba.

 

Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspair: 2

2. Sgrùdadh Bochdain Chloinne: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Mgr Tam Baillie, Stiùiriche Poileasaidh, Barnardos;
Mgr Iain Dickie, Ceannard CPAG an Alba, Buidheann Gnìomh Bochdainn Chloinne;
Mgr Raibeart McGeachy, Manaidsear Poileasaidh is Gnothaichean Poblach, NCH na h-Alba;
Ms Màiread Doran, Stiùiriche Gnìomh airson Seirbheisean Foghlaim is na h-Obrach Shòisealta, Comhairle Baile Ghlaschu;
Mgr Pàdraig Kelly, Stiùiriche, Caidreachas Bochdainn;
An t-Ollamh Dùbhghlas Hamalton, Ceannard Poileasaidh is Sgrùdaidh, Save the Children;
Agus an uair sin bho—
Ms Mòr Davis, Manaidsear Poileasaidh Leasachaidh is Trèanaidh, Teaghlaichean Aon Phàrant Taobh an-Iar na h-Alba.

 

 

Gheibhear pàipearan Comataidh aig:

Sgrùdadh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/audit/index.htm

Co-ionannachd Chothroman
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/equal/index.htm

Eòrpa is Dàimhean Taobh-a-muigh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/europe/index.htm

Ionmhas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/finance/index.htm

Ceumannan obrach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/procedures/index.htm

Athchuingean Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/petitions/index.htm

Inbhean is Dreuchdan Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/standards/index.htm

Fo-reachdas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/subleg/index.htm

Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/eet/index.htm

Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ellc/index.htm

Slàinte is Spòrs
Health and Sport: http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/hs/index.htm

Ceartas:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/justice/index.htm

Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/lgc/index.htm

Cùisean Dùthchail is Àrainneachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/rae/index.htm

Sgeama Peinnsean Pàrlamaid na h-Alba:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/spps/index.htm

Còmhdhail, Bun-structar is Atharrachadh Clìomaid:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ticc/index.htm

Ceanglaichean feumail ris an làraich-lìn

Tha clàr-innse naidheachdan sònraichte air a stèidheachadh airson naidheachdan Fòram Alba air Thoiseach:

http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/news/futuresforum_news.htm


Anns an earrainn Tadhail, Ionnsaich & Eadar-obraich den làrach-lìn againn gheibhear earrann ùraichte de dh’Eachdraidh na Pàrlamaid:
http://www.scottish.parliament.uk/vli/history/index.htm

Airson barrachd fiosrachaidh, is iad seo luchd-fiosrachaidh nam meadhanan:

Eric MacLeod: 0131 348 5389

Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Sally Coyne: 0131 348 6265

Post-d:sally.coyne@scottish.parliament.uk

Ann Donald: 0131 348 5605
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk


Stuart McLean 0131 348 6088
Post-d: stuart.mclean@scottish.parliament.uk

Tha pasan làitheil nam meadhanan rim faighinn bho Oifis Dhàimhean nam Meadhanan: http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/accreditation/index.htm

Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:

0131 348 5395 (Gàidhlig)

Post-d:gaidhlig@scottish.parliament.uk

0131 348 5000 (Beurla)

Post-d:sp.info@scottish.parliament.uk


Tha am fios naidheachd seo ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig gach seachdain. Bu chòir do dhuine sam bith a tha airson a bhith air an liosta-sgaoilidh fios a chur gu Seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air 0131 348 5395, gaidhlig@scottish.parliament.uk