AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA
A’ Phàrlamaid a’ taisbeanadh saothair-ealain bho 180 den luchd-ealain òg as fheàrr an Alba
15 Dàmhair – 6 Samhain
Bidh dealbhan, gràbhaladh agus seudaireachd air an dèanamh le 180 de na h-oileanaich as tàlantaiche an Alba rin sealltainn aig taisbeanadh air a chur air dòigh le Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba ann an Talla a’ Phobaill aig a’ Phàrlamaid an t-seachdain seo. Tha taisbeanadh nan saothairean-ealain, a chaidh a chruthachadh airson deuchainnean Àrd-ìre Ealain is Dealbhadh 2008, an-asgaidh agus fosgailte don phoball gus 6 Samhain. Tha prògram de thursan foghlaim ri fhaighinn airson sgoiltean na h-Alba gus ionnsachadh mun Phàrlamaid. Thoir sùil air an taisbeanadh.
Ath-choinneamh na Pàrlamaid – Diciadain 29 agus Diardaoin 30 Dàmhair 2008
Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:
Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.30f air Diciadain 29 Dàmhair.
Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd
An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 08 Dàmhair 2008
Diciadain 29 Dàmhair 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh – An t-Urr. Iain Dòmhnallach, Westray agus Papa Westray, Arcaibh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Comhairle Bhreatainn-Èirinn
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1926 Elaine Mhoireach: Soirbheachas Ciad Bliadhna Leasachadh Co-obrachaidh na h-Alba (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 19 Cèitean 2008)
Diardaoin 30 Dàmhair 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Libearalaich Dheamocratach na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 9 October 2008)
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar;
Foghlam agus Ionnsachadh Fad-bheatha (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 9 Dàmhair 2008)
2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Gnè Ioma-ruagadh Neo-dhùthchasach
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2655 Coinneach Gibson: Bithibh Mothachail air Lupus (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 6 Dàmhair 2008)
Diciadain 5 Samhain 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 6 Samhain 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Slàinte is Sàr-mhaitheis
2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Tachartasan Foghlaim san t-seachdain a’ tòiseachadh 27 Dàmhair
Tha ar prògraman foghlaim air an ruith airson sgoiltean, cholaistean agus bhuidhnean foghlaim eile aig a bheil ùidh ann a bhith a’ faighinn a-mach barrachd mu obair na Pàrlamaid. Bidh sinn a’ tabhann dà dhòigh eadar-dhealaichte air pàirt a ghabhail anns a’ phrògram againn:
·Tadhail air a’ Phàrlamaid Agaibh – cothrom faighinn a-mach mu obair na Pàrlamaid ann an togalach Thaigh an Ròid.
·Bhur Pàrlamaid, Bhur Sgoil – far a bheil seiseanan a’ dol air adhart ann an sgoil.
Diluain 27 Dàmhair
Bidh Irene Oldfather BPA agus Aileen Chaimbeul BPA ag obair le sgoilearan Bun-sgoil 7 ann am Bun-sgoil Woodlands, Irvine.
Dimàirt 28 Dàmhair
Tadhlaidh luchd-obrach na Pàrlamaid air Bun-sgoil Bhictòria anns an Eaglais Bhreac & Bun-sgoil Boghall ann am Bathgate gus seiseanan foghlaim a lìbhrigeadh mar phàirt de phrògram na Pàrlamaid, Bhur Pàrlamaid, Bhur Sgoil.
Diciadain 29 Dàmhair
Tadhlaidh luchd-obrach na Pàrlamaid air Bun-sgoiltean Westhill agus Naomh Iòsaf ann an Obar Dheathain, Àrd-sgoil Rinn Friù agus Bun-sgoil Dunecht ann an Siorrachd Obar Dheathain gus seiseanan foghlaim a lìbhrigeadh mar phàirt de phrògram na Pàrlamaid, Bhur Pàrlamaid, Bhur Sgoil.
Diardaoin 30 Dàmhair
Tadhlaidh luchd-obrach na Pàrlamaid air Bun-sgoil Naomh Hilary ann an Cille Brìghde an Ear, Bun-sgoil Naomh Monica ann an Glaschu, agus Àrd-sgoil Inbhir Ùige ann an Gallaibh gus seiseanan foghlaim a lìbhrigeadh mar phàirt de phrògram na Pàrlamaid, Bhur Pàrlamaid, Bhur Sgoil.
Thig sgoilearean bho Bhun-sgoil Naomh Muire ann am Bo'ness gu Taigh an Ròid gus gnothaichean san t-Seòmar fhaicinn, a’ leantainn air turas don sgoil aca bho luchd-obrach na Pàrlamaid air 8 Dàmhair.
Dihaoine 31 Dàmhair
Bidh Seumas Hume BPA agus Karen Gillon BPA ag obair le sgoilearan Bun-sgoil 7 aig Bun-sgoil Craigbank ann an Larkhall, fhad’s a bhios Rhona Brankin BPA ag obair le sgoilearan sgrùdaidhean nuadh Àrd-ìre aig Àrd-sgoil Dhail Chè ann am Meadhan Lodainn.
Coinneamhan nan Comataidhean
Dimàirt 28 Dàmhair
Comataidh an Ionmhais
Seòmar Comataidh 2 aig 2.00f
1. Bile Bùird Slàinte (Ballrachd is Taghaidhean) (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Meòmhrachan Ionmhais Bile Bùird Slàinte (Ballrachd is Taghaidhean) (Alba) bho—
Dan House, Stiùiriche Sgioba a’ Bhile, agus Raibeart Kirkwood, Oifigear Poileasaidh, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Còmhdhail, Bun-structar is Atharrachadh Clìomaid
Seòmar Comataidh 1 aig 2.00f
1. Program a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10.
An t-Àrd Ollamh Jan Bebbington, Roinn Cunntasachd is Leasachaidh Seasmhachd, Oilthigh Chill Rìmhinn;
An t-Ollamh Craig MacCoinnich, Roinn na h-Iomairt Seasmhachd, Oilthigh Dhùn Èideann;
Roger Levett, Comhairliche Leasachaidh, Levett-Therivel;
Agus an uair sin bho—
Dàibhidh MacBhàtair, Eagraiche Albannach, UNISON;
An t-Ollamh Dan Barlow, Ceannard Poileasaidh, WWF na h-Alba;
Donnchadh MacLabhrainn, Àrd-oifigear, Caraidean na Cruinne an Alba;
Iain Stocks, Manaidsear, Urras Carbon na h-Alba.
Comataidh Inbhean is Cur-an-dreuchd Poblach
Seòmar Comataidh 4 aig 2.15f
4. Buidhnean Tar-phàrtaidh: Beachdaichidh a' Chomataidh air tagraidhean gus aithne a thoirt do dhà Bhuidheann Thar-phàrtaidh rim moladh
Comataidh an Fho-reachdais
Seòmar Comataidh 6 aig 2.30f
2. Bile Eucoirean Feise (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Gery McLaughlin (Stiùiriche Sgioba a’ Bhile)
Gòrdan MacNeacail (Seirbheis Stiùiridh Lagha Riaghaltas na h-Alba).
Comataidh a' Cheartais
Seòmar Comataidh 1 aig 10.15m
2. Fo-reachdas: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh dreachd Òrdugh Cùirt Eucoir Eadar-nàiseanta (Àm Cumail an Grèim) 2008 bho—
Coinneach MacAsgaill BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartais;
Iain Hockenhull, Manaidsear Poileasaidh, Roinn Cùrsa-obrach Eucoir, Dianne Drysdale, Stiùiriche Poileasaidh, Roinn Cùrsa-obrach Eucoir, agus Andrea Summers, Seirbheis Stiùiridh Lagha, Riaghaltas na h-Alba.
4. Bile Eucoirean Feise (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Sandy Brindlay, Co-òrdanaiche Nàiseanta, agus Eileen Maitland, Càs Èigneas na h-Alba;
Louise NicIain, Neach-obrach Gnothaichean Lagha Nàiseanta, Taic Boireannaich na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Susan Gallagher, Ceannard Poileasaidh agus Sgrùdaidh, agus Frida Petersson, Stiùiriche Poileasaidh, Taic Luchd-fulang na h-Alba.
Diciadain 29 Dàmhair
Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd
Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 2.
1. Cùrsa a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho—
Garry Mac na Clèirich, Ceannard Poileasaidh agus Gnothaichean Poblach, Seòmar Malairt na h-Alba;
Niall Stiùbhart, Manaidsear Gnothaichean Meadhain is Riaghaltais, Comhairle Leasachaidh is Gnìomhachais na h-Alba;
Mìcheal Levack, Àrd-oifigear, Caidreachas Togail na h-Alba;
Owen Kelly, Àrd-oifigear, Iomairt Ionmhais na h-Alba;
Iain Watt, Com-pàirtiche, Comhairle Riaghaltais is Fo-structair, Grant Thornton UK LLP;
An t-Ollamh Pàdraig Hughes, Àrd-oifigear, Innleadaireachd na h-Alba.
2. Lèirmheas air frèam-obrach poileasaidh phoblaich a’ brosnachadh as-mhalairt, malairt eadar-nàiseanta agus tasgadh thaobh a-staigh: Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de dh’aithisg sgrùdaidh agus gheibh iad fianais bho—
An t-Àrd Ollamh Hervey Gibson, Neach-gairm, agus Uilleam Mitchell, Manaidsear Sgrùdaidh, Ro-innleachdan Eadar-nàiseanta COGENT Earranta.
Comataidh Slàinte is Spòrs
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Seòmar Comataidh 4
Mar phàirt den chlàr-obrach aice, beachdaichidh a’ Chomataidh air:
2. Cùrsa a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho Nicola Sturgeon BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Slàinte is Sàr-mhaitheis; An t-Ollamh Caoimhin Woods, Stiùiriche, Slàinte Coitcheann, agus Àrd-oifigear, NHS na h-Alba; agus Iain MacMhathain, Stiùiriche Ionmhais, Seirbheisean-stiùiridh Slàinte, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan
Coinnichidh a' Chomataidh aig 11.00m ann an Seòmar Comataidh 5
Mar phàirt den chlàr-obrach aice, beachdaichidh a' Chomataidh air:
1. Fo-reachdas: Riaghailtean Coileanaidh Cumhachd Thogalaichean (Alba) 2008 (SSI 2008/309)
2. Prògram a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho riochdairean COSLA An Comhairliche Rob Moireach, Leas-chinn Suidhe, An Comhairliche Greumach Morrice, Neach-labhairt Goireasan is Comas, Barbara Lindsay, Stiùiriche Ro-innleachdail, agus Brenda Chaimbeul, Ceannard Ionmhais.
Comataidh Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar
Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 3
Beachdaichidh a' Chomataidh air:
1. Prògam a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Dreachd Buidseit Riaghaltas na h-Alba 2009-10 bho Fiona Hyslop BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Sgrùdaidh
Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.15m ann an Seòmar Comataidh 1
Mar phàirt den chlàr-obrach aice, beachdaichidh a' Chomataidh air:
2. Aithisg Earrann 23: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh aithisg Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba leis an ainm "Lèirmheas air cùram pearsanta is altramas an-asgaidh" bho—
An t-Ollamh Caoimhin Woods, Stiùiriche Coitcheann Slàinte agus Àrd-oifigear SSN na h-Alba, Greumach Dickson, Stiùiriche Prìomh Chùraim is Cùram Coimhearsnachd, agus Niall Rennick, Ceannard Aonad Dhaoine nas Sine, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Cùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6
Mar phàirt den chlàr-obrach aice, beachdaichidh a' Chomataidh air:
2. Fo-reachdas: Beachdaichidh a' Chomataidh air Òrdugh Iasgach Innse Odhar (Casg air Iasgach) (Bàgh Lamlash) (Alba) 2008 (SSI 2008/317).
3. Sgrùdadh Taigheadas Dùthchail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho Ridseard Lochhead BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Gnothaichean Dùthchail agus am Brew, Leas-stiùiriche, Roinn nan Coimhearsnachdan Dùthchail, agus Pauline Innes, Ceannard na Sgioba Roinneil (Tuath), Roinn Taigheadais is Tasgaidh, Riaghaltas na h-Alba.
4. Comhairle an Iasgaich: Gheibh a' Chomataidh fianais bho Nick Bailey, Co-òrdanaiche Comhairle an Iasgaich, Coby Needle, Eòlaiche-saidheans Measaidh agus Comhairliche Stoc Demersal, agus Iain Simmonds, Eòlaiche-saidheans Measaidh agus Comhairliche Stoc Pelagic, Seirbheisean Sgrùdaidh an Iasgaich.
Gheibhear pàipearan Comataidh aig:
Sgrùdadh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/audit/index.htm
Co-ionannachd Chothroman
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/equal/index.htm
Eòrpa is Dàimhean Taobh-a-muigh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/europe/index.htm
Ionmhas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/finance/index.htm
Ceumannan obrach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/procedures/index.htm
Athchuingean Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/petitions/index.htm
Inbhean is Dreuchdan Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/standards/index.htm
Fo-reachdas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/subleg/index.htm
Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/eet/index.htm
Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ellc/index.htm
Slàinte is Spòrs
Health and Sport: http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/hs/index.htm
Ceartas:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/justice/index.htm
Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/lgc/index.htm
Cùisean Dùthchail is Àrainneachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/rae/index.htm
Sgeama Peinnsean Pàrlamaid na h-Alba:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/spps/index.htm
Còmhdhail, Bun-structar is Atharrachadh Clìomaid:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ticc/index.htm
Ceanglaichean feumail ris an làraich-lìn
Tha clàr-innse naidheachdan sònraichte air a stèidheachadh airson naidheachdan Fòram Alba air Thoiseach:
http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/news/futuresforum_news.htm
Anns an earrainn Tadhail, Ionnsaich & Eadar-obraich den làrach-lìn againn gheibhear earrann ùraichte de dh’Eachdraidh na Pàrlamaid:
http://www.scottish.parliament.uk/vli/history/index.htm
Airson barrachd fiosrachaidh, is iad seo luchd-fiosrachaidh nam meadhanan:
Eric MacLeod: 0131 348 5389
Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk
Sally Coyne: 0131 348 6265
Post-d:sally.coyne@scottish.parliament.uk
Ann Donald: 0131 348 5605
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk
Stuart McLean 0131 348 6088
Post-d: stuart.mclean@scottish.parliament.uk
Tha pasan làitheil nam meadhanan rim faighinn bho Oifis Dhàimhean nam Meadhanan: http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/accreditation/index.htm
Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:
0131 348 5395 (Gàidhlig)
Post-d:gaidhlig@scottish.parliament.uk
0131 348 5000 (Beurla)
Post-d:sp.info@scottish.parliament.uk
Tha am fios naidheachd seo ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig gach seachdain. Bu chòir do dhuine sam bith a tha airson a bhith air an liosta-sgaoilidh fios a chur gu Seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air 0131 348 5395, gaidhlig@scottish.parliament.uk
|