AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA
Ath-choinneamh na Pàrlamaid
Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:
Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.30f air Diciadain 19 Samhain.
Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd
An clàr-gnothach don tug a’ Phàrlamaid a taic air 12 Samhain 2008
Diciadain 19 Samhain 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh – Pàdraig Chirnside, Tearfund, Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Bochdainn Connaidh
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Cairtean Dearbh-aithne
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2529 Seumas Kelly: Comann Tinneas Parkinson – Iomairt Lorg e ann an tìde (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 15 Sultain 2008)
Diardaoin 20 Samhain 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: A’ cur taic ri clann fo chùraim ann an Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson
Diardaoin 13 Samhain 2008)
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Ionmhas agus Fàs Seasmhach (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 13 Samhain 2008)
2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Tòiseachadh ùr do Chultar-mara na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2374 Alasdair MacAilein: Leasachadh Cànan na Gàidhlig (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 11 Lùnastal 2008)
Diciadain 26 Samhain 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Deasbad Ìre 1: Bile Àiteachan Pàircidh do Chiorramaich (Alba) (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 13 Dàmhair 2008)
Air a leantainn le Gluasad Ionmhais: Bile Àiteachan Pàircidh do Chiorramaich (Alba)
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 27 Samhain 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 13 Samhain 2008)
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Foghlam agus Ionnsachadh Fad-beatha,
Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 13 Samhain 2008)
2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Tachartasan sa Phàrlamaid an t-seachdain seo
Plana Gàidhlig Còig-bliadhna gu bhith air fhoillseachadh
Cuiridh Pàrlamaid na h-Alba am Plana Gàidhlig còig-bliadhna aice air bhog Diardaoin ann an Seòmar Comataidh 3 aig 10.30m. Tha am plana a’ togail air na thathar a’ dèanamh an-dràsta airson na Gàidhlig ann an iomadach dòigh a’ toirt a-steach ìomhaigh chorporra dhà-chànanach, a’ toirt treanadh mothachaidh na Gàidhlig do luchd-obrach agus a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ toirt suim don Ghàidhlig ann an dealbhadh poileasaidh.Gus bogadh a’ phlana còig-bliadhna a chomharrachadh bidh a’ Phàrlamaid a’ cumail dà-latha de thachartasan gus cuideam a chur air cleachdadh na Gàidhlig aig Taigh an Ròid Diardaoin agus Dihaoine.
Tachartasan Foghlaim san t-seachdain a’ tòiseachadh 10 Samhain
Tha ar prògraman foghlaim gan ruith airson sgoiltean, cholaistean agus bhuidhnean foghlaim eile aig a bheil ùidh ann a bhith a’ faighinn a-mach tuilleadh mu obair na Pàrlamaid. Bidh sinn a’ tabhann dà dhòigh eadar-dhealaichte air pàirt a ghabhail anns a’ phrògram againn:
· Tadhailibh air ur Pàrlamaid – cothrom faighinn a-mach mu obair na Pàrlamaid ann an Taigh an Ròid.
· Ur Pàrlamaid, Ur Sgoil – far a bheil seiseanan a’ dol air adhart ann an sgoil.
Diluain 17 Samhain
Bun-sgoil Peel, Baile Dhùn Lèibhe
Sgoil Rìoghail Dhùn Challainn, Peairt agus Ceann Rois
Sgoil Sràid Preston, Dùn Èideann
Dimàirt 18 Samhain
Ionad Foghlaim Wester Hailes, Dùn Èideann
Bun-sgoil Naomh Bhrìghde, Glaschu
Bun-sgoil Fintry, Dùn Dèagh
Diciadain 19 Samhain
Bun-sgoil Àrd Rìoghail, Dùn Èideann
Bun-sgoil Flòraidh Stevenson, Dùn Èideann
Bun-sgoil nan Ceàrnan, Glaschu
Colaste Marr, Troon
Acadamaidh Talla Uallas, Thornhill
Diardaoin 20 Samhain
Bun-sgoil Forthview, Dùn Èideann
Àrd-sgoil Hyndland, Glaschu
Acadamaidh Lìte, Dùn Èideann
Àrd-sgoil Caladair an Iar, Lodainn an Iar
Àrd-sgoil Naomh Benedict, Linwood
Dihaoine 21 Samhain
Acadamaidh Naomh Mata, Saltcoats
Ur Pàrlamaid, ur Sgoil – far a bheil seiseanan a’ dol air adhart aig sgoil.
Diluain 17 Samhain
· Bìdh Wendy Alexander, Ros Ó Finnai agus Uilleam Mac Bhàtair ag obair le sgoilearan bhon 5mh bliadhna aig Àrd-sgoil Rinn Friù.
· Bìdh Seonag NicLaomainn, Bashir Ahmad, agus Pàdraig Harvie ag obair le B7 ann am Bun-sgoil Naomh Monica.
· Anndra MacIlleChiar agus Ùisdean O' Dòmhnaill le sgoilearan Naomh Hilary Cille Brìghde an Ear.
· Màiri Mulligan & Fiona Hyslop le B7 Bun-sgoil Boghall, Bathgate.
Dimàirt 18 Samhain
· Luchd-obrach Foghlaim aig Bun-sgoil Balmerino, Newport air Tatha agus Bun-sgoil Kirkhill, Broxburn.
Diciadain 19 Samhain
· Luchd-obrach Foghlaim aig Bun-sgoil Kirklandpark, Strathaven; Bun-sgoil Blacklands, Kilwinning; Bun-sgoil Kinmylies, Inbhirnis.
Diardaoin 20 Samhain
· Luchd-obrach Foghlaim aig Bun-sgoil Maighdeann a’ Chur-an-cèill, Glaschu; Àrd-sgoil Bell Baxter
Dihaoine 21 Samhain
· Mìcheal MacMhathain, Ùisdean Ò Dòmhnaill aig clasaichean B6 Bun-sgoil Bhictòria, An Eaglais Bhreac
· Mìcheal Rumbles & Ailig MacIain aig B6/7 Bun-sgoil Dunecht, Siorrachd Obar Dheathain
Coinneamhan Comataidhean
Comataidh Co-ionannachd Chothroman
18 Samhain 2008
16mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2
2. Bile Eucoirean (Tromachadh le claon-bhàigh) (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1, timcheall a’ bhùird, bho—
An t-Ollamh Gòrdan Dòmhnallach, Oifigear Pàrlamaideach, CARE airson na h-Alba;
Eòghan Page, Manaidsear Gnothaichean Pàrlamaideach agus Riaghaltais, Coimisean Co-ionannachd is Còraichean Daonna (EHRC);
Alistair Stevenson, Oifigear Poileasaidh Poblach, Caidreachas Chrìosdail na h-Alba;
Nick Waugh, Oifigear Poileasaidh, Cuidich na Daoine Aosta Alba;
Ailean Cowan, Ball Comataidh LBGT, UNISON na h-Alba.
Comataidh a' Cheartais
18 Samhain 2008
28mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Seòmar Comataidh 6
1. Bile Eucoirean Feise (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho —
Leas-àrd Chonnstabal Ionaid Uilleam Skelly, Dleastanas Dìon Theaghlaich, Àrd-stiùireadair Sgrùdaidh Ionaid Calum Greumach, agus Àrd-neach Sgrùdaidh Louise Raphael, ACPOS;
Agus an uair sin bho-
An t-Àrd Ollamh Pamela NicFhearghais, Sgoil an Lagha, Oilthigh Dhùn Dèagh;
Seumas Chalmers, Sgoil an Lagha, Oilthigh Dhùn Èideann;
An t-Àrd Ollamh Michele Burman, Ionad Sgrùdaidh Eucoir is Ceartais na h-Alba, Oilthigh Ghlaschu;
Agus an uair sin bho-
An t-Àrd Ollamh Gerry Maher QC, A bha na Choimiseanair, Coimisean Lagha na h-Alba;
Agus an uair sin bho-
Bill Mac a’ Phiocair, Neach-gairm Comataidh Lagh Eucoir, agus Ailean McCreadie, Rùnaire Comataidh Lagh Eucoir, Comann Lagha na h-Alba; Iain Duguid QC, agus Ronnie Renucci QC, Comann nan Tagraichean.
Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh
18 Samhain 2008
18mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.30m ann an Seòmar Comataidh 1
5. A’ làimhseachadh dleastanasan an AE ann an Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Lèirmheas air Buidhnean Taic SPCB
18 Samhain 2008
1mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 12.00f ann an Seòmar Comataidh 4
2. Taghadh Neach-gairm: Taghaidh a’ Chomataidh an Neach-gairm aice.
3. Taghadh Leas-neach Gairm: Taghaidh a’ Chomataidh an Leas-neach Gairm aca.
5. Co-dhùnadh a thaobh a bhith a’ gabhail cuspairean ann an dìomhaireachd: Thig a’ Chomataidh gu co-dhùnadh a thaobh am bu chòir cuspair 6 a ghabhail ann an dìomhaireachd.
6. Lèirmheas air Buidhnean Taic an SPCB. Beachdaichidh a' Chomataidh air mar a sheallas iad air an sgrùdaidh.
Comataidh an Ionmhais
18 Samhain 2008
27mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 4
3. Cùrsa a’ Bhuidseit 2009-10 (Ìre 2): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Buidseit Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba 2009-10 bho—
Tòmas Mac an Aba, BPA, Ball de Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba, Pòl Grice, Clàrc agus Àrd-oifigear, agus Derek Croll, Ceannard Goireasan Ionmhais, Pàrlamaid na h-Alba.
4. Bile Riaghlaidh Cunnart Tuiltean (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Meòmhrachan Ionmhais Bile Riaghlaidh Cunnart Tuiltean (Alba) bho—
Seumas Conlin, Manaidsear Riaghlaidh, Uisge na h-Alba;
Dàibhidh Faichney, Manaidsear Aonad Rabhaidh Thuiltean, agus Chrìsdean Spray, Stiùiriche Saidheans Àrainneachd, Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba;
Jeff Green, Ceannard Rathaidean, Comhairle Machair Aonghais;
Raibeart Hopewell, Innleadair Stiùiridh (Dealbhadh Thuiltean agus Structar), Comhairle Siorrachd Air a-Tuath.
Comataidh nan Athchuingean Poblach
18 Samhain 2008
17mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1
1. Beachdaichadh air Athchuingean ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean ùra a leanas—
PE1198, PE1199 and PE1200 Dleastanas luchd-tadhail slàinte
Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
An t-Ollamh Anna Mullin, An t-Ollamh Phil MacUilleam, An t-Ollamh Georgina L NicIlleDhuinn, An t-Ollamh Cailean MacIlleDhuinn, An t-Ollamh Pàdraig Cawston agus an t-Ollamh Kate Pickering
PE1197 Cothrom air riochdachadh laghail
PE1204 Taic agus brosnachadh airson seirbheisean smior nan cnàmhan
PE1210 Dìleabach fo lagh luchd-ionaid
PE1211 Seirbheisean lìbhrigidh sa Ghàidhealtachd
2. Beachdaichadh air athchuingean gnàthaichte: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean gnàthaichte a leanas—
PE1047 agus PE1081 Àrainneachd mara agus làrach adhair
PE1067 Ag ùrachadh an A76
PE1071 Luchd-teagaisg tadhail sònraichte
PE1073 Caitligich ann am prìosanan na h-Alba
PE1095 Dìon bho leasachaidhean tuathan-gaoithe
PE1100 Sòlarachadh goireasan motair-bhaidhsagal
PE1108 Sòlarachadh druga Cetuximab thar Bùird NHS
PE1113 Làimhseachadh dachaigheil agus seachnaidh
PE1141 Curàm do chlàran leigheil
PE1147 Sgrùdadh air bùird seirbheis smàlaidh
PE1149 Àiteachan pàircidh chàraichean ciorramaich
PE1151 Lèirmheas air scrìonadh airson hypertrophic cardiomyopathy agus suidheachaidhean cridhe
PE1152 Sòlarachadh CCTV
PE1156 Na tha as fheàrr don chloinn
Comataidh Còmhdhail, Bun-structar agus Atharrachadh Clìomaid
18 Samhain 2008
22mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2
1. Sgrùdadh mu na buannachdan a dh’fhaodadh a thighinn bho sheirbheisean rèile àrd-astair: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
An Comhairliche Barbara NicIlleRuaidh, Rùnaire a' Chaibineit airson na h-Àrainneachd, Sgìre Hounslow an Lunnainn, agus Cailean Elliff, Comhairliche Rèile Àrd-astair, Buidheann 2M;
Greumach Bell, Neach-gairm, Àrd-astair 2 na h-Alba;
Julie Mills, Stiùiriche, Greengauge 21;
Agus an uair sin bho-
Cailean Howden, Stiùiriche, agus Pòl Tetlaw, Neach-gairm, Transform Scotland;
Agus an uair sin bho-
An t-Àrd Ollamh Ruairidh Mac a’ Ghobhainn, Roinn Innleadaireachd Innleachdach, Colaiste Ìmpireil Lunnainn;
Mìcheal Hayes, Manaidsear Gnìomhachais, Dealbhadh Rèile, Atkins;
An t-Àrd Ollamh Roger Kemp, Roinn Innleadaireachd, Oilthigh Lancaster.
Comataidh Inbhean is Cur-an-dreuchd Poblach
18 Samhain 2008
19mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 5
4. Stiùireadh mu Bhilean Prìobhaideach: Beachdaichidh a' Chomataidh air nota bhon Chlàrc agus dreachd de stiùireadh a thaobh Bilean Prìobhaideach.
Comataidh an Fho-reachdais
18 Samhain 2008
32mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 3
3. Ionnstramaidean neo-nìtheachaidh: Beachdaichidh a' Chomataidh air na leanas—
Òrdugh Atharrachaidh Slàinte Phlanntaichean (Alba) (Àir.2) 2008 (SSI 2008/350);
Riaghailtean Atharrachaidh Sgìrean Adhartais Gnìomhachais (Alba) 2008 (SSI 2008/359);
Riaghailtean Atharrachaidh Luach Reiteachaidh (Plannt is Uidheaman) (Alba) 2008 (SSI 2008/360);
Òrdugh Cùirtean nam Britheamh Sgìreil (Sgìre Siorrachd Thaobh Tatha, Meadhan Alba is Fìobha) 2008 (SSI 2008/363);
Riaghailtean Atharrachaidh Caoraich is Gobhairean (Aithne agus Cothrom Lorg) (Alba) 2008 (SSI 2008/368).
Comataidh Foghlaim, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar
19 Samhain 2008
28mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1
1. Fo-reachdas: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh dreachd de dh’ Òrdugh Sòlarachadh Bìdh-sgoile (Cur às do Riatanas Cosgais) (Alba) 2008 (SSI 2008/dreachd) bho—
Àdhamh Ingram BPA, Ministear Chloinne agus Bliadhnaichean Thràth, Mìcheal Gibson, Leas-stiùiriche, Roinn Taic Ionnsachaidh, Dàibhidh Cowan, Manaidsear Poileasaidh, Roinn Taic Ionnsachaidh, agus Jackie Horne, Prìomh Oifigear Sgrùdaidh, Roinn Seirbheisean Mion-sgrùdaidh Foghlaim, Riaghaltas na h-Alba.
2. Fo-reachdas: Bidh Àdhamh Ingram BPA (Ministear na Cloinne agus Bliadhnaichean Thràth) a’ gluasad S3M-2765—
Gum bu chòir do Chomataidh an Fhoghlaim, an Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar gabhail ri dreachd Òrdugh Sòlarachadh Bìdh-sgoile (Cur às do riatanas cosgais) (Alba) 2008.
3. PE1022: Beachdaichidh a' Chomataidh air PE1022 bhon Ollamh Moireach Hill a’ gairm air Pàrlamaid na h-Alba deasbad a chumail air feum èiginneach atharrachadh a dhèanamh air ro-innleachd gus a bhith a’ cruaidh-bhrosnachadh ionnsachadh cànan coimheach agus mothachaidh eadar-chulturail ann an sgoiltean, cholaistean agus oilthighean na h-Alba.
Comataidh Slàinte is Spòrs
19 Samhain 2008
28mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6
2. Bile Bùird Slàinte (Ballrachd agus Taghaidhean) (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
An t-Ollamh Dean Marshall, Neach-gairm Comataidh Dhotairean Teaghlaich na h-Alba, Comann Leigheil Bhreatainn;
Raonaid Cackett, Comhairliche Poileasaidh, Colaiste Altramais Rìoghail na h-Alba;
Dàibhidh MacBhàtair, Eagraiche Albannach, Poileasaidh, UNISON;
Agus an uair sin bho-
An Comhairliche Ronnie MacColla, Neach-labhairt Slàinte agus Sàr-mhaitheis, agus Ron Culley, Manaidsear Poileasaidh, COSLA;
Eanraig Stevenson, Stiùiriche Gnìomh Goireasan na h-Obrach Shòisealta, Comhairle Siorrachd Lànnraig a-Deas;
Gremach Hope, Stiùiriche Seirbheisean Luchd-ceannach agus Taic, Comhairle Lodainn an Iar;
Agus an uair sin bho-
Dùbhghlas Mac a’ Cheàrdaich, Neach-gairm, agus Ealasaid NicDhòmhnaill, Àrd-thagraiche Poileasaidh, Fòcas Luchd-ceannach na h-Alba;
Pat McGuigan, Stiùiriche, agus Bill Scott, Oifigear Poileasaidh, In-ghabhail na h-Alba;
Phil McAndrew, Oifigear Fiosrachaidh, Slàinte Saor-thoileach na h-Alba.
Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan
19 Samhain 2008
29mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4
2. Sgrùdadh air bochdainn cloinne ann an Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Rhona Choineagain, Manaidsear, Gingerbread Fìobha;
Shona Honeyman, Oifigear Leasachaidh, ag obrachadh airson Teaghlaichean Glaschu;
Laurie Ruiseal, Àrd-oifigear, Buidheann Wise.
Comataidh an Leasachaidh Dhùthchail is na h-Àrainneachd
19 Samhain 2008
21mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2
3. Bile Riaghlaidh Cunnart Tuiltean (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho—
Nick Evans, Prìomh Neach-dealbhaidh a thaobh Leasachadh Seasmhach, Atharrachadh Aimsir agus Cumhachd Ath-nuadhachail, Stiùbhart Greig, Prìomh Oifigear Poileasaidh Thuiltean, Lindsey NicEanraig, Prìomh Oifigear Lagha, Seirbheisean Lagha, Bob Irvine, Leas-stiùiriche Uisge, Roinn Adhair, Talamh agus Tuiltean, Louise Nic a’ Mhuileir, Ceannard Meur 2 Biadh is Àrainneachd, Seirbheisean Lagha, Fiona Quinn, Manaidsear Bile Thuiltean, agus Judith Tracey, Stiùiriche Sgioba Poileasaidh Thuiltean, Riaghaltas na h-Alba.
4. Athchuinge PE1207: Beachdaichidh a' Chomataidh air athchuinge bho Gòrdan Mac a’ Cheàrdaich ag iarraidh lèirmheas air poileasaidh dealbhaidh na h-Alba gus casg a chur air leasachaidhean ann an sgìrean air an comharrachadh mar sgìrean àrd-chunnart tuiltean.
Gheibhear pàipearan Comataidh aig:
Sgrùdadh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/audit/index.htm
Co-ionannachd Chothroman
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/equal/index.htm
Eòrpa is Dàimhean Taobh-a-muigh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/europe/index.htm
Ionmhas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/finance/index.htm
Ceumannan obrach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/procedures/index.htm
Athchuingean Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/petitions/index.htm
Inbhean is Dreuchdan Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/standards/index.htm
Fo-reachdas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/subleg/index.htm
Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/eet/index.htm
Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ellc/index.htm
Slàinte is Spòrs
Health and Sport: http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/hs/index.htm
Ceartas:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/justice/index.htm
Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/lgc/index.htm
Cùisean Dùthchail is Àrainneachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/rae/index.htm
Sgeama Peinnsean Pàrlamaid na h-Alba:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/spps/index.htm
Còmhdhail, Bun-structar is Atharrachadh Clìomaid:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ticc/index.htm
Ceanglaichean feumail ris an làraich-lìn
Tha clàr-innse naidheachdan sònraichte air a stèidheachadh airson naidheachdan Fòram Alba air Thoiseach:
http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/news/futuresforum_news.htm
Anns an earrainn Tadhail, Ionnsaich & Eadar-obraich den làrach-lìn againn gheibhear earrann ùraichte de dh’Eachdraidh na Pàrlamaid:
http://www.scottish.parliament.uk/vli/history/index.htm
Airson barrachd fiosrachaidh, is iad seo luchd-fiosrachaidh nam meadhanan:
Eric MacLeod: 0131 348 5389
Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk
Sally Coyne: 0131 348 6265
Post-d:sally.coyne@scottish.parliament.uk
Ann Donald: 0131 348 5605
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk
Stuart McLean 0131 348 6088
Post-d: stuart.mclean@scottish.parliament.uk
Tha pasan làitheil nam meadhanan rim faighinn bho Oifis Dhàimhean nam Meadhanan: http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/accreditation/index.htm
Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:
0131 348 5395 (Gàidhlig)
Post-d:gaidhlig@scottish.parliament.uk
0131 348 5000 (Beurla)
Post-d:sp.info@scottish.parliament.uk
Tha am fios naidheachd seo ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig gach seachdain. Bu chòir do dhuine sam bith a tha airson a bhith air an liosta-sgaoilidh fios a chur gu Seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air 0131 348 5395, gaidhlig@scottish.parliament.uk
|