Fios Naidheachd
A’ Phàrlamaid a' sireadh bheachdan a' phobaill air Plana Gàidhlig
29 Samhain 2007
Thathar air iarraidh air a’ phoball an cuid bheachdan a nochdadh mun dhreachd phlana aig Pàrlamaid na h-Alba gus cleachdadh agus inbhe na Gàidhlig anns a’ Phàrlamaid a neartachadh.
Chaidh sgaoileadh a’ phlana ainmeachadh aig deireadh an deasbaid aig BT airson nan Sgoiltean Gàidhlig a chaidh a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba a-nochd.
|
 |
Tha am plana air a dhèanamh suas le tionnsgnaidhean ann an ceithir raointean mòra: conaltradh leis a’ phoball agus le buidhnean eile; aithne chorporra agus lèirsinneach; foillseachaidhean agus; taic ri cleachdadh na Gàidhlig am measg an luchd-obrach.
Thuirt Ailig MacFhearghais BPA, Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba:
“Tha farsaingeachd sheirbheisean ga tabhann do luchd-labhairt na Gàidhlig leis a’ Phàrlamaid cheana. Cuiridh na molaidhean a tha gan cur an cèill anns a’ phlana ris na seirbheisean seo agus ris a’ chothrom a tha aig a’ phoball.
“Tha Gàidhlig na phàirt cudromach de dh’ionannachd chulturail shaidhbhir na h-Alba agus dh’iarrainn air muinntir na h-Alba an cuid bheachdan a nochdadh rinn mu na tha san amharc againn mu chleachdadh agus mu inbhe a’ chànain.”
Fo Achd na Gàidhlig (Alba), tha cumhachdan aig Bòrd na Gàidhlig iarraidh air buidhnean poblach Planaichean a chur ri chèile gus na seirbheisean aca a thairgse ann an Gàidhlig. Tha Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba air aon de na buidhnean sin.
Mairidh am pròiseas co-chomhairleachaidh seo bho an-diugh gu 14 Faoilleach 2008. An dèidh don cho-chomhairleachadh tighinn gu crìch, thèid plana na Pàrlamaid a chur gu Bòrd na Gàidhlig ro 30 Giblean 2008 air a' char as fhaide dheth.
Cùl-fhiosrachadh
Tha lethbhreac den phlana agus fiosrachadh mu ciamar as urrainn dhuibh beachdan a nochdadh ri fhaotainn air làrach-lìn na Pàrlamaid aig:
www.scottish.parliament.uk/planagaidhlig.
Tha fiosan naidheachd rim faotainn ann an Gàidhlig ma thèid an iarraidh agus air làrach-lìn na Pàrlamaid. Tha agallamhan rim faotainn ann an Gàidhlig ma thèid an iarraidh.
Dealbhan
Bidh dealbhan de dheasbad BT nan Sgoiltean Gàidhlig rim faotainn an dèidh làimhe le bhith a’ cur fios gu Andrew Cowan ann an Oifis nam Meadhanan aig Pàrlamaid na h-Alba air 0131 348 6269 no andrew.cowan@scottish.parliament.uk.
Airson barrachd fiosrachaidh, is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan:
Kallon Basham: 0131 348 6088
Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: kallon.basham@scottish.parliament.uk
Airson cheistean air fiosrachadh poblach, cuiribh fios gu 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìre ionadail), Fòn-teacsa: 0131 348 3415, Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig
|