Fios Naidheachd
SPCB air Atharrachaidhean air Uairean-fosglaidh an Togalaich Phoblaich aig Taigh an Ròid ainmeachadh
19 Dùbhlachd 2007
Chaidh atharrachaidhean air uairean-fosglaidh don phobal a bhios a’ tadhal air togalach Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh an-diugh.
A’ tòiseachadh air 10 Gearran 2008, bidh Taigh an Ròid fosgailte don phoball sia latha san t-seachdain agus bidh an togalach dùinte Didòmhnaich ach don fheadhainn aig a bheil cead agus do luchd-tadhail còmhla ri daoine aig a bheil cead.
Mar phàirt de na ceumannan ùra, bidh e mar amas aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB) cur dà uiread ri ìre nan sgoilearan agus nan daoine òga a bhios an sàs ann an clàr-foghlaim Thaigh an Ròid.
Uile gu lèir, fo an ceumannan seo, cuiridh Taigh an Ròid goireasan agus cuideam air adhart gus an bi barrachd ceangail aig a’ phoball ris na h-àrainnean ùra.
Ged a tha ìre nan daoine a bhios a’ tadhal air Taigh an Ròid fhathast làidir, thuirt Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais gun d’rinn fosgladh Didòmhnaich feum na latha ach gun robh an t-àm ann beachd a ghabhail agus feuchainn ri cothroman ùra fhaighinn ach am faodadh am poball a bhith an sàs barrachd ann an obair na Pàrlamaid. Thuirt Mgr MacFhearghais:
“An toiseach gnothaich, chuir an SPCB roimhpe fosgladh seachd latha san t-seachdain aig Taigh an Ròid gus frithealadh air ùidh mhòr a’ phobaill anns an togalach ùr. Shoirbhich gu math le seo le còrr math is millean de luchd-tadhail air a bhith a’ tadhal air a’ Phàrlamaid gu ruige seo.
“Trì bliadhna bhon latha sin, ge-tà, tha am fiosrachadh a tha againn mu ìrean agus mu ghiùlan luchd-tadhail a’ leigeil fhaicinn gur e latha caran sàmhach a bhios ann Didòmhnaich. Mar a bhiodh dùil, bidh a’ chuid as motha den luchd-tadhail ag iarraidh tadhal san t-seachdain-obrach nuair a bhios a’ Phàrlamaid na suidhe agus cothrom ann gnothach ann an gnìomh fhaicinn agus conaltradh a dhèanamh ri Buill.
“Tha an SPCB air a chur roimhpe mar sin gun cuir sinn cuideam air gnothaichean ann an seachdain sia latha, le Disathairne na chothrom fhathast don fheadhainn a bhios ag obair tron t-seachdain.”
Agus e a-mach air na gnothaichean-foghlaim ùra, thuirt Mgr MacFhearghais cuideachd:
“Aig toiseach na bliadhn’ ùire, bidh an cothrom ann cuideam a ghluasad gu raointean eile. Tha mi gu math toilichte ainmeachadh gum bi e comasach dhuinn cur an ire mhath dà uiread ri ìre nan sgoilearan a bhios a’ tadhal air Taigh an Ròid no tadhal orra fhèin sna coimhearsnachdan aca air feadh na h-Alba.
“Ri linn bliadhna-sgoile 2008/09 cuiridh sinn ris na clàran-foghlaim againn gach cuid air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh agus tursan-sgoile an-asgaidh a thairgse do sgoilearan agus do thidsearan a bhios a’ tadhal air Taigh an Ròid.”
Tha an SPCB an dùil cur barrachd agus dà uiread ri ire nan daoine òga air clàran air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh bho 20,000 gu còrr is 40,000.
Co-dhùnadh SPCB
Agus iad air co-dhùnadh a ghabhail gluasad gu bhith fosgailte sia latha san t-seachdain, ghabh an SPCB beachd air ìrean luchd-tadhail air Taigh an Ròid uile gu lèir agus ìrean Didòmhnaich.
Leig na h-àireamhan don chiad bhliadhna-ionmhais 2005/06 aig Taigh an Ròid fhaicinn gun robh an togalach fosgailte don phoball air 341 latha, a’ tarraing 371,755 de luchd-tadhail. Ann an 2006/07 bha an togalach fosgailte don phoball 357 latha, a’ tarraing 317,755 de luchd-tadhail.
Stèidhichte air an fhrithealadh a tha ann an-dràsta agus air an sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air, is coltach gum bi àireamh bliadhnail san àm ri teachd aig mu 325,000 gu 350,000.
Ann am mìosan an t-samhraidh, tharraing Taigh an Ròid 1,330 de luchd-tadhail mar mheadhan air làithean-gnothaich, an taca ri 730 de luchd-tadhail air Disathairne agus 475 Didòmhnaich.
Ann am mìosan a’ gheamhraidh, bha na h-àireamhan aig 1,100 air làithean-gnothaich, 600 Disathairne agus 430 Didòmhnaich.
Buidseat SPCB 2008-09
Thug Tom Mac an Aba aithisg do Chomataidh Ionmhais na Pàrlamaid san t-Samhain 2007 a bharrachd air iarrtas-buidseit na h-ath bhliadhna a bhith nas ìsle ann an fìrinn na am buidseat am-bliadhna, gun cumadh an SPCB oirre an tòir air cothroman gus caiteachas a ghleidheadh nuair as urrainn dhì.
Thathar an dùil gun cuir a bhith a’ dùnadh Didòmhnaich air chomas an SPCB mu £250,000 an comhair na bliadhna de chosgaisean-obrachaidh, cosgaisean air goireasan agus le cumail-suas nas èifeachdaiche a thaobh cosgais, a chaomhnadh.
Claonaidhean luchd-tadhail anns an fharsaingeachd an dèidh a’ Chèitein 2007
Tha na h-àireamhan as ùire mu mhìos làn de luchd-tadhail bhon Dàmhair 2007 a’ leigeil fhaicinn gun do thadhail 36,919 de luchd-tadhail air Taigh an Ròid, a tha na àrdachadh de bharrachd is 1,800 bhon Dàmhair 2006. Air an aon dòigh, sa chiad dà sheachdain den t-Samhain bha 13,325 de luchd-tadhail, a tha na àrdachadh de bharrachd is 1,400 air an aon ùine ann an 2006.
Tha an fhèill air ticeadan airson Àm nan Ceist a’ Phrìomh Mhinisteir nas àirde na an solar fhathast.
Faodar an t-àrdachadh air ìrean luchd-tadhail a mhìneachadh cuideachd mar thoradh air an àrdachadh 25 a-mach às a’ cheud air na tachartasan a thathar a’ cumail aig Taigh an Ròid a bhios a’ tairgse farsaingeachd de chothroman do chaochladh roinnean tighinn agus ceistean a dheasbad le Buill.
Bhon t-Sultain gu ruige an Dùbhlachd 2007 bha àrdachadh 25 a-mach às a’ cheud de na tachartasan seo an coimeas ris an aon ùine san dà bhliadhna mu dheireadh aig Taigh an Ròid, le mu 10,000 neach a’ frithealadh air tachartasan aig an àm seo.
Cuideachd, tha Taigh an Ròid air farsaingeachd de thaisbeanaidhean sealach a bhuineas do shaoghal an latha an-diugh agus a tha saor an-asgaidh don phoball a chur ri chèile. Am measg nan taisbeanaidhean a tha air a bhith ann am-bliadhna tha taisbeanadh Dhealbhan Luchd-mheadhanan an t-Saoghail le còrr agus 3,000 luchd-tadhail; fèilleachadh 300 bliadhna bho Achd an Aonaidh agus, a’ dol air adhart gu ruige 6 Faoilleach, ‘Cridhe na Gàidhealtachd – Ciùird air Ghaidhealtachd’.
Uairean Diluain gu Didòmhnaich
Anns an t-Samhain, thug Tom Mac an Aba aithisg do Chomataidh an Ionmhais gun dùnadh Taigh an Ròid airson seachdain an fhosaidh sa Ghearran gach bliadhna gus caomhnadh bho obair cumail-suas bhliadhnail a dhèanamh. Tha seo a’ cur ar chomas gum faodar obair cumail-suas a tharraing a-mach ri linn uairean-obrach àbhaisteach seach anns an oidhche mar a bu chleachdadh.
Tha fiosrachadh slàn mu na h-uairean-fosglaidh ùra, le beagan atharrachaidhean beaga air fosgladh san t-seachdain agus ri linn don Phàrlamaid a bhith ann, ri fhaotainn aig:
http://www.scottish.parliament.uk/vli/visitingHolyrood/index.htm
Airson barrachd fiosrachaidh, is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan:
Eric MacLeòid: 0131 348 5389
Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte 18001 0131 348 5389
Post-dealain:
eric.macleod@scottish.parliament.uk
Airson cheistean air fiosrachadh poblach, cuiribh fios gu 0131 348 5000, Fòn-teacsa: 0131 348 3415, Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig
|