Gairm Fianais
Gairm Fianais: Sgrùdadh air pròiseas nan athchuingean poblach
Aig a’ choinneamh aca air 24 Òg Mhios 2008, dh’aontaich Comataidh nan Athchuingean Poblach sgrùdadh a dhèanamh air pròiseas nan athchuingean poblach. Is e beachdachadh air athchuinge PE1065 a dh’adhbharaich an sgrùdaidh seo. Bheachdaich iad roimhe air an athchuinge seo air 23 Dàmhair 2007 agus 19 Gearran 2008.
Raon-ùghdarrais
Dh’aontaich a’ Chomataidh an raon-ùghdarrais a leanas airson an sgrùdaidh—
"A thaobh athchuinge PE1065 agus pròiseas nan athchuingean poblach—
- rannsaich, aithnich agus cur an gnìomh ceumannan gus adhartas a thoirt air mothachadh, ruigsinneachd, agus com-pàirt ann am pròiseas nan athchuingean poblach
- aithnich agus cur an-gnìomh iomairtean gus taic a thoirt do phròiseas èifeachdach agus comasach airson athchuingean, a’ gabhail a-staigh nas urrainn do ICT a dhèanamh;
- rannsaich dòighean gnàthaichte air a bhith a’ sgrùdadh athchuingean agus cur an gnìomh dòighean no cleachdaidhean ùra gus tuilleadh adhartas fhaighinn air sgrùdaidh
gus buannachdan fhaighinn dha na prìomh dhaoine a tha an sàs ann am pròiseas nan athchuingean leithid athchuingearan a dh’fhaodadh a bhith no a tha ann, Comataidh nan Athchuingean Poblach, a’ Phàrlamaid san fharsaingeachd a’ gabhail a-staigh nan comataidhean eile aice, Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach eile."
Clàr-ama
Tha a’ chomataidh air a’ chlàr-ama a leanas aontachadh airson an sgrùdaidh ann an co-theacs a’ phrògram-obrach aca—
26 Òg Mhios 2008 |
Gairm fianais ga fhoillseachadh |
26 Sultain 2008 |
Ceann-là airson fianais sgrìobhte fhaighinn air ais |
Samhain 2008 – Màrt 2009 |
Gheibh a’ Chomataidh fianais bheòil |
Màrt 2009 |
Beachdachadh air mar a sheallas iad air aithisg |
Giblean 2009 |
Beachdachadh air dreachd de dh’aithisg |
Cèitean 2009 |
Aithisg foillsichte |
Gairm airson fianais sgrìobhte
Bu mhath leis a’ Chomataidh cluinntinn bhuat a thaobh nan cuspairean a chaidh a thogail san athchuinge agus raon-ùghdarrais an sgrùdaidh gu h-àrd. Mar sin, gus cuideachadh a thoirt dhaibhsan a bhios an sàs sa chuspair seo, tha a’ Chomataidh air grunn cheistean agus chuspairean a dheasachadh a tha iad an dòchas a bhios a’ comharrachadh crìochan an sgrùdaidh. Is iad sin
- Rannsaich, aithnich agus cur an-gnìomh ceumannan gus adhartas a thoirt air mothachaidh, ruigsinneachd, agus com-pàirt ann am pròiseas nan athchuingean poblach
- A bheil thu mothachail gu bheil pròiseas ann airson athchuingean poblach na Pàrlamaid?
- Ciamar a fhuair thu a-mach mu dheidhinn?
- An canadh tu gun d’fhuair thu seo furasta no duilich?
- Ciamar a tha thu a’ smaoineachadh as urrainn dhuinn adhartas fhaighinn air mothachaidh ann an siostam nan athchuingean?
- A thaobh an stuth a chaidh fhoillseachadh mu shiostam nan athchuingean, a bheil thu den bheachd gu bheil sin cuideachail, tuigseach agus furasta a ruigsinn?
- Dè na leasachaidhean a tha thu a’ smaoineachadh a b’urrainn dhuinn a dhèanamh air an fhiosrachadh a bheir sinn seachad mu phròiseas nan athchuingean?
- Dè an seòrsa fiosrachadh eile a bu chòir dhuinn a thoirt seachad agus carson?
- A thaobh fiosrachaidh, a bheil rud sam bith air a bhith na chnap-starra dhut a thaobh ruigsinneachd, no com-pàirt ann am pròiseas nan athchuingean poblach?
Aithnich agus cur an-gnìomh iomairtean gus taic a thoirt do phròiseas èifeachdach agus comasach airson athchuingean, a’ gabhail a-staigh nas urrainn do ICT a dhèanamh
- Ciamar as urrainn adhartas fhaighinn air an dòigh anns a bheil pròiseas nan athchuingean ag obair?
- Dè na dòighean eile a dh’fhaodadh Comataidh nan Athchuingean Poblach a chur an-gnìomh gus am biodh pròiseas nan athchuingean na b’èifeachdaiche?
- Dè a’ phàirt a dh’fhaodadh a bhith aig ICT ann a bhith a’ dèanamh pròiseas nan athchuingean nas èifeachdaiche agus nas comasaiche?
- A thaobh e-athchuingean, ciamar as urrainn do cheumannan e-athchuingean na Pàrlamaid adhartachadh?
- Dè na gnothaichean eile a bu mhath leat fhaicinn air làrach-lìn nan e-athchuingean?
Rannsaich dòighean gnàthaichte air a bhith a’ sgrùdadh athchuingean agus cur an-gnìomh dòighean no cleachdaidhean ùra gus tuilleadh adhartas fhaighinn air sgrùdaidh
- Dè na beachdan a tha agaibh a thaobh dhòighean sgrùdaidh gnàthaichte a tha Comataidh nan Athchuingean Poblach a’ cleachdadh?
- Dè na h-iomairtean agus na dòighean eile a dh’fhaodadh a’ Chomataidh a chleachdadh gus adhartas a thoirt air sgrùdaidh athchuingean?
- Bhon eòlas agad air a bhith nad athchuingear, dè bu mhath leat a bhith air a dhèanamh ann an dòigh eadar-dhealaichte?
- Dè a tha thu a’ smaoineachadh a dh’obraich gu math agus ciamar as urrainn dhuinn sin a dhèanamh na b’fheàrr?
A’ cur fianais a-steach
Bu chòir tagraidhean sgrìobhte (ann an cruth Word ma ghabhas in a dhèanamh) a chur chun na Comataidh ann an cruth dealanach aig petitions@scottish.parliament.uk. Bu chòir tagraidhean sgrìobhte, far a bheil sin comasach, a bhith cho goirid, iomchaidh agus no-theignigeach ‘s as urrainn a bhith (gu h-àbhaisteach gun a bhith nas fhaide na 4 taobh-dhuilleagan A4). Is e 26 Sultain 2008 an ceann-latha airson tagraidhean sgrìobhte fhaighinn a-steach.
Mus cur thu fianais a-steach, feuch an dèan thu cinnteach gu leugh thu ar poileasaidh airson fiosrachadh a làimhseachadh a gheibhear mar fhreagairt do ghairmean fianais.
Thathar a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.
Cruthan eadar-dhealaichte
Gheibhear am fiosrachadh seo ann an cruthan eadar-dhealaichte le iarratas. Feuch an cur thu fios chun chlàrc aig an t-seòladh gu h-ìseal ma tha feum agad air dreachd cruth eadar-dhealaichte den phàipeir.
Aithisg na Comataidh
Tha dùil aig a’ Chomataidh aithisg a dheasachadh mun sgrùdaidh sa Chèitean 2008. Thèid an aithisg fhoillseachadh air duilleag-lìn na Comataidh.
Cuir fios thugainn
Airson fiosrachadh sònraichte a thaobh an sgrùdaidh, feuch an cur thu fios gu Clàrc na Comataidh, Fergus Cochrane:
0131 348 5186 Fàilte air fiosan TypeTalk
(Central) Fòn-teacs: 0845 270 0152
fergus.cochrane@scottish.parliament.uk
no
Zoe Tough, Leas-chlàrc na Comataidh
0131 348 5178
RNID Typetalk: 18001 0131 348 5178
(Central) Fòn-teacs: 0845 270 0152
zoe.tough@scottish.parliament.uk
Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
|