Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gairm Fianais

The new Scottish Palriament logo

 

Bile Bhòird Slàinte (Ballrachd is Taghaidhean) (Alba) (Bile PA 13) Gairm Fianais

Cuiridh a’ Chomataidh fàilte air fianais bho dhaoine fa-leth a bharrachd air bhuidhnean agus bhuidhnean phroifeasanta. Tha a’ Chomataidh airson gum bi an fhianais a gheibh iad fiosrachail dhaibh airson a bhith a’ beachdachadh air a’ Bhile aig Ìre 1. Gheibh a’ Chomataidh na freagairtean gu h-iomlan còmhla ri geàrr-chunntas de fhreagairtean co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan bho gach neach fa-leth agus gach buidheannn le ùidh anns a’ chuspair, a thaobh

  • A bheil thu a’ toirt taic do phrionnsabal taghaidh dìreach do bhùird slàinte;

gu sònraichte -

  • Dè na buannachdan làimhseachail a bhiodh ann buill thaghte a bhith air bùird slàinte;
  • Am biodh na buannachdan sin ag as-chothromachadh na cosgaisean a tha ag èirigh bho bhith ruith leithid de thaghaidhean agus a’ toirt taic do bhuill thaghte;
  • Dè na cunnartan a th’ann bho bhith a’ cur buill thaghte air bùird slàinte;
  • Am bi buaidh aig cunntasachd leantainneach bùird slàinte do mhinistearan air cothrom gnìomh buill thaghte; agus
  • A bheil roghainnean eile an àite gnìomh dìreach mar mheadhan air a bhith ag àrdachadh cheanglaichean poblach an t-sluaigh san t-SSA.

Tha ùidh cuideachd aig a’ Chomataidh ann a bhith a’ faighinn bheachdan air na puingean a leanas, ge-bith a bheil no nach eil thu a’ toirt taic do phrionnsabal taghaidh dìreach -

  • Cruth bùird slàinte mar a tha air a shuidheachadh sa Bhile;
  • Rèiteachadh thaghaidhean mar a tha air a shuidheachadh sa Bhile a’ toirt a-steach saorsa, siostam bhòtaidh agus ainmeachadh gach sgìre bòrd slàinte mar raon-bhòtaidh shingilte;
  • Rèiteachadh airson taghadh dìreach fheuchainn mar phìleat mar a tha air a shuidheachadh sa Bhile; agus
  • A’ bhuaidh làimhseachail agus a’ chosgais a tha co-cheangailte ri bhith a’ cur briathran a’ Bhile an gnìomh.

Mar a chuireas tu d’fhianais a-steach

Feuch an cur thu do bheachdan mun Bhile a-steach gun a bhith nas fhaide na Diluain 1 Sultain 2008.

Bu chòir freagairtean an cur, cho fad’s a tha sin comasach, gu dealanach ann an cruth Word chun t-seòladh a leanas-

healthandsport@scottish.parliament.uk

Freagairtean air pàipear gu:

Comataidh na Slàinte agus an Spòrs

T3.60

Pàrlamaid na h-Alba

EH99 1SP

Bu chòir nach biodh freagairtean nas fhaide na ceithir taobh-dhuilleagan de A4.  

Thathar a' cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Faodar fianais sgrìobhte sam bith a gheibhear fhoillseachadh leis a’ Phàrlamaid agus thèid gabhail ris mar phàipear poblach. Ma tha thu airson fianais a chur a-steach ann an dìomhaireachd no gun urra feuch an leugh thu am poileasaidh mar a leanas a thaobh a bhith a’ làimhseachadh fiosrachadh.

Dè an ath rud a thachras?

Beachdaichidh a' Chomataidh air a h-uile tagradh a fhuair iad agus dh’fhaodadh gun iarr iad tuilleadh fianais bheòil no sgrìobhte mar a bhios sin riatanach. Tòisichidh a’ Chomataidh air seisean fianais bheòil mun Bhile aig Ìre 1 cho luath ’s a thèid beachdachadh air fianais sgrìobhte agus thèid liosta de bhuidhnean agus dhaoine fa-leth a tha gu bhith a’ gabhail pàirt, fhoillseachadh air pàipearan clàr-gnothach na Comataidh ro àm coinneachaidh na coinneimh iomchaidh.

Ma tha feum agad air cruthan eadar-dhealaichte den phàipear seo no tuilleadh fiosrachaidh no taic airson tagradh sgrìobhte a chur a-steach chun Chomataidh, feuch an cur thu fios chun sgioba Clàrcaidh.

Airson fiosrachadh Comataidh, cur fios gu:

Dàibhidh Slater: 0131 348 5410

Post-d: david.slater@scottish.parliament.uk

Airson tuilleadh fiosrachaidh, ‘se neach-fiosrachaidh nam meadhanan:

Anna NicDhòmhnaill: 0131 348 5605

Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk

Airson iarrtas fiosrachaidh poblach, cur fios gu: 0131 348 5000

Airson iarrtasan coitcheann, cur fios gu: 0845 278 1999 (ìre ionadail)

Post-d: gaelic@scottish.parliament.uk


Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org