Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

DÈANAMH BIDHE AIG CRIDHE AN DEASBAID AIG PÀRLAMAID NA H-ALBA MU PHOILEASAIDH-BIDHE

 

5 Sultain 2008

An do chuidich an tionnsglachadh air roinn an àiteachais gus bochdainn a thaobh bidhe air feadh na cruinne a lùghdachadh agus feum nas èifeachdaiche den fhearann a bhrosnachadh? A bheil cinneasachadh mòr air an ceangal eadar am poball agus tuathanachas a dhèanamh nas laige 's buaidh a thoirt air a’ mheas a th’ againn againn air biadh a tha fallain, ràitheil agus air a dhèanamh aig an taigh?

Cuiridh eòlaichean ann an raointean mar thuathanachas, àiteachas, cleachdadh-fearainn, giollachd-bidhe agus eòlas-còcaireachd aghaidh air na ceistean seo agus air ceistean eile aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt 9 Sultain.

Tha deasbad cruinn ga chumail aig Comataidh Chùisean Dùthchail agus na h-Àrainneachd gus sùil a thoirt air poileasaidh-bidhe agus air na ceistean na lùib – bho àite na h-Alba san èiginn mu thèarainteachd-bidhe air feadh na cruinne gu na rudan a nì deagh chleachdadh-bidhe agus droch chleachdadh-bidhe a thaobh na h-àrainneachd.

Thèid an deasbad a thoirt air adhart mar phàirt den rannsachadh mu phoileasaidh-bidhe na h-Alba san ùine air thoiseach.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Ròs Anna Choineagan: “Tha dualchas bidhe saidhbhir ann an Alba – bho bhiadh-mara a tha clùiteach air feadh an t-saoghail gu measan, glasraich agus math-na-bà air an dèanamh aig an taigh.

"Ach far a bheil prìsean bidhe agus iarrtas air stuth a' dol suas, dè na dùbhlain mu choinneamh na h-Alba agus dè na poileasaidhean a thaobh bidhe a bu chòir dhuinn a bhith a' cur aghaidh orra?

“A bheil biadh na h-Alba ga chur air adhart againn cho math ’s as urrainn dhuinn? Ciamar a dh’fhaodas sinn an cothrom air toradh ionadail a dhèanamh nas fheàrr? Agus an gabh càil sam bith dèanamh mu atmhorachd-bidhe? Is iad seo na ceistean a bhios romhainn ann an deasbad cruinn a bhios fiosrachail dha-rìribh agus eòlaichean den chiad ìre an sàs ann."

Am measg nan daoine a bheir fianais don Chomataidh tha:

 

  • Fear de na còcairean as fheàrr ann am Breatainn, Anndra Fairlie, Prìomh Chòcaire aig Taigh-òsta Ghleann Eagas;
  • Alan Renwick à Colaiste Àiteachais na h-Alba;
  • An t-Oll. Karen Nic a’ Ghobhainn, Rianadair Leasachaidh Dhùthchail aig Comann Oighreachd agus Gnìomhachais Dhùthchail na h-Alba;
  • An t-Oll. Pàdraig Bowbrick, Neach-eaconamachd Poileasaidh Bidhe;
  • Ùisdean Raven, Stiùiriche Comann Ùrach na h-Alba;
  • Seumas MacLabhrain à Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach Alba;
  • Adam Harrison à WWF na h-Alba;
  • An t-Àrd Oll. Uilleam Slee à Ionad MhicAmhlaigh;
  • Judith NicDhonnchaidh, Ceannard air Oxfam na h-Alba;
  • Sally Chrystal, Cathraiche air Comann Margaidhean Thuathanach na h-Alba
 

Cùl-fhiosrachadh

Dh’aontaich Comataidh Chùisean Dùthchail agus na h-Àrainneachd aig coinneamh air 25 Ògmhios 2008 deasbad cruinn a chumail mu phoileasaidh a thaobh bidhe ann an Alba mar chuid den chlàr-obrach a’ sealltainn air adhart. Cuidichidh an deasbad gus tàbhachdan a chomharrachadh airson an rannsachaidh a nì a’ chomataidh mu phoileasaidh-bidhe na h-Alba san ùine air thoiseach.

Tha barrachd fiosrachaidh mun Chomataidh agus mun deasbad chruinn mu phoileasaidh-bidhe ri fhaotainn aig:

www.scottish.parliament.uk/s3/committees/rae/index.htm

Airson cheistean a bhuineas do na meadhanan, cuiribh fios gu:
Erlend Barclay: 0131 348 6085
Post-dealain: erlend.barclay@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachaidh mun Chomataidh, cuiribh fios gu:
Roz Wheeler: 0131 348 5211
Post-dealain: rosalind.wheeler@scottish.parliament.uk