Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

                                                                                              10 Dàmhair 2008

 

RANNSACHADH MU SHLIGHEAN A-STEACH ANN AN SPÒRS: GAIRM FIANAIS

A bheil cion nan goireasan iomchaidh sna sgoiltean a’ cur bacaidh air foghlam-spòrs? Bidh an sgrùdadh air na bacaidhean a thig air muinntir na h-Alba nuair a thòisicheas iad ri spòrs mar chuid den dara ìre de rannsachadh le Comataidh Slàinte agus Spòrs Pàrlamaid na h-Alba.

Agus an rannsachadh aice mu Slighean A-steach ann an Spòrs ga chur air bhog aice an-diugh le gairm airson fianais sgrìobhte, bheir a’ chomataidh sùil gu sònraichte air clann is spòrs, goireasan coimhearsnaachd agus ullachadh.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte agus Spòrs, Cairistìona Ghreumach BPA:

“Shoirbhich glan le Chris Hoy, Ross Edgar, David Florence, Katherine Grainger agus Jim Anderson aig na Geamaichean Mòra ann am Beijing o chionn ghoirid. Ged a tha mar a shoirbhich leotha a’ leigeil fhaicinn gum faod lùth-chleasaichean à Alba dèanamh gu math aig an ìre as àirde, tha ceist air a’ chomataidh gu bheil an ìre de mhuinntir na h-Alba a tha ri spòrs a’ dol sìos agus nach eilear a’ toirt a-mach nan amas a thaobh daoine òga a bhith an sàs ann an spòrs.” 

Aig a’ chiad ìre den rannsaachadh, thug tòrr de luchd-spòrs ainmeil na h-Alba fianais seachad mun dòigh san deach iad fhèin ri spòrs, nam measg Rhona Martin, Liz McColgan, Shirley Robertson agus Gregor Townsend.

Tha a’ chomataidh a’ sireadh bheachdan a-nis bhon a h-uile buidheann, eagrachadh agus neach le ùidh sa chùis mu na ceistean sònraichte seo a leanas-

Clann agus spòrs

  • Dè an ìre de spòrs agus de ghnìomhachd chorporra a bu chòir toirt seachad sna bunsgoiltean agus sna h-àrd-sgoiltean?
  • A bheil cion nan goireasan iomchaidh sna sgoiltean a’ cur bacaidh air foghlam-spòrs?
  • Cò tha an urra ri dèanamh cinnteach gum bi gu leòr de dh’fhoghlam-spòrs anns na sgoiltean?
  • A bheil gu leòr de na goireasan iomchaidh sna sgoiltean gus ìrean freagarrach de dh’fhoghlam-spòrs a thoirt seachad?
  • Ciamar a ghabhas na ceanglaichean eadar na sgoiltean agus comainn-spòrs leasachadh? 
  • Dè a’ bhuaidh a thug Co-òrdanaichean Spòrs air na ceanglaichean eadar na sgoiltean agus comainn?
  • Dè na bacaidhean a th’ ann air cothrom do gach uile pàiste air spòrs, mar eisimpleir, cosgaisean-siubhaail agus na bhios uidheamachadh agus èideadh a' cosg?

 

Goireasan coimhearsnachd

  • Dè cho èifeachdach agus a tha an Ro-innleachd Nàiseanta agus Roinneil mu Ghoireasan Spòrs air a bhith gus goireasan a thoirt don choimhearsnachd?
  • A bheil ro-innleaachdan aca fhèin mu ghoireasan spòrs aig na h-ùghdarrasan ionadail? Nuair a bhios an leithid de ro-innleachdan ann, dè an t-àite a bhios aig com-pàirteachasan dealbhachaidh ionadail agus com-pàirteachasan slàinte coimhearsnachd gus na ro-innleachdan seo a leasachadh?
  • Dè na bacaidhean a th’ ann air feum nas fheàrr a thoirt à sgoiltean agus à goireasan eile, mar eisimpleir, leis a' choimhearsnachd anns an fharsaingeachd agus ciamar a ghabhas faighinn seachad air an leithid de bhacaidhean?
  • Ciamar a ghabhas ionnsachadh bho eisimpleirean den chleachdadh as fheàrr a thaobh goireasan a thoirt seachad agus ciamar a ghabhas an toirt a-steach beag is beag?
  • Dè ghabhas ionnsachadh bhon dòigh san cleachdar goireasan-spòrs coimhearsnachd ann an dùthchannan eile?

 

Ullachadh

  • A bheil gu leòr de luchd-cleachdaidh agus de luchd saor-thoileach mar thaic ri spòrs ann an Alba?
  • Dè na siostaman a th' ann an-dràsta gus a dhèanamh cinnteach gun tèid am feum as feàrr a thoirt às an luchd-ullachaidh a tha ri fhaotainn an-dràsta? 
  • Dè na bacaidhean a th’ ann air barrachd dhaoine a bhith ri ullachadh agus obair shaor-thoileach mar thaic ri spòrs ann an Alba?

 

Mar a chuireas sibh an fhianais agaibh a-steach

Mus cuir sibh beachdan a-steach, leughaibh Poileasaidh mu làimhseachadh fianais sgrìobhte le comataidhean èigneachail agus comataidhean cuspair.

Is an ceann-latha mu dheireadh gus beachdan sgrìobhte a chur a-steach Dihaoine 21 Samhain 2008. Ri linn na h-ùine a tha dhìth gus fianais a sgrùdadh, cha ghabhar ri beachdan deireannach ach le aonta ris an Neach-ghairm ro làimh. Cha bu choir gum biodh freagairtean nas fhaide na sia taobhan de dh'fhaid A4. Bu chòir freagairtean a chur, nuair a ghabhas dèanamh, ann an cruth dealanaach ann an cruth Word don t-seòladh seo a leanas:

healthandsportcommittee@scottish.parliament.uk

Thathar a' cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Faodaidh sibh beachdan a chur ann an cruth cruaidh cuideachd gu:

Comataidh Slàinte agus Spòrs

T3.60

Pàrlamaid na h-Alba

EH99 1SP

Dè an ath rud a thachras?

Gabhaidh a’ Chomataidh beachd air gach beachd a gheibhear agus comharraichidh i ceistean a thig a-mach às an fhianais air a bheil i ag iarraidh barrachd sgrùdaidh a dhèanamh mar fhianais-labhairt.

Thèid liosta de na h-eagrachaidhean agus de na daoine a bheir fianais-labhairt seachad fhoillseachadh air pàipearan-gnothaich na Comataidh ron choinneimh iomchaidh.

Mas e gu bheil cruthan eile den sgrìobhainn seo no barrachd fiosrachaidh no cuideachadh gus beachdan sgrìobhte a chur a-steach don Chomataidh a dhìth oirbh, cuiribh fios gun dàil gu sgioba nan Clàrcan.

Is e an neach-fiosrachaidh airson luchd nam meadhanan:

Ann Donald: 0131 348 5605 Fònaichean RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: ann.donald@scottish.parliament.uk

Gus fiosrachadh sònraichte mun chomataidh fhaighinn, cuiribh fios gu:

Rebecca Lamb: 0131 348 5236 Fònaichean RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: rebecca.lamb@scottish.parliament.uk

Aisron cheistean mu fhiosrachadh a’ phobaill, cuirribh fios gu:
Fòn: 0131 348 5000 / 0800 092 7500 (Ceistean Poblach) / 0131 348 5395 (Gàidhlig)

Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100. Tha sinn cuideachd toilichte gabhail ri fios thugainn air seirbheis RNID Typetalk.

Fios gu:
Fòn: 0131 348 5000 / 0800 092 7500 (Ceistean Poblach) / 0131 348 5395 (Gàidhlig)

Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100. Tha sinn cuideachd toilichte gabhail ri fios thugainn air seirbheis RNID Typetalk.

Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn again aig: www.parlamaid-alba.org

Faodaidh sibh conaltradh a dhèanamh ris a' Phàrlamaid le brath-teacsa a-nis. Than a seirbheisean eadar-ghnìomhach again a’ cur air chomas dhuibh ainm a’ Bhuill agaibh fhaighinn le bhith a’ seòladh ur còd-postachd, a’ leigeil leibh ceistean a chur mun Phàrlaamaid agus a cuid obrach agus a’ cur air chomas dhuibh bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh a th’ ann air a shon 07786 209888. Thathar a’ cur cosgais air na brathan aig na h-ìrean àbhaisteach. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an duilleig againn mu Sheirbheis Teacsa.Thathar a' cur fàilte air teacs sa Ghàidhlig.