Fios Naidheachd
14 Samhain 2009
PÀRLAMAID NA H-ALBA GU BHITH A' FOLLSEACHADH A PLANA GÀIDHLIG CÒIG-BLIADHNA
Cuiridh Pàrlamaid na h-Alba am Plana Gàidhlig còig-bliadhna aice air bhog an ath sheachdain.
Tha am plana a’ mìneachadh na tha a’ Phàrlamaid a’ gealltainn a thaobh a bhith a’ leudachadh nan seirbheisean agus goireasan Gàidhlig a bhios i a’ toirt seachad don phoball.
Cuiridh an t-Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA am plana air bhog gu h-oifigeil Diardaoin 20 Samhain.
Thuirt am Fearghastanach: “Mar Phàrlamaid na h-Alba, tha sinn gu mòr airson Gàidhlig a chur air adhart agus i na pàirt gu math cudromach de dh’ìomhaigh chultarail na h-Alba”.
“Nì am plana seo cinnteach gun cùm sinn oirnn a lorg dhòighean gus ceangal a dhèanamh ri coimhearsnachd na Gàidhlig agus gun dèan sinn nas urrainn dhuinn gus a Ghàidhlig a chur air adhart agus gum bi barrachd cothrom aig a’ phoball.
“Tha farsaingeachd de sheirbheisean do mhuinntir na Gàidhlig ga tairgse aig a’ Phàrlamaid cheana agus bheir am plana seo an cothrom dhuinn cruth foirmeil a chur air an t-slighe air adhart airson na Gàidhlig sna còig bliadhnaichean a th’ air thoiseach.”
Tha am plana a’ cur ris na seirbheisean Gàidhlig a tha rim faodainn aig a’ Phàrlamaid an-dràsta ann an caochladh dhòighean, nam measg:
- ìomhaigh chorporra dhà-chànanach a thoirt a-steach
- a’ cur ris an ìre de dh’fhiosrachadh poblach a tha rim faotainn sa Ghàidhlig
- ullachadh mu mhothachadh mun Ghàidhlig a thoirt don luchd-obrach a bhios a’ gabhail gnothaich ris a’ phoball
- a’ dèanamh cinnteach gun tèid beachd a ghabhail air a’ Ghàidhlig agus poileasaidh ga chruthachadh
- a’ leasachadh nan duilleagan-lìn Gàidhlig aig a’ Phàrlamaid
- a’ cur ri ìre nan sanasan Gàidhlig ann an Taigh an Ròid
Mar chomharrachadh air cur air bhog a’ phlana còig-bliadhna, cumaidh Pàrlamaid na h-Alba dà latha de thachartasan a chuireas cuideam air cleachdadh na Gàidhlig ann an Taigh an Ròid.
Nam measg seo bidh Deasbad Bhall ann an Gàidhlig agus fòram do bhuidhnean poblach mu phlanadh cànain gus ceistean agus cothroman gus an cànan a chur air adhart air feadh na h-Alba a dheasbad.
Bidh tursan-treòraichte poblach le blàs Gàidhlig ann agus bi leabhraichean le ùghdaran Gàidhlig rim faighinn ann am bùth na Pàrlamaid cuideachd. Bidh clàran-bidhe Gàidhlig, barrachd soidhnichean Gàidhlig agus na pannalan fiosrachaidh mu na h-obraichean ealain uile a’ dol suas anns a’ Ghàidhlig cuideachd.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na bhios a’ tachairt aig
www.parlamaid-alba.org/lathagaidhlig
Mar phàirt de phrògam nan tachartasan aig a’ Phàrlamaid, bidh clann-sgoile a’ gabhail pàirt sa chuairt mu dheireadh de dheasbad Nàiseanta Sgoiltean na h-Alba aig BT Diardaoin 20 Samhain.
Chaidh am plana chur ri chèile ag obair le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann reachdail a chaidh a chur air bhonn gus cleachdadh agus tuigsinn na Gàidhlig a bhrosnachadh.
Thuirt Peadar Morgan, Manaidsear Planadh Cànain Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn toilichte a bhith ag obair còmhla ri Pàrlamaid na h-Alba air a’ Phlana Gàidhlig còig-bliadhna aca.
“Cuiridh latha na Gàidhlig ìomhaigh na cànain am follais barrachd do Bhuill agus don phoball”
Cùl-fhiosrachadh
Tha am plana na riatanas fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 ris an deach gabhail le Pàrlamaid na h-Alba gus inbhe na Gàidhlig ann an Alba a dhèanamh tèarainte.
Bha Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba air aon de na buidhnean poblach air an deach iarraidh an toiseach plana a chur ri chèile agus chaidh gabhail ris leis a’ Bhòrd anns a’ Chèitean 2008.
Tha caochladh sheirbheisean do mhuinntir na Gàidhlig ga thairgse aig a' Phàrlamaid cheana, nam measg foillseachaidhean Gàidhlig air-loidhne is anns a' chlò, seiseanan aig sgoiltean agus le coimhearsnachd na Gàidhlig agus seirbheisean eadar-theangachaidh mar thaic ri modhan-obrach na Pàrlamaid mu dheasbaireachd agus fhoillseachadh ann an Gàidhlig.
Is e an neach-fiosrachaidh airson luchd nam meadhanan:
Natalie Walker: 0131 348 6245 RNID Fònaichean TypeTalk dì-beathte
Post-dealain: natalie.walker@scottish.parliament.uk
Airson cheistean mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu:
Fòn: 0131 348 5000 / 0800 092 7500 (Ceistean Poblach) / 0131 348 5395 (Gàidhlig). Faodaidh luchd-cleachdaidh Fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100. Tha sinn cuideachd toilichte gabhail ri luchd-cleachdaidh RNID Typetalk.
Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk
tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
Faodar fios a chur air a’ Phàrlamaid le teachdaireachd-teacsa a-nis. Tha an t-seirbheis eadar-ghnìomhach againn a’ cur air chomas dhuibh ainm a’ Bhuill agaibh fhaighinn bhon chòd-phuist aca, a’ leigeil leibh ceistean a chur mun a’ Phàrlamaid agus na bhios i a’ dèanamh agus a’ cur air chomas dhuibh bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh a th’ ann 07786 209888. Tha faradh àbaisteach gan cur air na teacsaichean. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an duilleig againn mu Sheirbheisean Teacsa.
|