Oifis a’ Phrìomh Mhinistear
Ailig Salmond BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach: Ceannard Riaghaltas tiomnaichte na h-Alba; an urra ri poileasaidh an Riaghaltais a leasachadh, a chur an gnìomh agus a chur an làthair, cùisean bun-reachdail a’ toirt a-steach Bile Referendum, agus Alba a chur air adhart agus a riochdachadh.
Slàinte, Sàr-mhaitheis agus Ro-innleachd Bhailtean Mòra
Leas-prìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chabineit airson Slàinte, Sàr-mhaitheis agus Ro-innleachd Bhailtean Mòra
Nicola Sturgeon BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach: NHS, ath-leasachadh air seirbheis na slàinte, seirbheisean cùram-slàinte co-cheangailte, geur-sheirbheisean agus prìomh-sheirbheisean, coileanadh, frèama càilleachd agus leasachaidh, cur air adhart slàinte, spòrs, Geamachan a’ Cho-fhlaitheis, slàinte phoblach, leasachadh slàinte, seirbheisean chungaidhean-leigheis, sàbhailteachd bìdhe agus fiaclaireachd, cùram-coimhearsnachd, seann daoine, slàinte-inntinn, ciorram a thaobh foghlaim, luchd-cùraim, Cùram Sòisealta is Adhartas na h-Obrach Shòisealta an Alba, mì-ghnàthachadh shusbaintean, in-ghabhail shòisealta, co-ionnanachd, ceuman an-aghaidh bochdain, seann shaighdearan, agus ro-innleachd bhailtean mòra.
Ministear airson Geamachan Co-fhlaitheis agus Spòrs
Seòna Robasdan BPA
Ministear airson Slàinte Phoblach
Mìcheal MacMhathain BPA
Ionmhas, Cosnadh agus Fàs Seasmhach
Rùnaire a’ Chabineit airson Ionmhas, Cosnadh agus Fàs Seasmhach
Iain Swinney BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach: An eaconomaidh, Buidseit na h-Alba, cosnadh, ath-leasachadh air seirbheisean poblach, dì-riaghladh, riaghaltas ionadail, lìbhrigeadh sheirbheisean poblach, agus dealbhadh choimhearsnachdan, Clàran na h-Alba, Buidheann Peinnseanan Poblach na h-Alba, ath-shuidheachadh, riaghaltas-dealain, sùil air buidseitean, gnìomhachasan agus tionnsgain a toirt a-steach Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, malairt agus tasgadh air an taobh a-staigh, cunntachalachd shòisealta chorporra, an roinn saor-thoileach agus an eaconomaidh shòisealta, leasachadh ghnìomhachasan coimhearsnachd agus co-chomann, lùth, ath-nuadhachail, turasachd, ìrean togail, agus siostam dealbhachaidh mu chleachdadh-fearainn.
Ministear airson Lùth, Iomairt agus Turasachd
Fearghus Ewing BPA
Ministear airson Riaghaltas Ionadail agus Dealbhaidh
Aileen Chaimbeul BPA
Foghlam agus Ionnsachadh Fad-beatha
Rùnaire a’ Chabineit airson Foghlaim agus Ionnsachaidh Fad-beatha
Mìcheal Ruiseal BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach:Foghlam àrd-ìre agus foghlam adhartach, saidheans agus ionnsachadh fad-beatha, foghlam-sgoile, tràth bhliadhnaichean, trèanadh agus sgilean, buidheann foghlaim ùr, Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, sgoiltean-àraich agus cùram-cloinne, seirbheisean cloinne, èisteachdan cloinne, obair shòisealta, Gàidhlig agus Albais.
Ministear airson Clann agus Daoine Òga
Angela Constance BPA
Ministear airson Ionnsachaidh agus Sgilean (le dleastanas airson Gàidhlig & Albais)
Alasdair Allan BPA
Pàrlamaid agus Ro-innleachd Riaghaltais
Rùnaire a’ Chabineit airson na Pàrlamaid agus Ro-innleachd an Riaghaltais
Brùs Creamhain BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach:Cùisean pàrlamaideach agus rianachd air gnothach an riaghaltais anns a’ Phàrlamaid, agus a’ leasachadh ro-innleachd an Riaghaltais agus a’ co-òrdanachadh lìbhrigeadh poileasaidh thairis air diofar dhleastanasan.
Ministear airson Gnothaichean Pàrlamaideach agus Àrd-chuip
Brian Adam BPA
Ceartas
Rùnaire a’ Chabineit airson Ceartais
Coinneach MacAsgaill BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach: Lagh agus modhan-obrach eucorach, ceartas òigridh, obair shòisealta mu cheartas eucorach, am poileas, na prìosain agus poileasaidh mu dhìteadh, cuideachadh laghail, dreuchd an lagha, ath-leasachadh nan cùirtean agus an lagha, dol-a-mach mì-shòisealta, sgaradh a thaobh creideamh, còirichean daonna, seirbheisean smàlaidh agus teasairginn, sàbhailteachd coimhearsnachd, tuiteamasan catharra, poileasaidh mu dhrogaichean agus cùisean ceangailte, ceadachadh deoch-làidir, luchd-fianais so-leònte, taic ri daoine a dh’fhuilingeas agus lagh catharra, lagh carthannais, buidhnean diadhaidh agus creideimh.
Ministear airson Sàbhailteachd Coimhearsnachd agus Cùisean Lagha (le dleastanas airson dèiligeadh ri sgaradh a thaobh creideamh)
Ròsanna Choineagan BPA
Cùisean Dùthchail agus an Àrainneachd
Rùnaire a’ Chabineit airson Cùisean Dùthchail agus an Àrainneachd
Ridseard Lochhead BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach: Àiteachas, iasgach agus leasachadh dùthchail a’ gabhail a-steach àiteachas-uisge agus coilltearachd, an àrainneachd agus an dualchas nàdarra, ath-leasachadh fearainn, riaghladh càileachd uisge agus leasachadh seasmhach agus atharrachadh clìomaid.
Ministear airson na h-Àrainneachd agus Atharrachadh Clìomaid
Stiùbhart Stevenson BPA
Cultar agus Cùisean Taobh a-muigh
Rùnaire a’ Chabineit airson a’ Chultar agus Cùisean Taobh a-muigh
Fiona Hyslop BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach: An Roinn Eòrpa, cùisean taobh a-muigh, cultar agus na h-ealainean, craoladh, ailteireachd, an dualchas togte, Alba Aosmhor agus maoineachadh bhon chrannchur, Clàran Nàiseanta na h-Alba, agus ro-innleachd mu thachartasan mòra.
Bun-structair agus Tasgadh Calpa
Rùnaire a’ Chabineit airson Bun-structair agus Tasgadh Calpa
Ailig Nèill BPA
Dleastanas a’ toirt a-steach: Uisge na h-Alba, ceannach, Ionmhasan Structurail Eòrpach, Urras Àm ri Teachd na h-Alba, poileasaidh agus lìbhrigeadh còmhdhail, còmhdhail poblach, rathaid, seirbheisean rèile, adhair is aiseag, taigheadas, coimhearsnachdan agus ath-ghinealachadh.
Ministear airson Taigheadais agus Còmhdhail
Keith Brown BPA
Oifigearan Lagha
Am Morair Tagraidh
Frang Mulholland
Oifis a’ Chrùin agus Seirbheis Neach-casaid a’ Chrùin, casaid eucorach, sgrùdadh bàis obainn, gearanan an-aghaidh a’ phoileis, taic ri daoine a dh’fhuilingeas agus a chì eucoir, co-obrachadh eadar-nàiseanta (a’ toirt a-steach co-chuideachaidh laghail agus cur a-null thairis), arfuntachadh stuth mar thoradh air eucoir.
Àrd-neach-lagha a’ Chrùin
Lesley NicThòmais
Comhairle laghail do Mhinistearan na h-Alba, agartachd chatharra, ceistean bun-reachdail agus cur an dreuchd Luchd-tagraidh.