Co-fharpais Dhòmhnaill Mhic an Deòir a' brosnachadh deasbaid mu chuspairean ar Latha

06.06.2012

Bidh còrr is 100 oileanach o àrd-sgoiltean thar na h-Alba a' frithealadh a' phàirt dheireannaich de Cho-fharpais Deasbaid Chuimhneachaidh Dhòmhnaill Mhic an Deòir na bliadhna aig Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 14 Ògmhios aig 18.30f.

'S e gluasad an deasbaid ach: 'Chuireadh an Taigh Seo air dòigh gum biodh bhòtadh ann an taghaidhean èigneachail'.

 

Tha seo a' tighinn an dèidh sreath de chuspairean a bhuineas ris an latha an-diugh a thaobh còir prìobhaideachd agus saorsa luchd nam meadhanan, agus a bhith a' ceadachadh camarathan TBh a-steach do na cùirtean.

 

Mar rud a chuireadh air bhonn ann an 1999, tha co-fharpais bhliadhnail deasbaid sgoiltean na h-Alba fosgailte don a h-uile sgoilear ann an Alba. Air a chur air dòigh fo rian Comann Lagha na h-Alba, tha a' cho-fharpais mar chuimhneachan air Dòmhnall Mac an Deòir BPA, A' Phrìomh Mhinistear nach maireann, a chaochail sa bhliadhna 2000.

 

Am bliadhna tha 128 sgioba air an sgilean deasbaid a ghleusadh chun na h-ìre 's gun do shoirbhich leotha ann an sreath de cho-fharpaisean tùsail, a' crìochnachadh sa cho-fharpais dheireannach, a bhios a' gabhail àite ann an Seòmar Deasbaid na Pàrlamaid.

 

'S iad ceithir sgiobaidhean na co-fharpais dheireannaich seo:

 

1.    Colaiste Stewart’s Melville, Dùn Èideann - Seumas Marchant agus Anndra MacNaomhainn

2.    Àrd-sgoil Craigmount, Dùn Èideann - Camshron Craig agus Joe Deans

3.    Acadamaidh Inbhir Nàrann - Amy McCann agus Ruby Downie

4.    Sgoil Naomh Anndra is Brìghde, Cille Bhrìghde an Ear - Ross MacGriogair agus Matthew Weglicki

 

Cuideachd a' gabhail pàirt ann an deasbad air làr an t-Seòmair tha oileanaich o naoi de na sia sgoiltean deug a ghabh pàirt sna leth-cho-fharpaisean:

 

·         Sgoil Naomh Anndra is Bhrìghde, Cille Bhrìghde an Ear

·         Acadamaidh Mealdruim, Inbhir Uraidh 

·         Acadamaidh Boclair, Cille Phàdraig Ùr, Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear 

·         Àrd-sgoil Craigmount, Dùn Èideann

·         Colaiste Naomh Aloysius, Glaschu

·         Acadamaidh Inbhir Nàrann

·         Acadamaidh Dhùn Èideann

·         Colaiste Stewart’s Melville, Dùn Èideann

·         Àrd-sgoil Caisteal na Maoirne, Baile Ùr na Maoirne, Siorrachd Rinn Friù an Ear

 

Thuirt an Leas-Oifigear Riaghlaidh, Iain Scott BPA:

 

"Bheir co-dhùnaidhean nar Seòmar buaidh air daoine òga na h-Alba an ceartuair agus sna bliadhnaichean ri teachd. Bidh a' cho-fharpais dheasbaid bhliadhnail seo a' toirt cothrom do dh'oileanaich èisteachd fhaotainn mu na cuspairean a bhuineas riutha. Cuideachd, bidh i a' tabhann cothrom do chuid dhiubh na sgilean-òraid aca a chleachdadh, rud a dh'fhaodadh a thighinn gu buil 's iad air an taghadh sa Phàrlamaid Albannach san ùine ri thighinn."

 

Chuir Heather Nic a' Phì, oifigear leasachaidh foghlaim is trèanaidh aig Comann Lagha na h-Alba, ris:

 

"Tha co-fharpais air leth math air a bhith ann aon uair eile agus bu chòir meal-a-naidheachd a thoirt do na sgiobaidhean uile a ruig a' cho-fharpais dheireannach, gu h-àraid nuair a smaoinicheas tu air àireamh nan sgiobaidhean a ghabhas pàirt sna co-fharpaisean tùsail, agus air cho math 's a bhios gach neach-farpais againn.

 

"Tha e mar fhìor onoir a bhith an làthair aig a' cho-fharpais dheireannach ann an seòmar-deasbaid na Pàrlamaid airson an t-siathamh turas, agus tha mi cinnteach gur e rud tarraingeach cuimhneachail a bhios ann don a h-uile neach a ghabhas pàirt."

 

Gheibh an sgoil a bhuannaicheas a' cho-fharpais cuimhneachan agus duais £1,000, a chaidh a thoirt seachad le Comann Lagha na h-Alba, agus gheibh an sgioba a bhios san dàrna h-àite £250, a fhuaireadh o Chomann Luchd-Tagraidhean Ghlaschu. Cuideachd, bheir an companaidh-foillseachaidh Hodder Gibson, a bhios mar urrasairean na co-fharpaise cuide ri companaidh luchd-lagha Simpson Marwick, leabhraichean-foghlaim luach £500 seachad, a bhios air an roinn eadar na ceithir sgiobaidhean mu dheireadh.

 

'S iad britheimh an tachartais:

 

Irene NicGrath, Neach-cathrach Comhairle Deasbaid Eadar-nàiseanta Sgoiltean na h-Alba (Britheamh-riaghlaidh). Cuide rithe bidh Marc MacDhòmhnaill BPA, Ball Ear-thuath na h-Alba; Àdhamh MacFhionnlaigh, Sgiobair sgioba na h-Alba, Co-fharpaisean Deireannach Deasbadan Sgoile an t-Saoghail; Niall Stevenson, Urrasair Aonadh Luchd-labhairt na Beurla; agus Seon Dye, Iar-chathraiche Aonadh Luchd-labhairt na Beurla.

 

Cùl-sgeul

 

Mar cho-fharpais a tha fosgailte don a h-uile àrd-sgoil thar na h-Alba, tha seo air tighinn gu bhith mar thachartas bliadhnail agus e air a chur air dòigh fo rian Comann Lagha na h-Alba bho 1999. 'S e amas na co-fharpais ach tuigse adhartachadh mu cho cudromach is a tha deasbad, cùisean-tagraidheachd agus conaltradh ann an gnothaichean a bhuineas ri dreuchd an lagha, ri deamocrasaidh agus ris a' chomann-dhaoine san fharsaingeachd.