Cupa Ryder mar phrìomh tharraing aig Pàrlamaid na h-Alba

03.04.2014

Agus tarraing Cupa Ryder ann an Gleann Eagas nas fhaide air adhart am-bliadhna a’ fàs, bidh cothrom air leth aig luchd-tadhail gu Pàrlamaid na h-Alba coimhead a-staigh air eachdraidh fear de na tachartasan as ainmeile ann an spòrs.

Innsidh Taisbeanadh Dualchas Cup Ryder an sgeul mun ghnothach as ainmeile ann an golf agus bidh e ri fhaicinn ann am Prìomh Thalla na Pàrlamaid o Dhimàirt 29 Giblean gu Dihaoine 30 Cèitean.

Thuirt Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid, am Ball Urramach Tricia Marwick BPA:

“Tha a’ Phàrlamaid pròiseil a cuid fhèin a dhèanamh gus fàilte a chur air Cupa Ryder gu Alba le bhith air cheann an t-sàr-thaisbeanaidh seo.

“O luchd-leanmhainn golf gu feadhainn le ùidh ann an eachdraidh, bidh e comasach don a h-uile duine tlachd a thoirt às an taisbeanadh àraid seo, a tha a’ cur an cèill eachdraidh Cup Ryder o thùs gu ruige an latha a th’ ann agus e na mhòr-tharraing don t-saoghal.”

San taisbeanadh bidh rudan pearsanta o luchd-cluich linn eile, cho math ri dealbhan nach fhaicear gu tric. Cuiridh sreath de bhogsaichean-taisbeanaidh – a chaidh a dhèanamh a dh’aona ghnothach – agus bùird-sgeulachd grafigeach an cèill  ìomhaigheachd làidir an tachartais-gholf, a thòisich mar gheama neo-fharpaiseach eadar proifeiseantaich Comann Proifeiseanta a’ Gholf às Breatainn agus Aimeireaga ann an Gleann Eagais sa bhliadhna 1921.

Thuirt Ceannard CPG, Sandy Jones:

“’S e co-fharpais Cupa Ryder rud a bheilear air bhioran air a shon am measg tachartasan mìosachan an spòrs, agus e air fàs o thùs an ìre mhath ìseal sna 1920an gu bhith mar fhear dhe na tachartasan spòrs as motha air an t-saoghal.

“Sa bhliadhna a tha Cupa Ryder a’ tilleadh a dh’Alba, tha sinn fìor thoilichte Taisbeanadh Dualchas Cupa Ryder a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba agus tha mi an dòchas gun toir luchd-leanmhainn golf tlachd às an taisbeanadh àraid seo anns a bheil tòrr stuthan-cuimhneachain o gheamaichean a bh’ ann, a’ dol air ais don chiad gheama oifigeil ann an 1927.”

 

 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.