Molaidhean a thaobh saorsa nas tràithe do chuid de phrìosanaich sa bhad fo sgrùdadh aig Comataidh a’ Cheartais

04.04.2014

Tha molaidhean a thaobh leigeil mu sgaoil nas tràithe de sheòrsaichean àraid de phrìosanaich air a thighinn fo sgrùdadh aig Comataidh a’ Cheartais agus iad a’ sireadh fianais ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Mar phàirt de dh’atharrachaidhean Ìre 2 de Bhile Ceartas Eucoireach (Alba), tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh gun tèid stad a chur air leigeil mu sgaoil tràth sa bhad a thaobh eucoirich-feise a fhuair binn ceithir bliadhna no barrachd, agus feadhainn chunnartach eile a fhuair binn deich bliadhna no barrachd. 

Cha bhiodh buaidh sam bith aig seo air eucoirich eile aig an ìre seo agus bhiodh an t-siostam ùr a’ buintinn a-mhàin ri eucoirich iomchaidh an dèidh do na h-atharrachaidhean a bhith air an cur an gnìomh. 

Nì Comataidh a’ Cheartais sgrùdadh air Ìre 2 de Bhile Ceartas Eucoireach (Alba) aig deireadh a’ Ghiblein agus tha iad ag iarraidh bheachdan air na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Ghreumach BPA:                 

“Tuigseach ’s gu bheil sinn a thaobh rùn Riaghaltas na h-Alba an cunnart don phoblach a lughdachadh le bhith a’ cur stad air leigeil mu sgaoil tràth sa bhad do chuid de dh’eucoirich, a dh’fhaodadh a bhith air dà thrian den bhinn aca a dhèanamh, tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach carson a bhiodh cuid de dh’eucoirich a’ tighinn fon t-siostam ùr ’s nach biodh cuid eile. 

“Tha sinn airson cluinntinn o luchd-obrach sòisealta ann an raon ceartas eucoireach, riochdairean o Bhritheamhan a’ Chrùin agus bhuidhnean airson ath-leasachadh peanasachaidh agus còraichean luchd-fulaing eucoir, Seirbheis Phrìosain na h-Alba, Bòrd Paròil/Saorsa na h-Alba, cho math ri luchd-acadeimigeach iomchaidh agus daoine sa mhòr-shluagh mu na beachdan aca air a’ cheist chudromach seo a thaobh sàbhailteachd a’ mhòr-shluaigh.”  

Faodar ceangal ris an iarrtas-fianais, a tha fosgailte gu ruige 6 Cèitean, a ruigheachd gu h-ìseal: 

http://www.pàrliamaidnahalba.ra/gnothachpàrliameadach/Comataidheanandràsta/65347.aspx

Cùl-fhiosrachadh

Faodar ceangal ri litir o Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais gu Neach-gairm Comataidh a’ Cheartais a chuireas an cèill cùl-sgeul rùn Riaghaltas na h-Alba a thaobh an t-siostam far an tèid seòrsaichean àraid de phrìosanaich a leigeil mu sgaoil tràth sa bhad a ruigheachd an seo: 

http://www.pàrliamaidnahalba.ra/gnothachpàrliameadach/Comataidheanandràsta/65347.aspx

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.