Eòlaichean gu bhith fo cheist mu ionmhas na h-Alba an dèidh 2014

11.04.2014

Thig ionmhas poblach na h-Alba an dèidh 2014 fo sgrùdadh Comataidh Ionmhas Pàrlamaid na h-Alba agus iad a’ cumail sreath de sheiseanan fianaise air a’ chuspair on Ghiblean seo air adhart.

 

 

Thèid iarraidh air luchd-Acadaimigeach, eòlaichean eaconamach is eòlaichean ionmhas poblach, cuide ri riochdairean o bhuidhnean catharrach na h-Alba, am beachdan a chur an cèill air na prìomh cheithir chuspairean a leanas:

 

  • Cìsean 
  • Iasadan
  • Fiachan san earrainn phoblach
  • Riaghailtean Fiosgail

Cuideachd, cumaidh a’ Chomataidh dà dheasbad shònraichte le pannal air peinnseanan na h-Alba an dèidh 2014, Foirmle Barnett agus meud buidseat na h-Alba an dèidh an reifreinn.

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais, Coinneach Gibson BPA:

“Bheir ar seiseanan fianais cothrom cudromach seachad airson deasbaid is soilleireachaidh air cuid de na ceistean ionmhais as cudromaiche a tha fo aire mòr-shluaigh na h-Alba. ’S e sin an t-adhbhar a thug sinn cuireadh do dh’eòlaichean aithnichte ann an raoin nan cìsean, nam fiachan ’s nam peinnseanan am beachdan a thoirt dhuinn a thaobh de an coltas a bhiodh air ionmhas na h-Alba an dèidh 2014.”

 

Cùl-sgeul

Cumaidh Comataidh an Ionmhais sreath de sheiseanan fianaise eadar an Giblean is an t-Ògmhios am-blaidhna seo. Tha liosta luchd-fianais airson a’ chiad cheithir Coinneamhan aig Comataidh an Ionmhais gu h-ìseal:

 

30 Giblean 2014

 

  • Dr Angus Armstrong, Ionad Nàiseanta Rannsachaidh Eaconamaidh is Sòisealtais 
  • Jo Armstrong, Ionad nam Poileasaidhean Poblach airson nan Sgìrean 
  • Jim agus Margaret Cuthbert, luchd-eaconamaidh neo-eisimeileach
  •  

7 Cèitean 2014

 

  • An t-Oll. Peter McGregor, Ceannard na h-Eaconamachd aig Sgoil Ghnìomhachais Shrath Chluaidh
  • An t-Oll. Gavin McCrone
  • An t-Oll. John Kay

 

14 Cèitean 2014

·         Dr Matt Qvortrup, Àrd-òraidiche, Oilthigh Cranfield

 

21 Cèitean 2014

·      An t-Oll. Andrew Hughes-Hallet, Buidheann-obrach a’ Choimisein Fhiosgail 

·      An t-Oll. David Simpson

·      An t-Oll. Jeremy Peat

·      An t-Oll. Alan Trench, acadaimigeach agus iar-neach-comhairle Comataidh Thaghte Ad Hoc Thaigh nam Morairean a thaobh Foirmle Barnett. 

 

Gheibhear liosta iomlan den luchd-fianaise gu-lèir a bhios a’ toirt seachad fiosrachaidh gu Comataidh an Ionmhais air duilleagan-lìn na Comataidh -  http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29822.aspx

 

 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.