Rannsachadh air na tha an dàn do dh’Alba gu h-eaconamach a’ dol a dh’Obar Dheathain

24.04.2014

Thèid ceistean a chur ri daoine cudromach ann an gnìomhachas ola ’s gas aig BPAan air Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba an ath- sheachdain agus iad a’ coinneachadh ann an Obar Dheathain mar phàirt dhen rannsachadh aca air na tha an dàn do dh’Alba gu h-eaconamach an dèidh 2014.

 

Cumaidh a’ Chomataidh coinneamh oifigeil ann an Leabharlann Sir Donnchadh Rice ann an Oilthigh Obar Dheathain air Diluain 28 Giblean, far an èist iad ris na fianaisean a leanas: Mike Tholen, Ola is Gas na RA; An t-Oll. Alex Kemp, Oilthigh Obar Dheathain agus Penelope Warne, Ceannard Lùths, CMS Cameron McKenna.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Murchadh Frìseal BPA:

 

“Thuige seo tha an rannsachadh air fianais fhaotainn o ghrunn dhaoine aig àrd-ìre ann an gnìomhachas, ’s o luchd-poilitigs is luchd-acadeimigeach mu phrìomh cheistean leithid airgead, cìsean is fiachan.

“Tha fios aig a h-uile duine gu bheil ola ’s gas cudromach a thaobh fastaidheachd agus saidhbhreas airgid. Ach tha gu bheil a’ Chomataidh a’ coinneachadh ann an Obar Dheathain a’ sealltainn dè cho cudromach is a tha an gnìomhachas seo a thaobh na tha an dàn do dh’Alba gu h-eaconamach.”

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Dennis Robastan BPA:

“Tha ola ’s gas cudromach chan ann a-mhàin dhaibhsan a dh’fhuiricheas is a dh’obraicheas ann an Obar Dheathain agus san t-Siorrachd, ach do na tha an dàn a thaobh airgid is eaconamaidh na h-Alba gu h-iomlan. Chaidh grunn rannsachaidhean fhoillseachadh o chionn ghoirid mu na tha air fhàgail de dh’ola ’s de ghas sa Chuan a Tuath.

“Tha ar Comataidh glè thoilichte a bhith a’ coinneachadh ann an Obar Dheathain, far am biomaid an dòchas ar tuigse a chur am feabhas a thaobh mar a chuireas an gnìomhachas ri cor na h-Alba an dèidh 2014.”

Cùl-sgeul

Tha na pàipearan a bhuineas ri coinneamhan na Comataidh ri fhaotainn an seo. Bidh a’ choinneamh a’ tòiseachadh aig 13.40 ’s a’ tighinn gu crìch mu 15.30.

Thathar a’ brosnachadh a’ mhòr-shluaigh a’ choinneamh seo a fhrithealadh agus gheibhear cothrom air ticeadan a chur mu seach tro bhith a’ dol an conaltradh ri Alexia Forrester air 0131 348 5403 or alexia.forrester@scottish.parliament.uk

Contact information

Media information

  • Kirsty Rimmer: 0131 348 6085
  • Text Relay calls welcome
  • kirsty.rimmer
    @scottish.parliament.uk

Committee information

  • Fergus Cochrane: 0131 348 5230
  • Text Relay calls welcome
  • fergus.cochrane
    @scottish.parliament.uk

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.