Cinn-latha fosaidh

Fosadh - is e seo àm a tha seo nuair nach eil a' Phàrlamaid na suidhe ach nach eil i air a sgaoileadh nas motha. Mar as trice, bidh fosaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann aig an aon àm ri saor-làithean sgoile is saor-làithean poblach.

Is iad cinn-latha fosaidh na Pàrlamaid a chaidh aontachadh:

2 Iuchar - 4 Sultainn 2011 ('s gach latha nan cois)

8 Damhair - 23 Damhair 2011 ('s gach latha nan cois)

23 Dùbhlachd (f) 2011 - 8 Faoilleach 2012 ('s gach latha nan cois)

11 Gearran - 19 Gearran 2012 ('s gach latha nan cois)

31 Màrt - 15 Giblean 2012 ('s gach latha nan cois)

30 Ògmhios - 2 Sultainn 2012 ('s gach latha nan cois)

A' tadhal air a' Phàrlamaid

Faodaidh tu tadhal air a' Phàrlamaid rè an fhosaidh airson turas den togalach saor is an asgaidh. Gheibh a-mach mar a chuirear turas air dòigh.

Faic deasbad no coinneamh comataidh

Faodaidh tu tighinn don Phàrlamaid agus coinneamh den Phàrlamaid no de chomataidh phàrlamaideach fhaicinn. Fios mu bhith a' cur tiocaidean air dòigh ro làimh.