Tha gluasadan gan cleachdadh le Buill mar innleachd gus deasbad a thòiseachadh no gnìomh sònraichte a mholadh.
Faodar gluasadan a chur a-steach gus an deasbad anns a’ Phàrlamaid mar chuid de ghnothach na Pàrlamaid, gus an deasbad mar chuid de Ghnothach nam Ball, a mholadh gun tèid reachdas aontachadh no dìreach gus taic a thogail. Faodaidh Buill eile ainm a chur sìos mar thaic ri gluasadan air an cur a-steach.
Tha atharrachaidhean air gluasadan gan cur a-steach le Buill cuideachd, gus beachdan a nochdadh is a dheasbad.
Tha Motions and Questions Search a’ leigeil leibh rannsachadh a dhèanamh airson ghluasadan air an cur a-steach. Faodar seo a dhèanamh le Ball, àireamh a’ ghluasaid no cuspairean farsaing.