Biùro na Pàrlamaid

Obair

Tha a’ phrìomh obair aig Biùro na Pàrlamaid air a cur an cèill ann an Gnàth-riaghailtean na Pàrlamaid (Riaghailt 5.1) mar:

(a) clàr-gnothaich na Pàrlamaid a mholadh;
(b) atharrachaidhean air liosta a’ ghnothaich làitheil a mholadh;
(c) stèidheachadh, raon-ùghdarrais, ballrachd is beatha comataidh no fo-chomataidh sam bith a mholadh; agus
(d) ceist sam bith a thaobh comas comataidh gus gnothach a ghabhail ri cùis a shocrachadh agus, a' phrìomh chomataidh ainmeachadh mu cheist sam bith a bhios an urra ri barrachd air aon chomataidh.

Ballrachd

Tha na Gnàth-riaghailtean ag ràdh gum bi Biùro na Pàrlamaid air a dhèanamh suas leis an Oifigear Riaghlaidh, riochdaire bho gach pàrtaidh poilitigeach aig a bheil còignear Bhall no barrachd agus riochdaire bho bhuidhnean sam bith le còignear bhall no barrachd bho phàrtaidhean aig a bheil nas lugha na còignear Bhall no nach tig bho phàrtaidh poilitigeach idir.

B’ e a’ bhallrachd a bha air Bureau na Pàrlamaid aig deireadh Seisean a Trì:

  • Bruce Crawford BPA, Rùnaire Caibineit airson Gnothach na Pàrlamaid agus Roi-inneachd Riaghaltais (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba)
  • Pòl Màrtainn BPA (Làbaraich na h-Alba)
  • Iain MacLaomainn BPA (Tòraidhean na h-Alba) 
  • Alison NicAonghais BPA (Deamocrataich Libearalach na h-Alba)

Tha na Gnàth-riaghailtean a' leigeil le buill a' Bhiùro cur air dòigh gun gabh ball eile an t-àite aca aig coinneamhan den Bhureau le bhith a’ cur fios ann an sgrìobhadh don Oifigear Riaghlaidh ro làimh.

Modhan-obrach

Fo na Gnàth-riaghailtean (Riaghailt 5.3.2), bidh am Biùro a' coinneachadh ann an dìomhaireachd. Bidh am Bureau a' feuchainn an-còmhnaidh ri co-dhùnaidhean a ghabhail le aonta, ach nuair a bhios feum air bhòt, bidh na buill a’ cur aon bhòt do gach ball den phàrtaidh no den bhuidhinn a tha iad a' riochdachadh. Nuair a bhios iad air an aon rèir, tha bhòt-sheulachaidh aig an Oifigear Riaghlaidh.

Chaidh Iùl Buill Biùro na Pàrlamaid aontachadh le Biùro na Pàrlamaid san t-Samhain 2007.

Coinneamhan

Bidh am Biùro a' coinneachadh gach seachdain madainn Dimàirt mar as trice. Gheibhear cothrom gu h-ìseal air clàr-obrach, pàipearan is geàrr-chunntas airson coinneamhan uile a’ Bhiùro.

Mar as trice, bidh pàipearan is clàran coinneamhan Biùro na Pàrlamaid gam foillseachadh, còmhla ris a’ gheàrr-chunntas air aontachadh, air an t-seachdain an dèidh don choinneimh a bhith air a cumail. Cha tèid na pàipearan anns a bheil fiosrachadh a tha ga mheas saor bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 fhoillseachadh.

Gheibhear pàipearan is clàran coinneamh a' Bhiùro le bhith a' putadh air English gu h-àrd.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.