Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gàidhlig

Dàn Pàrlamaid a’ Bhàrd-cùirte sa Ghàidhlig

Rody Gorman

Chaidh an dàn a sgrìobh Bàrd-cùirte na h-Alba Edwin Morgan gus fosgladh togalach Pàrlamaid na h-Alba a chomharrachadh, a leughadh aig Taigh an Ròid a-rithist an t-seachdain-sa – anns a’ Ghàidhlig.

Chaidh an dàn ‘Open The Doors!’ (‘Fosglaibh na Dorsan!’) eadar-theangachadh leis an ùghdar Rody Gorman a leughas e aig bogadh Plana ùr Gàidhlig 5-bliadhna na Pàrlamaid air Diardaoin 20 Samhain.

Bìdh an aithris seo a’ comharrachadh toiseach dà latha de thachartasan Gàidhlig aig Taigh an Ròid gus fàilte a chur air a’ phlana ùr.

Tha am plana a’ mìneachadh gheallaidhean bunaiteach na Pàrlamaid airson leudachadh a thoirt air na seirbheisean agus na goireasan Gàidhlig a thathar a’ toirt seachad don phoball.

Faigh a-mach barrachd:  Fios Naidheachd | Latha na Gàidhlig | Plana Gàidhlig
 

Gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo

Fuel pump

Tòisichidh Gnothaichean san t-Seòmar diciadain le Àm Cnuasachaidh aig 2.30f air a leantainn le aithris mhinistreil air bochdainn connaidh agus deasbad Riaghaltas na h-Alba air cairtean ID. Mar phàirt de Ghnothaichean nam Ball bidh Seumas Kelly BPA a’ toirt sùil air na duilgheadasan ro dhaoine air a bheil Tinneas Parkinson agus iad a-staigh san ospadal. Am measg gnothaichean diardaoin bidh deasbad an Riaghaltais air A’ Toirt Taic do Chlann an Cùram na h-Alba. Bidh sin air a’ leantainn le Àm nan Ceistean Coitcheann, agus Àm-cheistean a’ Phrìomh Mhinisteir aig meadhan-latha. 
Faigh a-mach barrachd:  Na tha a' tachairt aig Pàrlamaid na h-Alba | An Seòmar | Seumas Kelly BPA
 

Prògram com-pàirteachaidh sònraichte ùr air a bhogadh

An 'HaggEye' Tha pròiseact sònraichte ùr air a chur ri chèile leis a’ Phàrlamaid gus guth a thoirt go dhaoine nach eil gan riochdachadh san àbhaist san t-saoghal phoilitigeach. Obrachaidh Pròiseact Com-pàirteachasan Coimhearsnachd Pàrlamaid na h-Alba le òigridh dall agus leth-dhall, òigridh doirbh-a-ruigsinn, agus daoine le dualchasan dubha agus bho mhion-bhuidhnean cinnidheach gus an cuideachadh le a bhith a’ dol an com-pàirt le agus a’ toirt buaidh air obair na Pàrlamaid. Thoir sùil air an fhios naidheachd no tadhail air duilleagan Pròiseact Com-pàirteachasan Coimhearsnachd gus barrachd fhaighinn a-mach.

Faigh a-mach barrachd:  Fios naidheachd | Pròiseact Com-pàirteachasan Coimhearsnachd
 

Bidh tursan treòraichte an-asgaidh ann

Turas ann an Talla a' Phobaill Bidh tursan treòraichte do luchd-tadhail gan toirt seachad an-asgaidh bhon ath-bhliadhna. Bhon t-Sultain 2009 cha bhi aig a’ Phoball ri pàigheadh airson tursan treòraichte aig Taigh an Ròid. Le bhith a’ cur às don chosgais sin bidh deireadh leis an aon phàirt riaghailteach de chom-pàirteachadh leis a’ Phoball nach eil an-asgaidh aig an àm seo do luchd-tadhail. Thoir sùil air an fhios naidheachd airson barrachd fiosrachaidh.   

Faigh a-mach barrachd:  Barrachd fiosrachaidh air tursan an-asgaidh | A' tadhal air Taigh an Ròid
 

Fios le brùthadh putan

Saorsa an FhiosrachaidhTha a’ Phàrlamaid air duilleagan Saorsa-fiosrachaidh ùr leasaichte a chur air bhog agus iad air an cur ri chèile gus cothrom fhaighinn gun dàil a-nis air fiosrachadh a thathar a' leigeil mu sgaoil fo laghan Saorsa an Fhiosrachaidh. Thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA : “Tha an leasachadh seo, a bheir cothrom gun dàil do na h-uile air fiosrachadh a thathar a’ leigeil mu sgaoil mu Shaorsa-fiosrachaidh, a’ cur cuideim air rùn Pàrlamaid na h-Alba mu bhith fosgailte agus follaiseach.”

Faigh a-mach barrachd:  Saorsa an Fhiosrachaidh | Duilleagan Saorsa an Fhiosrachaidh
 
Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba
Faclairean GàidhligBidh sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ toirt seachad sheirbheisean Gàidhlig do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh foillseachaidhean. Faodaidh tu sgrìobhadh no fònadh don Phàrlamaid sa Ghàidhlig: 0131 348 5395; gaidhlig@scottish.parliament.uk
Ceanglaichean:

Seirbheis na Gàidhlig I Goireasan Gàidhlig (faclairean, ainmean-àite 7c.) |

Foillseachaidhean Gàidhlig I Co-chomhairlean | Plana Gàidhlig

  Gaelic in the Scottish Parliament