Gàidhlig sa Phàrlamaid - tachartas dà latha
Gaelic in the Parliament - a two day event
Learn about Gaelic in the Scottish Parliament 20-21 November 2008
Ionnsaich mun Ghàidhlig anns a' Phàrlamaid 20-21 Samhain 2008
See our information in English

- Ionnsaich mun Ghàidhlig sa Phàrlamaid
- Tursan treòraichte
- Bileagan fiosrachaidh
- Seiminear air Planadh Cànain
An co-bhann ri Bòrd na Gàidhlig
Tursan treòraichte le blas Gàidhlig
Dihaoine 21 Samhain 2008
Mar phàirt de Latha na Gàidhlig, bidh tursan treòraichte ann do dhaoine a tha ag ionnsachadh no aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig. Bheir seo cothrom do dhaoine ionnsachaidh mun phàrlamaid agus beagan Gàidhlig ionnsachadh.
Bidh trì tursan ann, aig 10.10, 11.30 agus 13.30. Mairidh an turas uair a thìde.
Bidh a’ mhòr-chuid den turas anns a’ Bheurla ach bi criomagan Gàidhlig ann airson blas den chànain a thoirt do dhaoine.
Gus àite a chur air dòigh air fear de na tursan, cuiribh fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail air 0131 348 5200 no cuiribh post-D gu sp.bookings@scottish.parliament.uk
Blasad Gàidhlig
Dihaoine 21 Samhain 2008
Thig is ionnsaich beagan Gàidhlig tro chòmhradh agus, is dòcha beagan abairtean pàrlamaideach cuideachd.
Bidh dà sheisean ann airson a’ phobaill san aonad foghlaim againn aig 14.00 agus 14.45.
Is e Gàidhlig do luchd-tòiseachaidh a bhios ann.
Bidh na seiseanan an-asgaidh agus bidh àiteachan gan toirt seachad “first come, first served” air an latha.
Bòrd Fiosrachaidh mun Ghàidhlig
Dihaoine 21 Samhain 2008
Bidh bileagan fiosrachaidh airson luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig rim faighinn aig bòrd fiosrachaidh anns an talla phoblach fad an latha.
Bùth na Pàrlamaid
Dihaoine 21 Samhain 2008
Bidh taisbeanadh ann de leabhraichean is dè stuthan Gàidhlig.
Bidh mugaichean le suaicheantas Ghàidhlig na Pàrlamaid rim faighinn air prìs lughdaichte.
|