An Seòmar-deasbaid
Is ann anns an t-Seòmar-deasbaid a bhios a’ Phàrlamaid a’ cruinneachadh gus cùisean poilitigeach a dheasbad agus gus sealltainn air molaidhean airson laghan ùra. Is e an Seòmar an t-àite cuideachd far am faod na buill ceistean a chur air a’ Phrìomh Mhinistear agus air Ministearan Albannach eile a h-uile seachdain.
Tha tomhas farsaing is caochlaideach de dhiofar seòrsa ghnothaichean ann ris am bithear a’ sealltainn anns an t-Seòmar. Am measg nan ceistean a chaidh a dheasbad air a’ bhliadhna seo chaidh tha slàinte, an àrainneachd, ceartas, cultar agus còmhdhail agus iomadh raon eile de shaoghal na h-Alba.
Tha Coinneamhan na Pàrlamaid gan clàradh leis an Aithisg Oifigeil agus leis na clèirich (Iris is Geàrr-chunntasan na Pàrlamaid).
Tha geàrr-chunntasan Gàidhlig rim faighinn de choinneamhan na làn-Pàrlamaid agus de choinneamhan Comataidh suas ris an Ogmhios 2004.
Gnothaichean ri teachd anns an t-Seòmar-deasbaid
|