Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba
Obair Co-chomhairleachaidh air Plana Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba
Tha e mar dhleastanas air Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba, fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, Plana Gàidhlig a dheasachadh agus beachdan a shireadh air. Chaidh gabhail ri dreachd den Phlana aig coinneamh den Bhuidhinn air 07 Samhain 2007 mar bhunait co-chomhairleachaidh.
Chaidh obair co-chomhairleachaidh air a’ phlana a chumail air an dreach Phlana eadar 27 Samhain 2007 agus 14 Faoilleach 2008.
Fios naidheachd mun dreach Phlana Gàidhlig
Chaidh am plana ùrachadh às dèidh na h-obrach co-chomhairleachaidh agus chaidh an dreach ùr seo aontachadh le Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba air 5 Màrt 2008. Chaidh seo a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho math ri aithisg air an obair cho-chomhairleachaidh. Thèid am plana mu dheireadh a phostadh cho luath agus a gheibh e aonta bhon Bhòrd.
Thèid am plana mu dheireadh a phostadh cho luath agus a gheibh e aonta bhon Bhòrd.
Airson barrachd fiosrachaidh mun Phlana Gàidhlig, cuiribh fios gu Seirbheis na Gàidhlig, Pàrlamaid na h-Alba, EH99 1SP, fòn: 0131-348-5395, facs: 0131-348-5601, post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk , www.parlamaid-alba.org
|