Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba
 

Tha a’ bhileag seo do BhPA, do luchd-obrach na Pàrlamaid agus dhan phoball. Tha i a’ mìneachadh na tha Seirbheis Gàidhlig na Pàrlamaid a’ dèanamh, agus mar as urrainn dhut a cleachdadh.

Clàr-innse

 

Fàilte gu Seirbheis na Gàidhlig

Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig anns an obair aice. Chaidh Seirbheis Gàidhlig na Pàrlamaid a steidheachadh ann an 2000 agus a-nis tha dithis luchd-obrach ann a tha ag obair air cùisean na Gàidhlig: Oifigear Fiosrachaidh Gàidhlig agus Oifigear Coimhearsnachd Gàidhlig. Eatorra, bidh iad a’ toirt seachad roghainn fharsaing de sheirbheisean mun Ghàidhlig agus anns a’ Ghàidhlig do BhPA, do luchd-obrach na Pàrlamaid, agus dhan phoball.

Ag obair do Phàrlamaid na h-Alba

Tha Seirbheis na Gàidhlig an sàs ann an obair na Pàrlamaid ann an iomadh dòigh, bho bhith a’ riochdachadh na Pàrlamaid aig a’ Mhòd Nàiseanta gu bhith ag ullachadh eadar-theangachaidhean de dh’ fhoillseachaidhean cudromach. Tha taic do BhPA agus do luchd-obrach na Pàrlamaid a’ gabhail a-staigh: A’ toirt comhairle do BhPA mun Ghàidhlig agus mu chùisean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig

  • A’ sgrìobhadh fiosrachadh airson duilleagan Gàidhlig làrach-lìn na Pàrlamaid: www.scottish.parliament. uk /gaidhlig
  • A’ co-obrachadh leis na meadhanan Gàidhlig, agus a’ toirt fiosrachadh dhaibh
  • Ag ullachadh eadar-theangachadh airson tionndaidhean Gàidhlig de na prìomh sgrìobhainnean pàrlamaideach, leithid Aithisg Bhliadhnail na Pàrlamaid
  • A’ cumail smachd air càileachd nan eadar-theangachaidhean Gàidhlig air fad a thèid ullachadh leis a’ Phàrlamaid agus dhan Phàrlamaid
  • A’ toirt taic do Chomataidhean a gheibh fianais anns a’ Ghàidhlig, no a dhèiligeas ri cùisean anns am biodh ùidh aig luchd na Gàidhlig
  • A’ dèanamh cheanglaichean ri Buidheann Thàr-phàrtaidh na Gàidhlig
  • A’ co-obrachadh air pròiseact Faclair na Pàrlamaid le Iomairt Cànain na h-Eòrpa.

Nuair a thèid Gàidhlig a chleachdadh anns an t-Seòmar no aig coinneamhan Comataidh, thèid eadar-theangachadh mar aon agus tar-sgrìobhadh Gàidhlig a chur air dòigh, a thèid a chlàradh anns an Aithisg Oifigeil.

Ag Obair dhan Phoball

Tha Pàrlamaid na h-Alba gu mòr airson ’s gun tèid fiosrachadh mun Phàrlamaid a sgaoileadh dhan phoball, a bhrosnaicheas com-pàirt ann an obair na Pàrlamaid. Tha e an urra ri Seirbheis na Gàidhlig sin a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha ar n-obair còmhla ri daoine fa leth, sgoiltean, colaistean agus buidhnean coimhearsnachd a’ gabhail a-staigh: A’ freagairt cheistean mun Phàrlamaid anns a’ Ghàidhlig

  • A’ freagairt cheistean anns a’ Bheurla mu chùisean pàrlamaideach anns am biodh ùidh aig a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.
  • A’ cruthachadh agus a’ sgaoileadh stuthan fiosrachaidh agus foghlaim anns a’ Ghàidhlig; mar stiùireadh mu bhith a’ cur a-steach athchuingean; quizichean agus geamaichean
  • A’ cur thursan air a’ Phàrlamaid air dòigh do bhuidhnean agus do dhaoine fa leth
  • A’ tadhal air coimhearsnachdan agus sgoiltean air feadh na h-Alba gus obair na Pàrlamaid, agus mar as urrainn dhan phoball pàirt a ghabhail innte a mhìneachadh.
  • A’ riochdachadh na Pàrlamaid aig tachartasan agus taisbeanaidhean air feadh na h-Alba, mar a’ Mhòd Nàiseanta agus Fèis nan Leabhraichean.
  • A’ sgaoileadh fiosrachadh mu obair na Pàrlamaid anns a’ Ghàidhlig tro na Leabharlannan Com-pàirt agus Leabharlannan Ceangailte air feadh na h-Alba, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.
  • A’ dèanamh cheanglaichean ri pàrlamaidean agus seanaidhean eile.

Ag obair dhut-sa

Airson ar seirbheisean a chleachdadh no tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun obair againn, nach cuir thu fios thugainn, anns a’ Ghàidhlig no anns a’ Bheurla. A bharrachd air naidheachdan agus fiosrachadh a bhios air ùrachadh gu cunbhalach air an làraich-lìn againn, faodaidh sinn pasganan bhil eagan agus sgrìobhainnean a chur ri chèile dhut, saor agus an asgaidh, air roghainn fharsaing de chuspairean pàrlamaideach.

Barrachd Fiosrachaidh / Further information

Airson barrachd fiosrachaidh mu Phàrlamaid na h-Alba, no rud sam bith anns a’ bhileig seo, tadhail air an làraich-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig no cuir fios gu Seirbheis na Gàidhlig:

Fòn: 0131 348 5401 / 0845 278 1999 (ìre ionadail / local rate)

Facs: 0131 348 5601

Post-D: gaidhlig@scottish.parliament.uk

Litir: Seirbheis Fiosrachaidh Gàidhlig, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann EH99 1SP