Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

A' Tadhal air Taigh an Ròid
 

Taigh an Ròid

Fàilte oirbh a-steach don dachaigh ùr againn.

Lean an ceangal seo airson fiosrachadh mu càite bheil sinn agus ciamar a gheibh sibh do thogalach na pàrlamaid.

Gheibhear a-steach don togalach an asgaidh agus faodaidh sibh:

 

 

  • sùil a thoirt air taisbeanadh mu Phàrlamaid na h-Alba
  • fiosrachadh fhaighinn mun Phàrlamaid
  • tadhal air gailearaidhean poblach an t-Seòmair agus nan seòmraichean Comataidh a dh’fhaicinn na Pàrlamaid ag obair air làithean gnothaich. Air làithean neo-ghnothaich, tha gailearaidhean poblach an t-Seòmair agus nan seòmraichean Comataidh fosgailte gus am faic luchd-tadhail cho iongantach ’s a tha na h-àiteachan sin agus bidh luchd-obrach an làthair ma tha ceist sam bith agaibh.
  • gnothaichean a leantainn air sgrìonaichean an t-Sianail Fiosrachaidh anns a’ Phrìomh Thalla
  • tadhal air a’ bhùth agus a’ chafé.

 

Tha grunn sheirbheisean againn airson bhur cuideachadh nuair a thig sibh, leithid crèche (bhiodh e ciallach clàradh ro làimh), goireasan altramais agus iasad air cathraichean-cuibhle/bugaidhean pàiste.

Chaidh Taigh an Ròid a dhealbh le sùil gheur air feuman dhaoine le ciorram agus tha grunn sheirbheisean againn airson bhur cuideachadh. Bidh fàilte ro choin treòrachaidh agus coin cuideachaidh eile. 

Is e na h-uairean fosglaidh againn:

 

Làithean Gnothaichean (mar as trice Dimàirt-Diardaoin)

Fad na bliadhna 09.00 gu 18.30

Làithean gun Ghnothaichean (Mar as trice Diluain is Dihaoine agus gach latha Diluain-Dihaoine nuair a tha a’ Phàrlamaid na fosadh)

  • Giblean gu Sultain 10.00 gu 17.30
  • Dàmhair gu Màrt 10.00 gu 16.00

Disathairne is saor làithean poblach

      

Fad na Bliadhna 11.00 gu 17.30

Dùinte Didòmhnaich

Inntrigeadh mu dheireadh 30 mionaidean ro àm dhùnaidh.  

Thoiribh an aire gum bi Pàrlamaid na h-Alba dùinte eadar 9 Gearran agus 17 Gearran 2008.

Thoiribh fa-near gur e Pàrlamaid ag obair a th’ annainn.  Feumaidh a h-uile turas don Phàrlamaid gèilleadh ri feuman ghnothaichean Phàrlamaideach, agus ri tèarainteachd a dh’fhaodadh atharrachadh air beag rabhaidh.  Dh’fhaodar slighe nan cuairtean agus inntrigeadh do phàirtean de thogalach na Pàrlamaid atharrachadh no a dhùnadh air beag rabhaidh.  Ma thèid an togalach a dhùnadh no cuairtean a chur dheth feuchaidh sinn ri làithean eile a thabhann oirbh nuair a dh’fhaodadh sibh tadhal.

Ma tha sibh airson tadhal, smaoinichibh air dè bu toil leibh faicinn agus dèanamh oir tha fèill mhòr air an togalach agus faodaidh e fàs gu math trang:

  • Ma tha sibh airson a’ Phàrlamaid fhaicinn ag obair, bidh sibh airson tadhal air latha gnothaich nuair as urrainn dhuibh a dhol do na gailearaidhean poblach a dh’fhaicinn coinneamh Comataidh no coinneamh den làn Phàrlamaid. Tha tiocaidean an-asgaidh. Bu chòir dhuibh an clàradh ro-làimh oir tha fèill mhòr orra.
  • Mas e an togalach fhèin a tha a’ togail bhur n-ùidh agus sibh airson tuilleadh ionnsachadh mun Phàrlamaid san fharsaingeachd, is dòcha gum biodh e na b’ fheàrr tadhal air latha neo-ghnothaich nuair a dh’fhaodas sibh cuairt a ghabhail timcheall air bhur socair no cuairt threòraichte a ghabhail le treòraiche proifeiseanta.

Chì sibh seachdainean suidhe/amannan fosaidh air an làraich-lìn seo anns an earrann Gnothach Pàrlamaideach.  

Airson fiosrachadh air turas a chur air dòigh, tiocaidean a chlàradh, cuairt threòraichte no turas buidhne, cuiribh fios oirnn mus tig sibh.  Seo dòighean a chuireas sibh fios thugainn:

Seòladh

Seirbheisean Luchd-tadhail
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Fòn

0131 348 5200

 

Fòn teacsa

faodar fios a chur thugainn air 0845 270 0152. Cuiridh sinn fàilte cuideachd air gairmean RNID Typetalk

Facs

0131 348 5601

@

Post-d

sp.bookings@scottish.parliament.uk