Fios Naidheachd
18 Dùbhlachd 2009
TURASAN-IÙIL AN-ASGAIDH ANN AN CÀNAN SOIDHNIDH BHREATAINN AIR TÒISEACHADH AIG TAIGH AN RÒID
Faodaidh luchd-cleachdaidh Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) turas a ghabhail an-asgaidh mu Thaigh an Ròid a-nis fhad is a bhios iad a' coimhead air iùl-èisteachd/amhairc.
Bho an-diugh, bidh e comasach do luchd-tadhail a tha bodhar no mall san èisteachd a chleachdas BSL agus a ghabhas turasan-iùil innealan-làimhe le iùl-èisteachd/amhairc le BLS a chleachdadh airson ionnsachadh barrachd mu Phàrlamaid na h-Alba.
Bidh na turasan a’ toirt lèirsinn don luchd-tadhail mu chuid den ailtireachd is den obair-ealain air leth ann an Taigh an Ròid agus ionnsaichidh luchd-tadhail mu àite is obair na Pàrlamaid is nan 129 de Bhuill a tha aice.
Air na turasan, thathar a’ tadhal air an t-Seòmar-dheasbaid, air seòmraichean nan Comataidhean, àrainn Gàrradh an Lobaidh agus air Taigh Queensbury.
Thug a’ Phàrlamaid turasan an-asgaidh a-steach anns an t-Sultain – an ceum mu dheireadh gus a h-uile nì ceangailte ri tadhal air is ceangal ris a’ Phàrlamaid a dhèanamh saor an-asgaidh don phoball. Tha turasan-èisteachd/amhairc rim faotainn ann an caochladh chànan, Gàidhlig nam measg.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA:
“Tha sinn moiteil mar Phàrlamaid às a bhith follaiseach is fosgailte agus is e rud ri chomharrachadh a tha ann a bhith a’ toirt air falbh na seirbheis mu dheireadh le cosgais don fheadhainn a bhios a’ tadhal air Taigh an Ròid.
“Le bhith a’ toirt a-steach BSL anns na turasan-iùil againn, bu chòir gum biodh an cothrom aig barrachd dhaoine na riamh roimhe eòlas a chur air a' Phàrlamaid dhaibh fhèin."
Tha rùn aig a’ Phàrlamaid fhathast luchd eadar-mhìneachaidh BSL no taic sam bith eile a thaobh conaltraidh a thoirt seachad a rèir mar a bhios e a dhìth. Mas e gum bi a leithid de sheirbheis a dhìth air luchd-tadhail airson turais sam bith don Phàrlamaid, frithealadh air deasbadan san t-Seòmar, coinneamhan aig Comataidhean, coinneamhan le Buill no luchd-obrach agus turasan fhèin san àireamh, cuiribh fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail ro làimh gus na h-ullachaidhean a tha a dhìth a dhèanamh.
Cùl-fhiosrachadh
Is iad na cànanan a tha rom faotainn airson turasan-èisteachd a-nis:
- Arabais
- Bengali
- BSL
- Cantonese
- Gàidhlig
- Mandarin
- Pòlainnis
- Punjabi
- Urdu
- Fraingis
- Gearmailtis
- Eadailtis
- Ruiseanais
- Spàinnis
Tha turasan an-asgaidh rim faotainn don phoball air làithean gun ghnothach agus do dh’aoighean Bhall air làithean le gnothach nuair a bhios a’ Phàrlamaid na suidhe.
Tha turasan gan cumail gu cunbhalach gach latha, bho 10 uairean sa mhadainn gu 5 uairean feasgar air làithean tron t-seachdain agus 11 uair sa mhadainn gu 4 uairean feasgar Disathairne, a rèir na bhios ri fhaotainn, a’ tairgse suas gu 48 de thurasan gach seachdain.
Cleachdaidh a’ Phàrlamaid iùl-èisteachd/amhairc bho Shreath Opus Acoustguide aig a bheil na comasan eadar-mheadhanach as ùire buileach. Thathar a’ cleachadh an stuth cheudna ann am farsaingeachd de dh’ionadan luchd-tadhail air feadh an t-saoghail, Taigh-tasgaidh Bhreatainn, Musée d’Orsay Pharis agus Taigh-tasgaidh Ealain an Latha An-diugh ann an New York nam measg.
Is e an neach-fiosrachaidh airson nam meadhanan:
Sally Coyne: 0131 348 6265
Conaltradh Text Relay dì-beathte
Post-dealain: sally.coyne@scottish.parliament.uk
Airson cheistean mu fhiosrachadh a’ phobaill, cuiribh fios gu:
Fòn: 0131 348 5000 / 0800 092 7500 (Ceistean Poblach) 0131 348 5395 (Gàidhlig)
Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100. Tha sinn cuideachd toilichte gabhail ri luchd-cleachdaidh seirbheis Text Relay.
Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
Faodaidh tu a-nis fios a chur chun Phàrlamaid le teachdaireachd teacsa. Leigidh an t-seirbheis eadar-ghnìomhach againn ainm do BhPA fhaighinn le bhith a’ cur do chòd-puist thugainn, leigidh e leat ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid agus a cuid obrach, agus leigidh e leat bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh ri chleachdadh 07786 209888. Cosgaidh teacsan ìrean lìonra àbhaisteach. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air ar Duilleag Seirbheis Teacsa.
|