Select here to go directly to the document text
 
  
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

19 Gearran 2010

COMATAIDH AG IARRAIDH BHEACHDAN AIR RIAGHLADH SGOILTEAN ANN AN ALBA

Tha Comataidh Ionnsachaidh, Foghlam Fad-bheatha agus Cultar ag iarraidh fianais air mar a tha sgoiltean air an riaghladh agus atharrachaidhean a dh'fhaodadh tighinn air an smachd a bhios aig na h-ùghdarrasan ionadail orra.

 

Tha a’ cheist a thaobh mar a tha sgoiltean air an riaghladh air èirigh san obair a rinn a’ chomataidh air meud chlasaichean, mun Churaicealam airson Sar-mhathais agus mu bhith a’ toirt seachad biadh sgoile an-asgaidh.

Mar thoradh air an deasbad a tha a’ dol air adhart mu atharrachaidhean air na dòighean anns a bheil sgoiltean ann an Alba air an riaghladh, tha a’ chomataidh den bheachd gu bheil an t-àm ann a-nis beachd a ghabhail air a’ cheist.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Karen Whitefield BPA:

“Tha mar a bhios sgoiltean na h-Alba air an riaghladh, is mar a bu chòir dhaibh a bhith, aig bonn an lìbhrigidh shoirbheachail de dh'fhoghlam do chloinn sna sgoiltean-àraich, sna bun-sgoiltean is sna h-àrd-sgoiltean. Air an adhbhar seo, bu mhath leis a’ chomataidh beachd a chluinntinn bho dhaoine is bho bhuidhnean sam bith aig a bheil ùidh sa chùis seo.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha a’ chomataidh ag iarraidh bheachdan gus cuideachadh leis a’ bheachdachadh a nì i air a’ cheist mus gabh i co-dhùnadh dol air adhart le rannsachadh no a chaochladh. Tha a’ chomataidh cuideachd air iarraidh air Ionad Fiosrachaidh na Pàrlamaid (SPICe) brath-ullachaidh a thoirt seachad mu chruth nan sgoiltean-stàite air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus na cruinne-cè.

Bu chòir fianais ann an sgrìobhadh a chur a-steach ro 12 meadhan-latha Dihaoine 2 Iuchar air a’ char as fhaide. Cha tèid an ceann-latha seo a shìneadh ach a-mhàin le iarrtas ann an sgrìobhadh gu Neach-gairm na Comataidh. Bu chòir gum biodh fianais-sgrìobhte air a taipeadh agus geàrr (mar stiùireadh, gun a bhith nas fhaide mar as trice na ceithir taobhan de A4).

Bhiodh e na chuideachadh nam faodte beachdan a chur a-steach mar phost-dealain gu ellc.committee@scottish.parliament.uk le ainm an eagrachaidh agaibh no, ma bhios e iomchaidh, ur n-ainm fhèin mar chuspair.

Mus cuir sibh fianais-sgrìobhte a-steach, feuch an cuir sibh eòlas air a' phoileasaidh mu làimhseachadh fianais-sgrìobhte le comataidhean aig a' Phàrlamaid. Gheibhear e seo air an duilleag-lìn seo a leanas:

http://www.scottish.parliament.uk/business/parliamentaryProcedure/ParliamentPolicy.pdf

Thathar a’ cur fàilte air fianais anns a’ Ghàidhlig.

Is e an neach-fiosrachaidh airson nam meadhanan:

Rosemary Gallagher: 0131 348 6245  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: rosemary.gallagher@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh sònraichte fhaotainn mun Chomataidh, cuiribh fios gu:

Eugene Windsor: 0131 348 5204  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: Eugene.windsor@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachaidh mu na comataidhean air fad aig Pàrlamaid na h-Alba, rachaibh gu:

www.scottish.parliament.uk/business/committees/index.htm

Gus sealltainn air gnothaichean beò aig comataidhean na Pàrlamaid is air an t-seòmar mhòr, no air stuth air a thasgadh, rachaibh gu:

www.holyrood.tv/


Airson cheistean mu fhiosrachadh a’ phobaill, cuiribh fios gu:
Fòn: 0131 348 5000 / 0800 092 7500 (Ceistean Poblach) 0131 348 5395 (Gàidhlig)


Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100. Tha sinn cuideachd toilichte gabhail ri luchd-cleachdaidh seirbheis Text Relay.

Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk

Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org  

Faodaidh tu a-nis fios a chur chun Phàrlamaid le teachdaireachd teacsa. Leigidh an t-seirbheis eadar-ghnìomhach againn ainm do BhPA fhaighinn le bhith a’ cur do chòd-puist thugainn, leigidh e leat ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid agus a cuid obrach, agus leigidh e leat bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh ri chleachdadh 07786 209888. Cosgaidh teacsan ìrean lìonra àbhaisteach. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air ar Duilleag Seirbheis Teacsa.