Fios Naidheachd
4 Màrt 2010
FIANAIS-SGRÌOBHTE A DHÌTH AIR A’ CHOMATAIDH RI COBHAIR AIG DEIREADH NA BEATHA (ALBA)
Tha comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh fianais-sgrìobhte gus cruth a thoirt air an sgrùdadh a nì i air a’ cheist a thaobh “bàs le cobhair”.
Chaidh Comataidh Bile Cobhair aig Deireadh na Beatha (Alba) a chur air bhonn air a’ mhìos a chaidh gus beachd a ghabhail air na prionnsabalan coitcheann sa Bhile a chaidh a thoirt a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba le Margo Dhòmhnallach BPA air 20 Faoilleach.
Is iad prìomh chuspairean a’ Bhile:
- leigeil le luchd-leigheis clàraichte ann an Alba cobhair a thoirt do dh’euslaintich a bhios ag iarraidh crìoch a chur air am beatha fhèin – air a bheilear a’ gabhail “bàs le cobhair”
- faighinn a-mach cò tha airidh air bàs le cobhair fhaotainn bho neach-leigheis clàraichte
- an dòigh-obrachaidh fo am bi neach airidh air bàs le cobhair fhaotainn a stèidheachadh
- uallachaidhean is dleastanasan an neach-leigheis chlàraichte mar fhreagairt air iarrtas bàsachadh le cobhair a stèidheachadh.
Thuirt neach-gairm na comataidh Ross O Finnai BPA:
“Bidh beachd aig farsaingeachd de bhuidhnean is de dhaoine fa leth, eadar luchd-leigheis is buidhnean-carthannais is luchd-lagha san Rìoghachd Aonaichte is thall thairis, air a’ cheist mu bhàs le cobhair. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho uimhir is a gahbhas dhiubh a chuideachadh gus cruth a thoirt air a' bheachdachadh a nì sinn air a' Bhile agus e a' dol tron Phàrlamaid."
Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan ann an sgrìobhadh mun a h-uile nì an lùib a’ Bhile. Tha i ag iarraidh gun cuir na freagairtean aghaidh air caochladh nithean, nam measg:
- Am bu chòir gum faodadh neach cobhair aig deireadh na beatha iarraidh air neach-leigheis clàraichte?
- Na feumalachdan mu aois is mu cheangal ri Alba air an cur am briathran sa Bhile Tha am Bile ag ràdh gun fheum neach sam bith a dh’iarras bàs le cobhair a bhith 16 bliadhna dh’aois no nas sine agus a bhith air a chlàradh le ionad-leigheis ann an Alba fad 18 mìosan air a’ char as giorra dheth
- An dà sheòrsa de dhaoine a bhiodh airidh air cobhair fo chumhaichean a’ Bhile Is iad seo daoine a tha air am breithneachadh a bhith tinn gu bàs agus nach fhaod a’ bheatha fhulang no an fheadhainn ud a tha fo chiorram corrpora buan chun na h-ìre is nach urrainn dhaibh tighinn beò air an ceann fhèin no a' bheatha fhulang
- Tha am modh-obrachaidh mu chead is dhearbhaidh ann an dà cheum ri chumail gus am faigh neach a tha airidh air cobhair aig deireadh na beatha fhaotainn
- Ìre is gnè nan dìon anns a' Bhile.
Cùl-fhiosrachadh
Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air fianais-sgrìobhte bho dhaoine fa leth a bharrachd air buidhnean is buidhnean dreuchdail. Tha rùn aig a’ Chomataidh gun toir an fhianais a gheibhear cruth air a’ bheachdachadh a nì i air a’ Bhile aig Ìre 1. Thèid na beachdan uile a nochdadh ris a’ Chomataidh.
Bu chòir fianais ann an sgrìobhadh a chur a-steach ro Dhiciadain 12 Cèitean 2010 air a’ char as fhaide dheth. Cha tèid an ceann-latha seo a shìneadh ach a-mhàin le iarrtas ann an sgrìobhadh gu Neach-gairm na Comataidh. Bu chòir gum biodh fianais-sgrìobhte air a taipeadh agus geàrr (mar stiùireadh, gun a bhith nas fhaide mar as trice na ceithir gu sia a thaobhan de A4).
Bhiodh e na chuideachadh nam faodte beachdan a chur a-steach air post-dealain gu ELABill.committee@scottish.parliament.uk
Faodar beachdan a chur ann an cruth cruaidh gu—
Comataidh Bile Cobhair Deireadh na Beatha (Alba)
T3.60
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Thathar a' cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.
Airson barrachd fiosrachaidh, tadhlaibh air
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/endLifeAsstBill/index.htm
Is e an neach-fiosrachaidh airson nam meadhanan:
Rosemary Gallagher: 0131 348 6245 Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte
Post-dealain: rosemary.gallagher@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachadh sònraichte fhaotainn mun Chomataidh, cuiribh fios gu:
Seán Wixted: 0131 348 5410 Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte
Post-dealain: sean.wixted@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh mu na comataidhean air fad aig Pàrlamaid na h-Alba, rachaibh gu:
www.scottish.parliament.uk/business/committees/index.htm
Gus sealltainn air gnothaichean beò aig comataidhean na Pàrlamaid is air an t-seòmar mhòr, no air stuth air a thasgadh, rachaibh gu:
www.holyrood.tv/
Airson cheistean mu fhiosrachadh a’ phobaill, cuiribh fios gu:
Fòn: 0131 348 5000 / 0800 092 7500 (Ceistean Poblach) 0131 348 5395 (Gàidhlig)
Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100. Tha sinn cuideachd toilichte gabhail ri luchd-cleachdaidh seirbheis Text Relay.
Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
Faodaidh tu a-nis fios a chur chun Phàrlamaid le teachdaireachd teacsa. Leigidh an t-seirbheis eadar-ghnìomhach againn ainm do BhPA fhaighinn le bhith a’ cur do chòd-puist thugainn, leigidh e leat ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid agus a cuid obrach, agus leigidh e leat bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh ri chleachdadh 07786 209888. Cosgaidh teacsan ìrean lìonra àbhaisteach. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air ar Duilleag Seirbheis Teacsa.
|