Select here to go directly to the document text
 
  
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

4 Màrt 2010

                                                                                                 

COMATAIDH AIR FALBH DON CHÙIL AN EAR

 

 

Is e Acadamaidh Waid ann an Eanstar (Anstruther) a’ chiad àite air am bi Comataidh nan Athchuingean Poblach a’ tadhal mar phàirt de na cuairtean a chuireas a’ chomataidh air an taobh a-muigh am-bliadhna.  Tha buidhnean-coimhearsnachd, buidhnean-carthannais, comhairlean-coimhearsnachd is sgoiltean ionadail uile air cuireadh fhaighinn don choinneimh Diluain 15 Màrt  aig 10.30m.

Bheir clann à Acadamaidh Wald dà athchuinge seachad a chuir iad a-steach air dìon còraichean oibrichean aig aois sgoile agus cothrom an-asgaidh air goireasan cur-seachad poblach do chloinn.

Thuirt an Neach-gairm Frangan Mac an Bhiataigh BPA:

“Is e seo a’ chiad uair a tha comataidh bhon Phàrlamaid air coinneachadh ann an Eanstar agus tha togail againn uile ris. Tha sinn air tòrr bheachdan fhaighinn bho dhaoine aig na coinneamhan eile a chùm sinn air a’ bhlàr a-muigh air feadh na h-Alba.

“A bharrachd air a’ ghnothach fhoirmeil an lùib beachdachadh athchuingean aig a' choinneimh, feadhainn bho chlann Acadamaidh Waid nam measg, bidh sinn a' cur seachad tìde gus ceistean a fhreagairt cuideachd. Bheir seo an cothrom don luchd-èisteachd Buill a cheasnachadh mun obair aca is barrachd mun àite a tha aig Comataidh nan Athchuingean Poblach.

“Bidh cho soirbheachail is a bhios a’ choinneamh an crochadh air na beachdan a gheibh sinn air ais bhon fheadhainn a bhios an làthair. Tha sinn an dòchas gun nochd muinntir an àite a choimhead air a’ Phàrlamaid aca ag obair.”

Agus e a-mach air coinneamh Chomataidh nan Athchuingean Poblach, thuirt Ceann-sgoile Acadamaidh Waid, Iain Hughes:

“Tha e mìorbhaileach gum bi cuid de Phàrlamaid na h-Alba a’ suidhe ann an Acadamaidh Waid. Seallaidh a’ choinneamh eachdraidheil seo saoranachd ann an gnìomh don fheadhainn òig againn. Bheir e tuigse do luchd-ionnsachaidh air mar a bhios atharrachadh ga dhèanamh is air àite na pàrlamaid gus laghan a dhèanamh is a chruthachadh gu leas nan coimhearsnachdan."

Thuirt Cinn-shuidhe Chòmhdhail nan Oileanach, Greta Loughlon is Laughlan Hall à Bliadhna 6:

“Bidh e inntinneach ìre eile de mhodh-obrachaidh an deamocrasaidh a bhith a' tachairt anns an sgoil againn. Is cinnteach gum bi e gu math luachmhor dhuinn sealltainn air dèanamh cho-dhùnaidhean aig an ìe as àirde is èisteachd ri ceistean eile a bhios a' bualadh oirnn gan deasbad le Buill.”

 

Cùl-fhiosrachadh

Bho 1999, thathar air cha mhòr 1,300 de dh’athchuingean a chur don Phàrlamaid rim beachdachadh le Comataidh nan Athchuingean Poblach. Nam measg seo, thathar air sealltainn air:

Is e an obair a tha aig a’ chomataidh beachd a ghabhail air gach athchuinge a chuirear a-steach mus aontaichear gu dè a tha dhèanamh an uair sin – is dòcha sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba, gu comhairle ionadail no gu buidhnean poblach eile a’ faighneachd dè nì iad.

Tòisichidh a’ choinneamh air 15 Màrt aig 10.30m. Tha tiogaidean an-asgaidh agus faodar am faotainn ro làimh le bhith a’ cur fios gu petitions@scottish.parliament.uk no 0131 348 5254, no air an latha fhèin aig an doras. Tha barrachd fiosrachaidh mu obair Chomataidh nan Athchuingean Poblach is mu na pàipearan airson na coinneimh seo rim faotainn tron duilleag-lìn aice

www.scottish.parliament.uk/s3/committees/petitions/index.htm)

 

Is e an neach-fiosrachaidh airson nam meadhanan:

Ann Donald: 0131 348 5605  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Email: ann.donald@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh sònraichte fhaotainn mun Chomataidh, cuiribh fios gu:

Fergus Cochrane: 0131 348 5186  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Email: fergus.cochrane@scottish.parliament.uk

http://scottishparliamentpetitions.blogspot.com/

http://audioboo.fm/petitionsclerk

 

Airson fiosrachaidh mu na comataidhean air fad aig Pàrlamaid na h-Alba, rachaibh gu:

www.scottish.parliament.uk/business/committees/index.htm

Gus sealltainn air gnothaichean beò aig comataidhean na Pàrlamaid is air an t-seòmar mhòr, no air stuth air a thasgadh, rachaibh gu:

www.holyrood.tv/

Airson cheistean mu fhiosrachadh a’ phobaill, cuiribh fios gu:
Fòn: 0131 348 5000 / 0800 092 7500 (Ceistean Poblach) 0131 348 5395 (Gàidhlig)


Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100. Tha sinn cuideachd toilichte gabhail ri luchd-cleachdaidh seirbheis Text Relay.

Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk

Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org  

Faodaidh tu a-nis fios a chur chun Phàrlamaid le teachdaireachd teacsa. Leigidh an t-seirbheis eadar-ghnìomhach againn ainm do BhPA fhaighinn le bhith a’ cur do chòd-puist thugainn, leigidh e leat ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid agus a cuid obrach, agus leigidh e leat bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh ri chleachdadh 07786 209888. Cosgaidh teacsan ìrean lìonra àbhaisteach. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air ar Duilleag Seirbheis Teacsa.