Gàidhlig
|
BEÒ! Ceistean don Phrìomh Mhinistear agus Holyrood Highlights |
Thèid Ceistean don Phrìomh Mhinistear a chumail aig meadhan latha an-diugh nuair a fhreagras Ailig Salmond BPA ceistean san t-seòmar bho cheannardan nan dùbhlanach agus bho bhuill eile. Thèid ar prògram seachdaineach air gnothaichean na Pàrlamaid, Holyrood Highlights, a chraoladh aig 12.30f, dìreach às dèidh Ceistean don Phrìomh Mhinistear.
|
| Faigh a-mach barrachd: Gnothaichean Pàrlamaideach |
|
Taisbeanadh Dealbh Luchd-naidheachd an t-Saoghail |
Bidh prìomh thaisbeanadh dealbhan luchd-naidheachd an t-saoghail a’ fosgladh a-rithist aig Pàrlamaid na h-Alba don chòigeamh bliadhna an dèidh a chèile 3 Lùnastal.
Tha taisbeanadh dealbhan luchd-naidheachd an t-saoghail ga chumail ann an Taigh an Ròid mar phàirt den Fhèis Phoilitigs bhliadhnail le dealbhan a ghlèidh duaisean anns a’ cho-fharpais am-bliadhna anns an robh barrachd is 100,000 dealbh air an cur a-steach bho cha mhòr 6,000 neach-togail dhealbh.
Bidh an taisbeanadh fosgailte don phoball eadar 3-28 Lùnastal.
|
| Faigh a-mach barrachd: Taisbeanadh Dealbh Luchd-naidheachd an t-Saoghail 10 | Leugh barrachd mun taisbeanadh |
|
Rìgh-chathair Chruithneach ùr aig Taigh an Ròid |
Tha a’ chiad Rìgh-chathair Cruinneach a chaidh a thogail bho chionn còrr is mìle bliadhna ri faicinn ann an Taigh an Ròid.
Chaidh an rìgh-chathair a thogail le Adrian McCurdy, neach-dèanamh àirneis às na Crìochan. Bha an dealbhadh aige stèidhichte air dealbhan de dhaoine nan suidhe air rìgh-chathraichean bho charraighean Cruithneach.
Tha e gu math iomchaidh gu bheil an Righ-chathair suidhichte ann an Pàrlamaid na h-Alba a chionn’s gun robh Rìghrean Cruithneach cho cudromach uair ann an riaghladh na h-Alba.
Chaidh an rìgh-chathair, a bhios ri faicinn sa Phàrlamaid gu deireadh a’ Mhàirt, a choimiseanadh Companaidh Glenmorangie agus le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gus tuigse a bhrosnachadh air muinntir ro-eachdraidheil na h-Alba agus an saoghal aca.
|
| Faigh a-mach barrachd: Tbh Taigh an Ròid | An Seòmar | Gnothaichean pàrlamaideach làthaireach is san àm ri teachd |
|
Tursan Treòraichte Gàidhlig an-asgaidh aig Taigh an Ròid
|
Faodaidh muinntir na Gàidhlig turas an-asgaidh a ghabhail mu Thaigh an Ròid a-nis fhad is a bhios iad ag èisteachd ri iùl anns a' chànan aca fhèin.
Faodaidh luchd Gàidhlig a thèid air tursan-iùil innealan-làimhe a chleachdadh gus barrachd ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA: “Tha sinn moiteil mar Phàrlamaid às a bhith fosgailte is follaiseach agus is e adhbhar-gàirdeachais a tha ann an t-seirbheis mu dheireadh le cosgais do luchd-tadhail gu Taigh an Ròid a thoirt air falbh.
“Tha sinn an dòchas gun toir seo air fìù barrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn is a dh’fhaicinn na Pàrlamaid dhaibh fhèin.”
|
|
Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba |
Bidh sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ toirt seachad sheirbheisean Gàidhlig do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh foillseachaidhean. Tha Pàrlamaid na h-Alba air plana Gàidhlig reachdail ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Faodaidh tu sgrìobhadh no fònadh don Phàrlamaid sa Ghàidhlig: 0131 348 5395; gaidhlig@scottish.parliament.uk. |
| |
|