Comataidhean
Tha na comataidhean aig cridhe obair na Pàrlamaid – a’ cruinneachadh fianais bho luchd-fianais, a’ sgrùdadh reachdas agus a’ dèanamh rannsachadh. Bidh a’ mhòr-chuid de chomataidhean a’ coinneachadh gach seachdain no cola-deug, mar as tric air Dimàirt no madainn Diciadain, ann an aon de na seòmraichean comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba – no ann an diofar àiteachan air feadh na h-Alba. Tha a’ chuid as motha de na coinneamhan fosgailte don phobaill – leanaibh an ceangal seo airson fiosrachadh air ciamar as urrainnear a dhol gu coinneamh comataidh.
Airson fiosrachadh air na comataidhean fa leth – ballrachd, obair an-dràsta agus anns an àm ri teachd, aithisgean agus pàipearan eile – taghaibh a’ chomataidh a tha sibh ag iarraidh bho aon de na liostaichean gu h-ìosal.
Airson fiosrachadh air comataidhean agus mar a tha iad ag obair, faicibh Obair nan Comataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Comataidhean Àithnteil
Tha na raoin-ùghdarrais aca air an stèidheachadh anns na Gnàth-riaghailtean.
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh air athchuingean poblach a thèid a chur don Phàrlamaid an co-rèir ris na Riaghailtean seo agus, gu h-àraidh —
(a) co-dhùnadh, nuair a dh’èireas eas-aonta, a bheil athchuinge ceadaichte;
(b) co-dhùnadh ciamar bu chòir athchuinge poblach ceadaichte a làimhseachadh; agus
(c) ath-bhreithneachadh leantaileach a dhèanamh air obrachadh siostam nan athchuingean. |
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air cùisean a bhuineas ri co-ionnanachd chothroman agus ri co-ionnanachd chothroman a chumail sa Phàrlamaid.
Anns na Riaghailtean seo tha, "co-ionnanachd chothroman" a’ gabhail a-steach bacadh, dèanamh às do, no smachd a chumail air, claon-bhreith eadar dhaoine air adhbhar gnè no staid phòsta, cinneadh, ciorram, aois, gnèithealachd, cànan, clas sòisealta no feartan pearsanta eile, a’ gabhail a-steach creideamh agus beachdan leithid creideamh cràbhach no beachdan poilitigeach. |
Is e raon-ùghdarrais na Comataidh Eòrpaich is Chùisean Taobh A-muigh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air -
(a) molaidhean airson reachdas Choimhearsnachdan Eòrpach;
(b) buileachadh reachdas Choimhearsnachdan Eòrpach;
(c) cùis sam bith a bhuineas ris na Coimhearsnachdan Eòrpach no an Aonadh Eòrpach;
(d) leasachadh agus buileachadh ceanglaichean na Rianachd Albannaich ri dùthchannan is roinnean thall thairis air Alba, na Coimhearsnachdan Eòrpach (agus na stèidhean aca) agus buidhnean eadar-nàiseanta eile; agus
(e) co-òrdanachadh gnìomhan eadar-nàiseanta na Rianachd Albannaich.
(Gnàth-riaghailtean Pàrlamaid na h-Alba, Riaghailt 6.8) |
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air fo-reachdas a thèid a chur air beulaibh na Pàrlamaid; Ionnstramaid Reachdail Albannach sam bith nach eil air a chur air beulaibh na Pàrlamaid ach a tha ga mheas coitcheann a thaobh brìgh, agus gu h-àraidh, co-dhùnadh am bu chòir aire na Pàrlamaid a thoirt gu gin dè na cuisean air an do rinneadh luaidh ann an Riaghailt 10.3.1; cumhachdan a tha gam moladh a thaobh fo-reachdas a chruthachadh, gu h-àraidh Bilean no reachdas eile a tha ga mholadh; ceistean coitcheann a’ buntainn ri cumhachd a thaobh fo-reachdas a chruthachadh; agus co-dhùnadh am bu chòir cumhachdan air an tiomnadh ann am Bilean no reachdas àraidh a chur an cèill mar chumhachd a thaobh fo-reachdas a chruthachadh. |
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris a) a bheil giùlan buill an co-rèir ris na Riaghailtean seo agus Còd Giùlain sam bith airson bhall, cùisean a’ buntainn ri com-pàirt bhall, agus cùisean sam bith eile a’ buntainn ri giùlan bhall nuair a tha iad a’ coileanadh an dleastanais phàrlamaidich; (b) gabhail ris, atharrachadh agus cur an sàs Còd Giùlain sam bith airson bhall; agus (c) cùisean a’ buntainn ri lìonadh dhreuchdan poblach ann an Alba.
2. Nuair a tha a’ Chomataidh ga mheas iomchaidh, faodaidh iad, le gluasad, moladh còraichean agus sochairean buill a tharraing air ais gu ìre, agus airson ùine, a thèid a mhìneachadh anns a’ ghluasad.
|
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air aithisgean/sgrìobhainnean air molaidhean airson, no buidseatan de, chaiteachas poblach, no airson rùintean atharrachadh cìs; aithisgean comataidh a’ buntainn ri caiteachas poblach; agus bilean Buidseit; agus clàr-ama (fo ùghdarras) airson bhilean den leithid agus làimhseachadh gnothach ionmhasail; agus cùis sam bith eile a’ buntainn ri, no a’ toirt buaidh air, caiteachas na Rianachd Albannaich no caiteachas sam bith eile a thig à Maoin Bhonntaichte na h-Alba. |
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air-
(a) cunntasan ionmhasail sam bith a thig air beulaibh na Pàrlamaid;
(b) aithris sam bith a thèid a chur air beulaibh na Pàrlamaid, no a thèid a dhèanamh don Phàrlamaid, le Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba; agus
(c) sgrìobhainn sam bith eile a thèid a chur air beulaibh na Pàrlamaid a tha a’ buntainn ri riaghladh ionmhais, cunntasachd agus sgrùdadh a’ buntainn ri caiteachas poblach.
2. Chan fhaod ball sam bith de Riaghaltas na h-Alba, no fo-Mhinistear Albannach sam bith, a bhith na bhall den Chomataidh agus chan fhaod ball sam bith a tha a’ riochdachadh pàrtaidh a tha ann an Riaghaltas na h-Alba a bhith na neach-cathrach air a’ Chomataidh
|
Comataidhean Cuspaireil
Tha na raoin-ùghdarrais aca air an stèidheachadh anns na Gnàth-riaghailtean.
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air (a) rianachd ceartas eucoireach agus catharra, sàbhailteachd coimhearsnachd, agus a h-uile gnothach eile a thig an lùib ùghdarras Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais agus (b) gnìomhan a’ Mhorair Tagraidh, ach na gnìomhan aice mar ceann siostaman nan casaidean eucoir agus rannsachadh bàis ann an Alba.
|
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air cùisean a bhuineas ri còmhdhail, bun-structar agus atharrachadh aimsir a thig an lùib ùghdarras Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais agus Fàs Seasmhach.
|
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air àiteachas, iasgach agus leasachadh dùthchail agus a h-uile gnothach eile a thig an lùib ùghdarras Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd. |
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air eaconamaidh, iomairt, connadh agus turasachd na h-Alba agus a h-uile gnothach eile a thig an lùib ùghdarras Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais agus Fàs Seasmhach, seach na feadhna a thig fo raon-ùghdarras Comataidh na Còmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Aimsir agus na Comataidh Riaghaltais Ionadail is Choimhearsnachdan.
|
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air (a) àrd-fhoghlam agus foghlam adhartach, ionnsachadh fad-beatha, sgoiltean, cùram ro-sgoile, sgilean agus a h-uile gnothach eile a thig an lùib ùghdarras Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-beatha; agus (b) gnothaichean a’ buntainn ri cultar agus na h-ealain a thig an lùib ùghdarras Ministear na h-Eòrpa, Chùisean Taobh A-muigh agus Cultar.
|
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air (a) maoineachadh agus lìbhrigeadh riaghaltas ionadail agus seirbheisean ionadail agus dealbhadh; agus (b) taigheadas, ath-bheòthachadh, iomairtean an aghaidh na bochdainn agus gnothaichean eile (seach spòrs) a thig an lùib ùghdarras Ministear nan Coimhearsnachdan agus Spòrs. |
Is e raon-ùghdarrais na comataidh a bhith a’ beachdachadh agus ag aithris air (a) poileasaidh slàinte agus Seirbheis na Slàinte ann an Alba agus a h-uile gnothach eile a thig an lùib ùghdarras Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte agus Maitheas Beatha agus (b) gnothaichean a’ buntainn ri spòrs a thig an lùib ùghdarras Ministear nan Coimhearsnachdan agus Spòrs. |
Co-ghnàths eadar Clàrcan Comataidh agus Oifigearan Riaghaltas na h-Alba
Tha an co-ghnàths seo air a dhealbh airson frèam-obrach a stèidheachadh airson rèiteach ciamar a bu chòir na comataidhean pàrlamaideach agus an Riaghaltas obair còmhla. Is e a phrìomh adhbhar dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh a’ gluasad gu fosgailte eadar a’ Phàrlamaid agus an Riaghaltas. Tha e cuimsichte air seirbheisean Clèireach na Pàrlamaid agus an luchd-obrach freagarrach anns an Riaghaltas. Chithear an co-ghnàths cuideachd air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.
Comataidhean Làithreach aig Pàrlamaid na h-Alba
Tha a’ chiad liosta a’ sealltainn nan comataidhean a chaidh a stèidheachadh airson an t-seisein seo den Phàrlamaid – na comataidhean cuspaireil, aig a bheil raoin-ùghdarrais stèidhichte air dleastanasan nan roinnean Riaghaltais, agus na comataidhean àithnteil, aig a bheil raoin-ùghdarrais stèidhichte ann an gnàth-riaghailtean na Pàrlamaid. Tha an dàrna liosta a’ sealltainn nan comataidhean Bhilean Prìobhaideach làithreach a chaidh a stèidheachadh airson beachdachadh air Bilean àraidh.
|