Select here to go directly to the document text
 
  
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gnothaichean Pàrlamaideach
 
Cuspairean Co-cheangailte
   Geàrr-chunntasan an t-Seòmair-deasbaid
   Geàrr-chunntasan Comataidh

An Seòmar-deasbaidFàilte gu duilleag-dachaigh nan Gnothaichean Pàrlamaideach. Gheibh thu fiosrachadh an seo mu na gnothaichean a thèid air adhart anns a’ Phàrlamaid, an dà chuid aig làn-choinneamhan na Pàrlamaid agus anns na Comataidhean. Airson làn-fhiosrachaidh mu ghnothaichean gnàthaichte agus ri thighinn thoir sùil air Iris-ghnothaichean.

Gheibhear fiosrachadh an seo mu choinneamhan na Pàrlamaid anns an t-Seòmar, a’ toirt a-staigh clàran-gnothach de ghnothaichean ri thighinn, Aithisgean Oifigeil agus Geàrr-chunntas gnothaichean na Pàrlamaid. Tha geàrr-chunntasan de coinneamhan uile na Pàrlamaid, an dà chuid ann an comataidhean agus anns an t-Seòmar-deasbaid, rim faighinn anns a’ Ghàidhlig.

Bheir na duilleagan comataidh fiosrachadh seachad agus ceanglaichean gu gach Comataidh anns a’ Phàrlamaid, a’ toirt a-staigh clàran-gnothach nan coinneamhan ri thighinn, mion-fhiosrachaidh mu rannsachaidhean agus tachartasan com-pàirteach coimhearsnachd.

Gheibhear gluasadan agus atharrachaidhean gu h-iomlan a chaidh a chuir air adhart le BPA agus air an do bheachdaich a’ Phàrlamaid an seo còmhla ri ceistean and freagairtean iomlan na Pàrlamaid.

Gheibhear suidheachadh gnàthaichte reachdas agus molaidhean reachdail iomlan fo sgrùdadh na Pàrlamaid air an duilleag bhilean. Faodaidh tu cuideachd am fiosrachadh as ùire fhaighinn a thaobh athchuingean agus gheibh thu a-mach mar a chuireas tu athchuinge-dealain chun na Pàrlamaid.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air gach raon cuspair air a bheil a’ Phàrlamaid a’ beachdachadh an dràsta le bhith a’ dol gu Pàipearan Rannsachaidh.

Is e Biùro na Pàrlamaid, a’ bhuidheann a bhios, a-measg rudan eile, a’ moladh de na cuspairean a thèid a dheasbad anns an t-Seòmar.

Na dìochuimhnich gu bheil cùisean Phàrlamaid na h-Alba gu h-iomlan rim faicinn air TBh Taigh an Ròid.

Cinn-latha Fosaidh:

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA


Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 06 Sultain 2010
Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh dha na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-seachdain a’ tighinn.
Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach gu na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal).
Tha e comasach cùisean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìn aig www.holyrood.tv

Gabhaibh aire do na puingean a leanas

Tha grunn chomataidhean a’ sireadh bheachdan bho dhaoine aig a bheil ùidh ann am bilean, sgrùdaidhean comataidh agus ceumannan pàrlamaideach. Faigh tuilleadh a-mach ann an roinn Co-chomhairleachaidhean Gnàthaichte air an làrach-lìn againn le bhith a’ putadh an seo.

An t-seachdain seo anns an t-Seòmar-deasbaid

Thoir an aire gum feum a’ Phàrlamaid cead a thoirt do ghnothaichean san t- Seòmar an t-seachdain seo.

Diciadain 8 Sultain 2010

1.00f Àm-cnuasachaidh – Ailean J Burns, Lieut. Colonel, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le Aithris bhon Prìomh Mhinisteir: Prògram Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Prògram Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Bhall – S3M-6542 Gil NicPheadrais: 25mh Ceann-bliadhna de Urras Bàs Cot na h-Alba

Diardaoin 9 Sultain 2010

9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Lèirmheas air Buidseit No-eisimeileach

11.40m Àm nan Ceist Coitcheann

12meadhan-là Ceistean a' Phrìomh-mhinisteir

2.15f Àm nan Ceist Cuspaireil
Ionmhas agus Fàs Seasmhach

2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba a’ leantainn: Lèirmheas air Buidseit Neo-eisimeileach

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00F Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – S3M-6881 Gavin MacIlleDhuinn: Cosgaisean Leigeil-às aig Port-adhair Dhùn Èideann

Coinneamhan nan comataidhean

 

Comataidh Bile Taic Deireadh Beatha (Alba)
7 Sultain 2010
4mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1.

1. Bile Taic Deireadh Beatha (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho —
An t-Ollamh Georg Bossard, Òraidiche ann am Modhannan Lèigheis aig Oilthigh Zurich agus aig Fachhochschule Gesundheit WE'G;
An t-Àrd Ollamh Màrtainn Buijsen, Àrd-ollamh Lagh Slàinte, Institiud Poileasaidh agus Riaghlaidh Slàinte, Erasmus Universiteit Rotterdam;
An t-Ollamh Rob Jonquière, a bha na Àrd-oifigear aig NVVE (Comann Còir Bàis Duidseach) agus Stiùiriche Conaltraidh, Caidreachas Comainn Còir Bàis na Cruinne;
An t-Àrd Ollamh Penney Lewis, Àrd-ollamh na Lagha, Sgoil na Lagha agus Ionad Lagh agus Modhannan Lèigheis, Colaisde an Rìgh, Lunnainn;

Agus an uair sin bho —
Am Morair MacAoidh à Clashfern;
Adrian Ward, Neach-gairm, Comataidh Slàinte Inntinn agus Ciorram, Comann Lagha na h-Alba;

Agus an uair sin
(gun a bhith ro 5.00f)
bho—
An t-Àrd Ollamh Linda Ganzini, Àrd-ollamh agus Àrd-eòlaiche Leigheas-inntinn agus Leigheas, Ionad Modhannan Cùram Slàinte aig Oilthigh Slàinte is Saidheans Oregon;
Deborah Whiting Jaques, Stiùiriche Gnìomh/CEO, Comann Hospice Oregon.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 14 Sultain, thathas an dùil gun cum a’ Chomataidh orra a’ gabhail fianais bheòil mun Bhile.

Comataidh a' Cheartais
7 Sultain 2010
23mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2.

1. Fo-reachdas: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-ionnstramaidean àicheil a leanas —
Riaghailtean Atharrachaidh Taic Lagh Eucoir (Cosgaisean Stèidhichte) (Alba) 2010 (SSI 2010/237);
Riaghailtean Atharrachaidh Taic Lagh Eucoir (Cosgaisean Stèidhichte) (Alba) (Àir. 2) 2010 (SSI 2010/267);
Òrdugh Bòrd Smàlaidh is Teasairginn na Monaidh Ruaidh (Uidheaman Ainmichte) (Alba) 2010 (SSI 2010/252).

2. Prògram-obrach Coimisean na h-Eòrpa: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Mìcheal Clancy, Stiùiriche Ath-leasachadh an Lagha, Comann Lagh na h-Alba;
Julia Bateman, Ceannard Oifis Chomainn Lagha na RA sa Bhruiseal;
Iain MacDhonnchaidh, Oifigear Eòrpach, Pàrlamaid na h-Alba.
Thig a’ Chomataidh an uairsin gu co-dhùnadh am beachdaich iad air na prìomh theamaichean ag èirigh bhon t-seisean fianais agus aithne fhaighinn air obair leantainneach gu prìobhaideach aig an ath choinneimh aca.

3. Co-dhùnadh mu bhith a’ gabhail gnothaichean gu prìobhaideach: Co-dhùnaidh a’ Chomataidh am bu chòir don bheachdachadh aca air tagraichean airson dreuchd comhairliche mu dhreachd de bhuidseit Riaghaltas na h-Alba 2011-12 a ghabhail gu prìobhaideach aig an ath choinneimh.

4. Co-dhùnadh mu bhith a’ gabhail gnothaichean gu prìobhaideach: Co-dhùnaidh a’ Chomataidh am bu chòir cuspairean 7 is 8 an gabhail gu prìobhaideach agus cuideachd am bu chòir do bheachdachadh sam bith air prìomh theamaichean ag èirigh bho fhianais sgrìobhte no bheòil a fhuair iad aig Ìre 1 de Bhile Dìolaidh (Alba) a ghabhail gu prìobhaideach aig coinneamhan san àm ri teachd.

5. Bilean Bhuill — cosgaisean fianaisean: Thèid iarraidh air a’ Chomataidh ùghdarras a thoirt don Neach-gairm rèiteachadh a dhèanamh leis an SPCB cosgaisean fianais sam bith a phàigheadh fo Riaghailt 12.4.2, a thaobh Bile Dìolaidh (Alba), Bile Mì-ghnàthachaidh Dachaigheil (Alba), Bile Coimiseanair Luchd-fulaing agus Luchd-fianais (Alba) no Bile Binn Eucoir (Càin Co-ionnan) (Alba).

6. Bile Dìolaidh (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho—
Graeme Garrett, Comataidh Comain, Comann Lagha na h-Alba.

7. Bile Dìolaidh (Alba): Beachdaichidh a' Chomataidh air an fhianais sgrìobhte a fhuaras gu ruige seo agus co-dhùnaidh iad cò don toir iad cuireadh airson fianais bheòil a thoirt seachad aig a’ choinneimh aca air 21 Sultain 2010.

8. Bile Dìolaidh (Alba): Beachdaichidh a' Chomataidh air na prìomh theamaichean ag èirigh bhon fhianais bheòil a fhuair iad na bu thràithe sa choinneimh.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 14 Sultain, thathas an dùil gum faigh a’ Chomataidh fianais bheòil a thaobh Bile Dìolaidh (Alba) aig Ìre 1 bho Choimisean Lagha na h-Alba agus Damh nan Tagraichean.

Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh
7 Sultain 2010
10mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 10.30m ann an Seòmar Comataidh 6.

1. A’ foillseachadh chom-pàirtean: Thèid iarraidh air Mgr Frang Mac an Bhiataigh BPA agus Bill MacUilleam BPA com-pàirtean iomchaidh sam bith fhoillseachadh.

2. A’ taghadh Leas-neach Gairm: Taghaidh a’ Chomataidh Leas-neach Gairm.

3. Co-dhùnadh mu bhith a’ gabhail gnothaichean gu prìobhaideach: Co-dhùnaidh a’ Chomataidh am bu chòir cuspairean 5, 6, 7, 8 is 9 an gabhail gu prìobhaideach.

4. Iris a’ Bhruiseil: Beachdaichidh a' Chomataidh air Iris a’ Bhruiseil.

5. Sgrùdadh Ceangail Eadar-nàiseanta: Beachdaichidh a' Chomataidh air fianais sgrìobhte a fhuaras airson an sgrùdaidh.

6. Sgrùdadh Ceangail Eadar-nàiseanta: Beachdaichidh a' Chomataidh air an rèiteachadh airson an turas aca chun Bhruiseil.

7. Ro-innleachd Eòrpach Pàrlamaid na h-Alba: Beachdaichidh a' Chomataidh air mar a sheallas iad air a bhith a’ dèanamh obair leantainneach ag èirigh bhon aithisg aca air Cùmhnant Lisbon.

8. Prògram-obrach: Beachdaichidh a' Chomataidh air a’ phrògram-obrach aca.

9. Roinneadh sheataichean BPE: Beachdaichidh a' Chomataidh air mar a thathas a’ roinneadh sheataichean BhPE anns an RA.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 21 Sultain, thathas an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh air prìomhachasan Ceannas a’ Bheilg air Comhairle na h-Aonaidh Eòrpa le Tosgaire a’ Bheilg san RA.

Comataidh Cùisean Dùthchail agus an Àrainneachd
7 Sultain 2010
18mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 1.30f ann an Ionad Buccleuch, Langholm

1. Fo-reachdas: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-ionnstramaidean àicheil a leanas —
Riaghailtean Atharrachaidh Toraidhean Bheathaichean (In-mhalairt Treas Dùthcha) (Alba) 2010 (SSI 2010/225)
Riaghailtean Ceò Lionn-sgaoilidh (Alba) 2010 (SSI 2010/236).

2. Bile Àrainneachd Fiath-bheathaichean agus Nàdarra (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho —
An t-Ollamh Cailean Shedden, Stiùiriche, Comann Losgaidh agus Glèidhteachas Bheatainn an Alba;
Libby NicAnndrais, Stiùiriche Poileasaidh, Tagraichean airson Bheathaichean;
Ailig Hogg, Comann Gheamairean na h-Alba;
Mìcheal Flynn, Àrd-stiùireadair, Comann Casg An-iochd Bheathaichean na h-Alba;
An t-Ollamh Adhamh Mac a’ Ghobhain, Stiùiriche, Urras Glèidhteachais Sitheann is Fiath-bheathaichean;

Agus an uair sin bho—
Robbie Dùbhghlas Mac a’ Mhuilleir, agus Calum Strang Steel, Comann Seilbh Dùthchail agus Gnìomhachais na h-Alba;
Ionatan Hall, Ceannard Poileasaidh Dùthchail, Aonadh Nàiseanta nan Tuathanaach an Aba.

3. Bile Àrainneachd Fiath-bheathaichean agus Nàdarra (Alba) (gu prìobhaideach): Beachdaichidh a' Chomataidh air an fhianais a fhuair iad na bu thràithe sa choinneimh.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 15 Sultain, thathas an dùil gun cum a’ Chomataidh orra a’ beachdachadh air Bile Àrainneachd Fiath-bheathaichean is Nàdarra (Alba) le bhith a’ gabhail tuilleadh fianais bheòil. Thathas cuideachd an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh air trì ionnstramaidean adhartach.

Comataidh an Ionmhais
7 Sultain 2010
18mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 6.

1. Buidheann Lèirmheas Buidseit No-eisimeileach na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Crawford Beveridge CBE, Neach-gairm Panal Lèirmheas Buidseit No-eisimeileach;
Sir Niall Mac an Tòisich CBE, Ball den Phanal Lèirmheas Buidseit No-eisimeileach.

2. Bile Dìolaidh (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Meòmhrachan Ionmhais Bile Dìolaidh (Alba) bho —
Uilleam Butler BPA;
Syd Mac a’ Ghobhainn, agus Laura Blane, Luchd-lagha Mhic Thòmais.

3. Co-dhùnadh mu bhith a’ gabhail gnothaichean gu prìobhaideach: Co-dhùnaidh a’ Chomataidh am bu chòir dhaibh beachdachadh air dreachd de dh’aithisg a thaobh Meòmhrachan Ionmhais Bile Dìolaidh (Alba) gu prìobhaideach aig coinneamhan san àm ri teachd agus am bu chòir dhaibh beachdachadh air a’ phrògram-obrach aca gu prìobhaideach aig an ath choinneimh aca.

4. Ìre Ro-innleachd a’ Bhuidseit 2011-12: Beachdaichidh a' Chomataidh air freagairt bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh na h-aithisg aca air Ìre Ro-innleachd a’ Bhuidseit 2011-12.

5. Fo-reachdas: Beachdaichidh a' Chomataidh air an t-ionnstramaid àicheil a leanas —
Òrdugh fo Achd Ath-leasachadh Seirbheisean Poblach (Alba) 2010 (Atharrachaidhean Toraidh) 2010 (SSI 2010/222).

6. Bile Còraichean Euslainteach (Alba) (gu prìobhaideach): Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de dh’aithisg air Meòmhrachan Ionmhais Bile Còirichean Euslainteach (Alba).

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 14 Sultain, thathas an dùil gum faigh a’ Chomataidh fianais bheòil bho Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is Fàs Seasmhach a thaobh Lèirmheas Buidseit No-eisimeileach.

Comataidh nan Athchuingean Poblach
7 Sultain 2010
12mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2.

1. Beachdachadh air athchuingean ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean ùra a leanas —

PE1336 Sàbhail air Bradan fiadhaich agus air Bric Mhara an taobh an iar na Gàidhealtachd. Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Lawson Devery; Pòl Knight agus Seòras Holdsworth, Comann Bhradan is Bhreac
PE1340 Ag àrdachadh ìre dìon dualchas chraoibhe na h-Alba. Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Iain Scott, Comhairle Coimhearsnachd Neilston agus an Sgìre; agus
Jill Butler, Urras Fearann Coille
PE1337 Cunntasachd buidhne poblach do threas phàrtaidhean san roinn phrìobhaideach
PE1341 Sgrùdadh poblach cosgais bliadhnail le Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1342 Sgrùdadh air Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1343 Sgrùdadh air Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1344 Sgrùdadh air Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1345 Sgrùdadh air Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1346 Sgrùdadh air Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1347 Sgrùdadh air Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1348 Sgrùdadh air Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1349 Sgrùdadh air Ombudsman Seirbheis Poblach na h-Alba
PE1350 Tilleadh stiùir sàbhailte Uallas

2. Beachdachadh air athchuingean gnàthaichte: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean gnàthaichte a leanas—
PE812 Sruighlea ro phòlaichean
PE1159 Cùram slàinte do sheann shaighdearan cogaidh a’ Chamais
PE1171 Binn àithneil airson eucoir sgine
PE1313 Giùlan sgian – rach don phrìosan
PE1175 Ùrachadh air an A92
PE1189 Inbhean taigheadais màl shòisealta
PE1247 A’ toirt a-steach Caraid MhicCoinnich do chùirtean na h-Alba
PE1249 Flataichean pàrtaidh
PE1253 Dìoladh mì-chùraim ro-NHS
PE1258 Frèam maoineachaidh nas cothromaiche airson na roinne saor-thoileach
PE1308 Miseanan malairt maoinichte gu poblach gu Israel
PE1320 Ag atharrachadh cuairt-litir dealbhaidh 3/2009
PE1321 A’ riaghladh làraichean Dubh-shiùbhlaich/luchd-siubhail
PE1322 A’ teagasg dannsa agus coidseadh ann an sgoiltean agus cholaisdean
PE1323 Ionadan coimhearsnachd airson muslamaich Shia na h-Alba
PE1325 Togail iomhaigh do Thòmas Muir

3. Beachdachadh air athchuingean ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air pàipear a bhios a’ nochdadh mu na h-athchuingean ùra a chaidh an cur a-steach bhon choinneimh Comataidh mu dheireadh.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneimh aca air 13 Sultain, thathas an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh air athchuingean ùra a thaobh cur às do for-chosgais bus oidhche air seann dhaoine; sgaoileadh fòn làimhe ann an sgìrean dùthchail; agus am Bratach-croise air Caisteal Dhùn Èideann. Thathas an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh cuideachd air athchuingean gnàthaichte a thaobh seirbheisean dochann eanchainn; atharrachadh air Earrann 51 de Achd Smàlaidh (Alba) 2005; riaghladh thaighean le mòran luchd-còmhnaidh; còirichean daonna airson tuathanaich bainne; aois leigeil às dreuchd dhaibhsan aig a bheil oifis breithneachaidh; sàbhaladh maoineachadh charthannasan; dìon sprèidh so-leònte; marbhadh eòin spùinnidh mi-laghail; ag adhartachadh ceannach èignichte seilbh trèigte agus a’ cuideachadh sheirbheisean èiginn beathan euslaintich dùthchail an cùmhnadh.


Comataidh an Fho-reachdais
7 Sultain 2010
23mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 4.

1. Co-dhùnadh mu bhith a’ gabhail gnothaichean gu prìobhaideach: Co-dhùnaidh a’ Chomataidh am bu chòir cuspair 5 a ghabhail gu prìobhaideach.

2. Dreachd de dh’ionnstramaidean a’ feitheamh cead: Beachdaichidh a' Chomataidh air na leanas —
Òrdugh fo Achd Dreuchdan Poblach is Buidhnean Poblach msaa. (Alba) 2003 (Làimhseachadh Oifis no Buidheann Ainmichte) (Àir. 2) 2010 (SSI 2010/dreachd).

3. Ionnstramaidean a’ feitheamh neonitheachaidh: Beachdaichidh a' Chomataidh air na leanas —
Òrdugh Comhairle mu Chomhairle Leigheasail Coitcheann (Cur thairis Seilbh, Còirichean is Uallachaidhean, Cosgaisean is Tabhartasan) 2010 (SI 2010/1618);
Òrdugh Comhairle mu Òrdugh Leigheasail 2010 (Clàradh – Briathran Eadarail) 2010 (SI 2010/1619);
Òrdugh mu Òrdugh Leigheasail 2010 (Teisteanasan Leigheasail Eòrpa Ceadaichte) 2010 (SI 2010/1620);
Òrdugh Comhairle mu Òrdugh Leigheasail 2010 (Tòiseachadh Àir. 2) 2010 (SI 2010/1621 (C. 85));
Riaghailtean Taic Lagh Eucoir (Cosgaisean) (Alba) 2010 (SSI 2010/270);
Riaghailtean Sgìrean Smachd Ceò (Connadh Ceadaichte) (Alba) 2010 (SSI 2010/271);
Riaghailtean Sgeama Taic Sgìrean as Lugha Fàbhar (Alba) 2010 (SSI 2010/273);
Riaghailtean Atharrachaidh Mòdan-ceartais Feumalachdan Taic a Bharrachd an Alba (Cleachdadh is Ceumannan) (Àir. 2) 2010 (SSI 2010/274);
Riaghailtean Atharrachaidh Taic a Bharrachd airson Ionnsachaidh (Plana Co-òrdanaichte agus Fuasgladh Connspaid) (Alba) 2010 (SSI 2010/275);
Òrdugh Taic a Bharrachd airson Ionnsachaidh (Buidhnean Iomchaidh agus Bun Fiosrachaidh) (Alba) Atharrachadh air Cinn-làtha Tòiseachaidh 2010 (SSI 2010/276);
Riaghailtean Atharrachaidh Cunntasan Carthannais (Alba) 2010 (SSI 2010/287);
Òrdugh Comhairle mu Chomhairle Leigheasail Coitcheann (Riaghailtean Comataidh Tagraidh) 2010 (SI 2010/1614);
Òrdugh Comhairle mu Chomhairle Leigheasail Coitcheann (Freagarrachd Cleachdaidh is Dì-chòireachaidh msaa.) 2010 (SI 2010/1615);
Òrdugh Comhairle mu Chomhairle Leigheasail Coitcheann (Riaghailtean Comataidhean Reachdail is an Comhairlichean) 2010 (SI 2010/1616);
Òrdugh Comhairle mu Chomhairle Leigheasail Coitcheann (Riaghailtean Clàraidh) 2010 (SI 2010/1617);
Òrdugh Sgìrean Smachd Ceò (Làraichean Teine Dol Saor) (Alba) 2010 (SSI 2010/272);
Riaghailtean Foghlaim (Làimhseachadh Iasadan Oileanach aig Cur gu Taobh) (Alba) 2010 (SSI 2010/300);
Riaghailtean Atharrachaidh Tagraidhean Maitheis is Slàinte (Alba) 2010 (SSI 2010/307);
Riaghailtean Atharrachaidh Cur Ri Bhitamain, Mèinnearach agus Stuthan eile (Alba) 2010 (SSI 2010/308).

4. Ionnstramaidean nach deach an cur fa chomhair na Pàrlamaid: Beachdaichidh a' Chomataidh air na leanas —
Òrdugh fo Achd Ceartas Eucoir is Ceadachaidh (Alba) 2010 (Tòiseachadh Àir. 1) 2010 (SSI 2010/297 (C. 15));
Òrdugh Foghlaim (Taic a Bharrachd airson Ionnsachaidh) (Alba) 2009 (Tòiseachadh Àir. 2) 2010 (SSI 200/277 (C. 14));
Achd Suidhe (Riaghailtean Cùirt an t-Siorraidh) (Atharrachaidhean Measgaichte) 2010 (SSI 2010/279);
Achd Dàileachaidh (Atharrachadh Riaghailtean Eucoir Àir. 2) (Taisbeanadh Tagraidhean Binn ann an Sgrìobhadh) 2010 (SSI 2010/309);
Achd Suidhe (Cùirt Tagraidh Luach Fearainn) 2010 (SSI 2010/310).

5. Bile Àrainneachd, Fiadh-bheathaichean agus Nàdarra (Alba): Beachdaichidh a' Chomataidh air freagairt Riaghaltas na h-Alba fa chomhair phuingean a chaidh an togail a thaobh na tha sa Bhile seo aig Ìre a thaobh cumhachdan tiomnaichte, agus na tha ann an dreachd den aithisg.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 14 Sultain, thathas an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh air fo-reachdas na h-Alba.


Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd
8 Sultain 2010
23mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 09.30m ann an Seòmar Comataidh 2.

1. Co-dhùnadh mu bhith a’ gabhail gnothaichean gu prìobhaideach: Co-dhùnaidh a’ Chomataidh am bu chòir cuspair 6 a ghabhail gu prìobhaideach.

2. Ath-leasachadh Urras Nàiseanta na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
An Fhìor Urramach Seòras MacIlleRuaidh.

3. Sgrùdadh a thaobh measaidh Tilleadh Dhachaigh 2009 agus An Cruinneachadh: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
An t-Ollamh Geoff Riddington, Stiùiriche, Grid Economics (Alba) Earranta.

4. Sgrùdadh Turasachd: Beachdaichidh a' Chomataidh air nota adhartachaidh bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh molaidhean a chaidh an dèanamh mar phàirt de sgrùdaidh na Comataidh an lìbhrigeadh agus fianais fhaighinn bho —
Ridsard Arnott, Ceannard Aonad Turasachd, Riaghaltas na h-Alba;
Eddie Brogan, Ceannard Sgioba Turasachd Iomairt na h-Alba, Iomairt na h-Alba;
Riddell Greumach, Stiùiriche Com-pàirtean Ro-innleachdach, VisitScotland.

5. Taic na roinne poblaich do dh’ asmhailtearan, malairt eadar-nàiseanta agus tàladh airson tasgaidh a-staigh (gu prìobhaideach): Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de dh’aithisg.

6. Lèirmheas bunaiteach mu adhbhar buidheann iomairt agus soirbheachas ath-leasachaidhean o chionn ghoirid – cur an dreuchd comhairliche: Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de raon-ùghdarrais, ainmeachadh-neach agus liosta de thagraichean airson dreuchd comhairliche co-cheangailte ris an sgrùdaidh aca air na buidhnean iomairt.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 15 Sultain, thathas an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh air mar a sheallas iad air Sgrùdadh na Buidhne Iomairt agus air Bile Dìon Luchd-obraich (Alba). Beachdaichidh a' Chomataidh cuideachd air leasachaidhean o chionn ghoirid anns an roinn seirbheisean bancaidh is ionmhais.

Comataidh Foghlaim, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar
8 Sultain 2010
21mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6.

1. Bile Àrainneachd Eachdraidheil (Atharrachadh) (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho —
Lucy Blackburn, Stiùiriche a’ Bhile, Buidheann Poileasaidh, Bill McQueen, Manaidsear a’ Bhile, Buidheann Poileasaidh, agus Barbara Cummins, Leas-àrd Neach-sgrùdaidh, Alba Aosmhor;
Emma NicThòmais, Prìomh Oifigear Lagha, Roinn Luchd-lagha Riaghaltas Ionadail agus Leasachaidh, Riaghaltas na h-Alba.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 15 Sultain, thathas an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh air Bile Àrainneachd Eachdraidheil (Atharrachadh) (Alba) agus air latha 1 de Ìre 1 de Bhile Èisteachdan Cloinne (Alba).

Comataidh Slàinte is Spòrs
8 Sultain 2010
23mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 5.

1. Co-dhùnadh mu bhith a’ gabhail gnothaichean gu prìobhaideach: Co-dhùnaidh a’ Chomataidh am bu chòir cuspair 4 a ghabhail gu prìobhaideach.

2. Fo-reachdas: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-ionnstramaidean àicheil a leanas —
Riaghailtean Atharrachaidh na Seirbheis Slàinte Nàiseanta (Comataidhean Ceannsachaidh) (Alba) 2010 (SSI 2010/226);
Riaghailtean Atharrachaidh na Seirbheis Slàinte Nàiseanta (Mòd-ceartas) (Alba) 2010 (SSI 2010/227);
Riaghailtean Atharrachaidh Bòrd Cleachdaidh Fiaclach na h-Alba 2010 (SSI 2010/228);
Riaghailtean Atharrachaidh na Seirbheis Slàinte Nàiseanta (Trèanadh Àite-obrach airson Cleachdadh Fiaclach Coitcheann) (Alba) 2010 (SSI 2010/229) agus
Riaghailtean Atharrachaidh na Seirbheis Slàinte Nàiseanta (Mòd-ceartas) (Alba) (Àir 2) 2010 (SSI 2010/266).

3. Bile Còraichean Euslàinteach (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho —
Lauren Murdoch, Stiùiriche Sgioba Bile Còirichean Euslainteach, Fiona NicGumraid, Ceannard Roinn Taic Euslainteach is Com-pàirt, Alastair Pringle, Ceannard Fòcas Euslainteach is Co-ionannachd, Màiread NicDhonnchaidh, Stiùiriche Poileasaidh Amannan Feitheamh, agus Caitlin Preston, Neach-lagha Cùraim Slàinte is Coimhearsnachd, Seirbheis Stiùiridh Lagha, Riaghaltas na h-Alba;

Agus an uair sin bho —
Cairistiona Lang, Seirbheis Comhairle is Taic Neo-eisimeileach (IASS) Neach-obrach Leasachaidh, agus Suzanne Dyer, Neach-obrach Cùise Seirbheis Comhairle is Taic Neo-eisimeileach (IASS), CAN Na Poballan, Comhairle Saoranaich na h-Alba; Ealasaid NicDhòmhnaill, Prìomh Oifigear Poileasaidh, Fòcas Luchd-ceannach na h-Alba; Seumas Màrtainn, Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba.

4. Sgrùdadh air Dreachd Buidseit 2010-11 – Cur comhairliche an dreuchd (gu prìobhaideach): Beachdaichidh a' Chomataidh air liosta thagraichean airson dreuchd comhairliche buidseit.

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 14 Sultain, thathas an dùil gum faigh a’ Chomataidh fianais bheòil a thaobh Bile Alcol msaa. (Alba). Coinnichidh a’ Chomataidh a-rithist air 15 Sultain gus tuilleadh beachdachaidh a dhèanamh air fianais bheòil mus beachdaich iad air atharrachaidhean aig Ìre 2 air Bile Alcol msaa. (Alba).


Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan
8 Sultain 2010
19mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1.

1. Sgrùdadh air Dreachd Buidseit 2010-11: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Lèirmheas No-eisimeileach a’ Bhuidseit bho —
Crawford Beveridge CBE, Neach-gairm, agus Sir Niall Mac an Tòisich CBE, Ball, Panal Lèirmheas Buidseit Neo-eisimeileach.

2. Bile Siamarlain Seilbh (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho—
Dàibhidh Ogilvie, Manaidsear Poileasaidh is Ro-ìnnleachd, Caidreachas Buidhnean Taigheadais na h-Alba;
Ailig Middleton, Stiùiriche Riaghlaidh, Comann Greenbelt Earranta;
Dàibhidh MacIlleRuaidh, Rùnaire a’ Chompanaidh, Oifis na h-Àrd Oifigear, Comann Taigheadais Hanover;
Lorraine NicDhòmhnaill, Leas-cheann Suidhe, Comann Mhanaidsearan Seilbh na h-Alba.

3. Fo-reachdas: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-ionnstramaidean àicheil a leanas —
Riaghailtean Sgeama Peinnsean Riaghaltas Ionadail (Riaghladh agus Tasgaidh Ionmhais) (Alba) 2010 (SSI 2010/233);
Riaghailtean Atharrachaidh Sgeama Peinnsean Riaghaltas Ionadail (Alba) 2010 (SSI 2010/234).

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 15 Sultain, thathas an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh air Bile Siamarlan Seilbh (Alba) agus air Fo-reachdas.

Comataidh Sgrùdadh Poblach
8 Sultain 2010
13mh Coinneimh, 2010

Coinnichidh a’ Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4.

1. A’ foillseachadh chom-pàirtean: Thèid iarraidh air Mgr Frang Mac an Bhiataigh BPA com-pàirtean iomchaidh sam bith fhoillseachadh.

2. Co-dhùnadh mu bhith a’ gabhail gnothaichean gu prìobhaideach: Co-dhùnaidh a’ Chomataidh am bu chòir cuspairean 5, 6 is 7 an gabhail gu prìobhaideach.

3. Aithisg Earrann 23 – Lèirmheas air seirbheisean cnàimhe: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh aithisg Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba leis an t-ainm "Lèirmheas air seirbheisean cnàimhe" bho —
Iain Connaghan, Stiùiriche Lìbhrigeadh Slàinte, An t-Ollamh Earraid Burns, Àrd-oifigear Leigheis, agus Stìobhan Gallagher, Leas-stiùiriche Lìbhrigeadh Slàinte, Riaghaltas na h-Alba;
Cailean Mac an t-Sealgair, Stiùiriche Ceannach Nàiseanta, NHS Seirbheisean Nàiseanta na h-Alba.

4. Aithisg Earrann 23 – A’ cleachdadh dhotairean ionaid ann an ospadalan: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh na h-aithisg aige leis an t-ainm "A’ cleachdadh dhotairean ionaid ann an ospadalan".

5. Beachdachadh air fianais - Lèirmheas air seirbheisean cnàimhe: Beachdaichidh a' Chomataidh air an fhianais a fhuair iad aig cuspair 3 air a’ chlàr-gnothach.

6. Beachdachadh air sealladh - A’ cleachdadh dhotairean ionaid ann an ospadalan: Beachdaichidh a' Chomataidh air mar a sheallas iad air aithisg Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba leis an t-ainm "A’ cleachdadh dhotairean ionaid ann an ospadalan".

7. Beachdachadh air sealladh – An Cruinneachadh 2009: Beachdaichidh a' Chomataidh air mar a sheallas iad air seiseanan fianais ri thighinn a thaobh aithisg Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba leis an t-ainm "An Cruinneachadh 2009".

8. Aithisg Earrann 23 – Ath-shealladh air coileanadh an NHS ann an Alba 2008/09 (gu prìobhaideach): Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de dh’aithisg bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba leis an t-ainm "Ath-shealladh air coileanadh an NHS ann an Alba 2008/09".

Gnothaichean rim moladh san àm ri teachd
Aig an ath choinneamh aca air 15 Sultain, thathas an dùil gum beachdaich a’ Chomataidh air tuilleadh ullachaidhean bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh na h-aithisgean a dh’fhoillsich e o chionn ghoirid.