Gairm Fianais – Bile Deoch-làidir (Pris as ìsle) Alba

Gairm Fianais – Bile Deoch-làidir (Pris as ìsle) Alba

1 Samhain 2011

Chaidh am Bile a thoirt a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba 31 Dàmhair 2011.

Is e prìomh adhbhar a’ Bhile prìs air a' char as ìsle a thoirt a-steach airson deoch-làidir fo nach fhaodar deoch-làidir a reic ann an aitreabhan ceadaichte. Thèid a’ phrìs as ìsle a shocrachadh a rèir neart na dibhe, tomhas na dibhe agus na prìse as ìsle airson gach aonaid.

Airson barrachd fiosrachaidh mun Bhile agus ma na sgrìobhainnean na chois, faicibh Bile Deoch-làidir (Prìs as ìsle) (Beurla).

Clàr-ama

Sgaoil a’ Chomataidh gairm air fianais 1 Samhain 2011.

Fianais

Thathar a’ cur fàilte air fianais bho dhaoine fa leth cho math ri buidhnean is buidhnean proifeiseanta. Tha a’ Chomataidh an dùil gun cuidich fianais a gheibhear ris a’ bheachdachadh a nì i air a’ Bhile aig Ìre 1.

Thèid na freagairtean air fad a chur fa chomhair na Comataidh.

Bu chòir gun toireadh freagairtean aghaidh air gin sam bith no a h-uile gin de na puingean a leanas mu seach—

  • Buannachdan agus a chaochladh a thaobh prìs air a’ char as ìsle airson reic na dibhe a rèir aonaid den deoch a stèidheachadh;
  • An ìre aig am bu chòir a leithid de phrìs as ìsle a shocrachadh agus an reusanachadh airson na h-ìre sin;
  • Nithean sam bith eile an lùib a’ Bhile.

Mar a chuireas sibh fianais a-steach

Cha bu chòir gun nochdadh beachdan mun Bhile nas fhaide na Diluain, 12 Dùbhlachd 2011.

Bu chòir beachdan a chur, uimhir is a ghabhas e dèanamh, ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu Healthandsport.committee@scottish.parliament.uk

Tha Pàrlamaid na h-Alba a' cur fàilte air fianais anns a' Ghàidhlig.

Faodar beachdan a chur ann an cruth cruaidh gu: Comataidh Slàinte agus Spòrs, T3.60, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann EH99 1SP

Cha bu chòir gum biodh beachdan nas motha na ceithir taobhan de A4 de dh’fhaid.

Dè bhios a’ tachairt an uair sin?

An dèidh dhi beachd a ghabhail air na beachdan a gheibhear, aontaichidh a’ Chomataidh clàr de sheiseanan fianais-labhairt, a thèid a chumail san Fhaoilleach 2012, thathar an dùil.