Sùil air dealbhan an Lùnastal seo aig Taigh an Ròid

29.07.2013

Thèid sùil gheur a thoirt air dealbhan aig Taigh an Ròid an Lùnastal seo nuair a bhios Pàrlamaid na h-Alba mar a’ chiad ionad anns an Rìoghachd Aonaichte – agus an aon Phàrlamaid air feadh an t-saoghail – a chumas Taisbeanadh cliùiteach Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail bho a-màireach (Dimàirt  30 Iuchar 2013).

Faodar tadhal air Taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail an-asgaidh agus e a’ nochdadh feadhainn de na h-ìomhaighean as drùidhtiche agus as smuaineachaile a chaidh a thogail ann an 2012. Am measg nan dealbh tha an ìomhaigh le Paul Hansen a thug a-mach a’ bhuaidh, ìomhaigh annasach de bhuidheann fhireannach ann an Cathair-bhaile Ghaza a’ giùlan chorp gu mosque gus an tiodhlacadh.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:

“Tha naidheachd tro dhealbhan a’ leigeil leinn eugsamhlachd an t-saoghail fhaicinn. Ged a tha feadhainn de na h-ìomhaighean seo a’ sealltainn strì is cràdh mhic-an-duine, tha feadhainn eile a’ glacadh buaidh agus annas ann an nàdar is spòrs. Ge b’ e dè an cuspair a tha ann, tha ìre agus cumhachd nan ìomhaighean a thathar a’ taisbeanadh gun choimeas.

“Is e ìre agus comas-brosnachaidh nan ìomhaighean a bhios a’ tarraing nam mìltean de luchd-tadhail a thighinn ga fhaicinn aig Taigh an Ròid gach bliadhna. Tha sinn moiteil às a bhith mar an aon Phàrlamaid anns an t-saoghal a chumas an taisbeanadh agus gun toir sinn a’ chiad chothrom do mhuinntir na Rìoghachd Aonaichte na h-ìomhaighean seo fhaicinn.”

Tha an taisbeanadh a’ ruith bho Dhimàirt 30 Iuchar gu Didòmhnaich 25 Lùnastal, agus a’ Phàrlamaid fosgailte Diluain gu Disathairne bho 10m gu 8f (agus Didòmhnaich 25 Lùnastal), a bheir barrachd tìde do luchd-tadhail tighinn agus an taisbeanadh fhaicinn. Thàinig còrr is 34,000 de luchd-tadhail gu Taigh an Ròid ann an 2012.

Tha e ga ruith aig an aon àm ri Fèis Phoilitigs (Dihaoine 23 gu Didòmhnaich 25 Lùnastal) aig am bi tachartas ceangailte ri dealbhadaireachd An Ìomhaigheag mu Dheireadh: Buaidh na h-Ìomhaigheachd air an 20mh agus an 21mh Linn. Am measg an luchd-labhairt tha Stephen Mayes, a bha na Rùnaire air Britheamhan nan Dealbh, an t-Oll Martijn Kleppe, a bha na neach-obrach aig WPP agus Olivier Laurent bho Iris Dealbhadaireachd Bhreatainn.

Thuirt Maarten Koets, Leas-stiùiriche air Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail:

“Tha sinn cho riaraichte gum bi Pàrlamaid na h-Alba turas a-rithist eile mar phrìomh ionad na Rìoghachd Aonaichte agus an cothrom a thoirt don fheadhainn a tha a’ fuireach, ag obair no air chuairt ann an Dùn Èideann an Lùnastal seo na dealbhan iongantach seo fhaicinn. Leis an fheadhainn seo de dh’ìomhaighean a thug a-mach na duaisean tha e mar amas dhuinn tuigse air an t-saoghal sam beò sinn a spreagadh agus cuidichidh an seisean aig Fèis Phoilitigs gus sgrùdadh a dhèanamh air an àite chudromach a tha aig dealbhadaireachd nar beath uile.”

Òraid Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail: An Ìomhaigheag mu Dheireadh: Buaidh na h-Ìomhaigheachd air an 20mh is 21mh Linn

Didòmhnaich 25 Lùnastal 10.30 – 12.00. £5.00/£3.50

Bheir an t-Oll Martijn Kleppe bho Oilthigh Erasmus, Rotterdam, a bha na neach-obrach aig Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail, òraid seachad air mar a tha an eachdraidh agus saoghal an latha gan riochdachadh ann an ìomhaighean-dealbhadaireachd. Còmhla ri Martijn bidh Stephen Mayes, a bha na Stiùiriche air Buidheann-gnìomha Dealbhadaireachd VII agus na Rùnaire air Britheamhan nan Dealbh, cho math ri Olivier Laurent, Leas-dheasaiche an Gnìomh air Iris Dealbhadaireachd Bhreatainn.

www.fèisphoilitigs.org.ra

Cùl-fhiosrachadh

Agus e air a bhith ann 56 bliadhna a-nis, is e Farpais Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail an fharpais as fheàrr anns an t-saoghal airson luchd-naidheachd tro dhealbhan, a’ socrachadh inbhe don dreuchd. Tha am breitheanas ga dhèanamh aig oifis Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail san Tìr Ìseal.

Bidh an fharpais a’ tarraing oidhirpean bho dhealbhadairean-naidheachd is bho luchd-aithriseachd dreuchdail air feadh an t-saoghail, le 5,666 de luchd-dealbhadaireachd à 124 dùthchannan an sàs am-bliadhna le 103,481 de dhealbhan air an cur a-steach ron cheann-latha mu dheireadh am meadhan an Fhaoillich.

Thug na britheamhan duaisean ann an 9 roinnean a rèir chuspairean do 54 dealbhadairean à 33 dùthchannan à Argentina, Astràilia, a’ Bheilg, Brazil, Canada, Chile, Sìona, Poblachd nan Seiceach, an Danmhairg, an Fhraing, a’ Ghearmailt, na h-Innseachan, Indonesia, Iran, an Eadailt, Jordan, Malaysia, Mexico, Crìochan Phalestine, an Tìr Ìseal, Peru, a’ Phòlainn, Portugal, an Ruis, Serbia, Afraga a Deas, an Spàinn, an t-Suain, an Eilbheis, an Tuirc, an Rìoghachd Aonaichte, USA, agus Vietnam.

Le mu 100 taisbeanadh ionadail gan cruthachadh gach bliadhna, is e turas taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail an tachartas ceangailte ri dealbhadaireachd as motha tarraing anns an t-saoghal.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.