Tha Geàrr-chunntas nan Imeachdan na chlàr foirmeil den ghnothach uile a ghabhar is de na toraidhean ag èirigh à co-dhùnadh, dealachadh no taghadh sam bith a chumar. Is e an clèireach a bhios a’ cur a’ gheàrr-chunntais ri chèile do gach coinneamh den Phàrlamaid agus gach coinneamh a chumas na comataidhean. Tha seo ga fhoillseachadh agus ri fhaotainn air an làrach-lìn an latha an dèidh a h-uile coinneimh den Phàrlamaid no den Chomataidh.
Gus sealltainn air Aithisg Oifigeil de Choinneamhan na Pàrlamaid, rachaibh do raon nan Aithisgean Oifigeil againn agus gus sealltainn air Aithisg Oifigeil coinneamhan nan Comataidhean, rachaibh gu Duilleagan nan Comataidh.